Seachdain na Gàidhlig a’ leigeil ris a’ chànain sa phrìomh bhaile

Ceoladairean air an ard-urlar aig Seachdain na Gaidhlig an-uiridh. Tha feis am-bliadhna a tachairt an t-seachdain-sa.

Ceoladairean air an ard-urlar aig Seachdain na Gaidhlig an-uiridh. Tha feis am-bliadhna a tachairt an t-seachdain-sa.

Share this article
0
Have your say

Bidh Seachdain na Gàidhlig a’ comharrachadh na Gàidhlig ann am prìomh bhaile na h-Alba. Le tachartasan a bhios a’ cur na Gàidhlig aig a chridhe, a’ sealltainn gum bi an cànan eachdraidheil seo a’ toirt buaidh air Dùn Èideann san latha a th’ ann an-diugh, tha mi a’ mèorachadh air cho cudromach ‘s a tha an fhèis. Agus chan eil àite nas fheàrr airson meòrachadh mar seo a dhèanamh na ann an colbh Gàidhlig pàipeir nàiseanta, air a chlò-bhualadh ann an Dùn Èideann fhèin. Dhòmhsa, mar oileanach PhD ann an Oilthigh Dhùn Èideann, tha dàimh gu math dlùth eadar a’ Ghàidhlig agus Dùn Èideann. Chan e a-mhàin cànan nan Eilean Siar a th’ innte, ach cuideachd cànan ar prìomh bhaile. Agus tha mi an dòchas gum fairich agus faic sibh an dàimh sin aig tachartasan Seachdain na Gàidhlig.

Tha Dùn Èideann ainmeil mar bhaile nam fèisean – na fèisean as motha san t-saoghal gu dearbh – agus bidh daoine a’ tighinn às gach ceàrnaidh den t-saoghal airson an obair aca a shealltainn an seo – ealain, ceòl, cleasachd – agus tha fhios gur ann tric a bhios blasad den chultar aca fhèin anns an obair seo. Chan eil eiseimpleir nas fheàrr de seo na Mela – fèis cultar nan Innseachan. Gu dearbh, tha fèis Jazz agus Blues ann cuideachd – ceòl à Ameireaga. Ach dè mu dheidhinn cultar na h-Alba fhèin? Nuair a thèid sinn sìos am Mìle Rìoghail, cha tig stad air na h-ìomhaighean Albannach – an tartan, na fèilidhean, na pìoban, an t-uisge-beatha … Tha Dùn Èideann glè thoilichte a bhith Albannach agus eadar-nàiseanta aig an aon àm. Chan eil mòran Gàidhlig ann, ge-tà. Ma thèid thu gu Caerdydd no Baile Àth Cliath, chì thu gu bheil na cànanan dùthchasail acasan nam pàirt mòr den àite – fèin-aithne nan daoine. Gu tradaiseanta, bha Dùn Èideann ag iarraidh a h-uile rud a bha Albannach, ach an cànan. Ach chan eil cànan agus cultar dealaichte ri chèile. Bidh cànan a’ buntainn do chultar agus tuigidh sinn cultaran tron chànan aca. Càit a bheil a’ Ghàidhlig? Mar phrìomh bhaile na h-Alba, feumaidh Dùn Èideann a bhith a’ riochdachadh nan Gàidheal – an t-iomadh Gàidheal a bhios a’ fuireach, ag obair, ag ionnsachadh agus a’ nochdadh air an àrd-ùrlar anns a’ bhaile – gu dearbh, sa Ghalltachd air fad, cho math ri àite sam bith air a’ Ghàidhealtachd.

Uill, an t-seachdain seo – thòisich i an-dè – bidh Seachdain na Gàidhlig againn ann an Dùn Èideann. Prìomh bhaile na h-Alba, baile nam fèisean, a’ sealltainn moit às a’ chultar dhùthchasail aice. Bidh an t-sluagh-ghairm againn – a’ dèanamh fèill air a’ Ghàidhlig ann am baile nam fèisean gu h-eachdraidheil agus san latha an-diugh – a’ cur nar cuimhne gu bheil an cànan cudromach an seo. Agus tha a’ Ghàidhlig a’ buntainn dhuinn uile – Gàidheil, Albannaich, daoine eadar-nàiseanta. Tha sinn èolach air rudan co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig – na cèilidhean, an cèol agus ainmean-àite. Ach, a-nis, gheibh sinn an cothrom am pàirt a bhios a’ Ghàidhlig a’ cluich sa h-uile rud a tha seo a chomharrachadh.

Tha am facal whisky a’ tighinn bho uisge-beatha, agus bidh an cothrom blasad uisge-bheatha Diardaoin an 17mh a’ sealltainn nan ceanglaichean a th’ aig a’ Ghàidhlig ris an uisge-bheatha agus na h-ainmean-àite a bhios a’ nochdadh air botail uisge-bheatha. Bidh na h-Albannaich a’ bruidhinn agus ag òl na Gàidhlig a h-uile latha – agus òlaidh sinn deoch-slàinte na Gàidhlig aig an tachartas seo!

Bidh oidhche film againn Diciadain an 16mh. Cothrom ‘Shepherds of Berneray’ fhaicinn a-rithist agus ‘Tron Doras’ – comadaidh car dorch sa Ghàidhlig. Bidh na daoine a rinn am film ann airson ceistean a fhreagairt, agus gheibh sinn a-mach mar as urrainn dhuinn a’ Ghàidhlig a riochdachadh ann am film: mar phrìomh chuspair prògraim aithrisich, no meadhan comadaidh. Agus thig beachdan ùra an-àird a thaobh cleachdadh a’ chànain ann am film tron Q&A – gu sònraichte às dèidh glainne fìona no dhà!

Ma bhios tu a’ leughadh seo, tha fhios gum bi thu mar-thà dèidheil air rudan Gàidhlig, ach tha an t-àm ann airson a’ Ghàidhlig a bhith am measg nam fèisean sa bhaile, an cànan a’ nochdadh air an àrd-ùrlar, mar gum b’ eadh, ann am prìomh bhaile na h-Alba. Tha fhios againn gum bi tachartasan mar seo cudromach. Tha an saoghal feumach air fèisean agus fèilltean, a’ faighinn tlachd à tachartasan sònraichte. ’S urrainn dhuinn soirbheachas nan Gàidheal a chomharrachadh, agus sinn a’ smaoineachadh mu dheidhinn an àite a th’ aig a’ Ghàidhlig ann an eachdraidh, agus ann an Alba san latha an-diugh agus, gu dearbh, ann am baile nam fèisean.

Airson barrachd fiosrachaidh: www.seachdainnagaidhlig.com

GAELIC GUIDE FOR LEARNERS

Children’s books in Gaelic - 2

This week we look at the beginning of Sgeulachd Pheadair Rabaid (The Tale of Peter Rabbit) where the reader is introduced to the lagomorphic family, to see examples of the various ways in which the names of characters can be rendered into Gaelic.

“Aon uair bha ceithir rabaidean beaga ann - Flopsaidh, Mopsaidh, Earball-Canaich, agus Peadar. Bha iad a’ fuireach còmhla ri am màthair ann an toll anns a’ ghainmhich fo chraoibh mhòir giuthais.” (Once there were four small rabbits – Flopsy, Mopsy, Cottontail and Peter. They were living with their mother in a hole in the sand under a large pine tree.) (Beatrix Potter, Sgeulachd Pheadair Rabaid, translated from the English by Seumas Ruairidh MacDhòmhnaill.)

Notes: Translators have a variety of ways in which they can to deal with proper nouns. Names such as Peter, which have an established Gaelic version are the most straightforward to deal with (‘Peadar’). Those such as ‘Cottontail’, which have a literal definition can be turned into meaningful Gaelic (‘Earball-Canaich’ – literally ‘the Tail of Cotton’). And the pronunciation of nonsense names like ‘Flopsy’’ and ‘Mopsy’ can be imitated in Gaelic spelling (‘Flopsaidh’ and ‘Mopsaidh’).

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning.

O chionn 80 bliadhna – on Weekly Scotsman, 14 Samhain 1936

Cidheachan is Rathaidean

Chan eil ceàrn de’n Ghàidhealtachd is feumaiche air cidheachan agus rathaidean na na h-Eileanan, oir tha dòmhladas sluaigh an sin nach faighear ach ainneamh air tir-mór. Tha adhart air a dhèanamh an dòighean eile, ach, a thaobh an dà ghoiris so, tha cùisean ach beag mar a bha iad o cheann nam ficheadan bliadhna.

C’arson a tha cùisean mar so tha e duilich a ràdh. Bha geallaidhean air an toirt seachad o àm gu àm, ach is glé bheag a chaidh a dhèanadh, go sònruicht a thaobh chidheachan. Theagamh nach bi móran feum orra an ùine gun a bhi fada, oir tha bàtaichean-athair a’ dol an lìonmhorachd agus tha na h-Eileanan air tì an cuid féin fhaighinn dhiubh. Is e puirt-athair is mò air am bi de mhiadh na puirt-mhara mu’n téid a bheag de bhliadhnachan seachad, agus bidh iad na’s fhasa dheilbh na cidheachan. A thaobh rathaidean bidh feum orrasan daonnan, agus dh’fhaoidte gu’m faighear iad uidh air n-uidh, a réir is mar a bhios comasan na Stàide dol am meud. An iomadh seòl eile tha suidheachadh na Gàidhealtachd a’ dol am feabhas gu bras, ach chan fhaod sinn sgur de bhi ’g iarraidh tuillidh de chomhfhurtachd agus de shòlasan.

Cha chòir a bhi làn riaraichte leis na th’ againn air neo fàsaidh sinn coltach ri uisge tàimh, gun bhlas, gun chumhachd. Am fear is mò a shireas is e is dòcha faighinn.

Back to the top of the page