Rathad nan Eilean: bho Dhùn Phris chun an Eilein Sgitheanaich

Fiona Larg, Priomh Oifigear Gniomha agus Runaire Oilthigh na Gaidhealtachd s nan Eilean, a buileachadh Duais Comunn na Gaidhealtachd an Lunnainn air Iain Howieson aig ceumnachd Shabhal Mor Ostaig 2014
Fiona Larg, Priomh Oifigear Gniomha agus Runaire Oilthigh na Gaidhealtachd s nan Eilean, a buileachadh Duais Comunn na Gaidhealtachd an Lunnainn air Iain Howieson aig ceumnachd Shabhal Mor Ostaig 2014
Share this article
0
Have your say

Rugadh mi tràth sna leth-cheudan ann an Dùn Phris – nach eil air a’ Ghàidhealtachd, ged a bha Gàidhlig ann là dhan robh an saoghal – agus thogadh mi an siud. Nuair a bha mi nam dheugaire, dh’fhàs mi gu math dèidheil air cultar na h-Alba: chan eil fhios ’am carson, ach fhad ’s a bha mo chomhaisean ag èisteachd ri ceòl pop, b’ fheàrr leamsa Archie Fisher agus Barbara Dickson (a bha fhathast a’ seinn nan càraid), The Boys of the Lough (le Dick Gaughan fhathast na bhall), agus Ewan MacColl’s Peggy Seeger.

Dh’fhàs mi eòlach cuideachd air ainm eile aig an àm sin – ainm aig a bheil cliù mòr fhathast: Hamish Henderson. Leugh mi gun d’ fhuair e iomadh òran mìorbhaileach bho sheinneadairean nach robh air a bhith ainmeil idir taobh a-muigh nan coimhearsnachdan aca – nam measg Jeannie Robertson agus Jimmy Macbeath. Bha mi air mo bheò-ghlacadh leotha, agus le daoine eile den leithid. B’ fheàrr leamsa èisteachd ri bodach ann an oisean an taigh-sheinnse na Mick Jagger no John Lennon – mas e òran math tradaiseanta Albannach a bha e a’ gabhail.

Fhad ’s a bha mi ag èisteachd ri stuth Albais mar sin, dh’èist mi cuideachd ri Dolina Maclennan agus Flora MacNeil – agus nan robh mi dèidheil air òrain Albais, ar leam gun robh òrain Ghàidhlig dìreach brèagha. Gu mì-fhortanach, cha robh a’ Ghàidhlig idir agam, agus mar sin ’s ann air na fuinn agus air na h-eadar-theangachaidhean a bha am beachd sin stèidhichte.

Ach bha mi an dòchas gun rachadh an suidheachadh seo atharrachadh nuair a chaidh mi a dh’oilthigh Dhùn Èideann ann an 1971: sa chiad bhliadhna agam, bha dà chùrsa ann a bha ainmichte agus riatanach; ach bha roghainn eile agam, agus thagh mi cùrsa ùr, a bha a’ tòiseachadh a’ bhliadhna ud – “Oral Literature and Popular Tradition 1”, ann an Sgoil Eòlais na h-Alba.

Sa chùrsa seo, rinn sinn sgrùdadh air òrain agus sgeulachdan Albais, agus air eadar-theangachaidhean de dh’òrain is sgeulachdan Gàidhlig. Agus thuirt iad gum biodh cothrom againn beagan Gàidhlig ionnsachadh, ann am “Beginners’ Gaelic”. Mar sin, thòisich mi sa chlas ud, ach gu mì-fhortanach aig aois 18 cha robh mi misneachail gu leòr mu dheidhinn nan clasaichean agam, agus às dèidh beagan sheachdainean dh’fhàg mi, is mi ag ràdh rium fhìn gun dèanainn tilleadh Gàidhlig là air choreigin eile.

San eadar-àm, chosg mi deichead no dhà nam neach-teagaisg agus lem theaghlach, ach ann an 1998 fhuair mi obair san Eilean Sgitheanach, agus chaidh mi a Shabhal Mòr Ostaig airson cùrsa ghoirid as t-samhradh. Thairis air na h-ath chòig bliadhna deug, rinn mi cùrsa an sin bho àm gu àm, le beàrnan mòra eatarra. Sna beàrnan ud, bhithinn a’ dìochuimhneachadh na bha mi air ionnsachadh!

Ach nuair a leig mi dhìom mo dhreuchd, thàinig cothrom eile – cothrom da-rìribh. Bha mo bhean fhathast ag obair, agus chan eil fhios ’am an robh i a’ smaointinn nach robh mi trang gu leòr; ach, co-dhiù no co-dheth, bha mi a’ teannadh dlùth ri là-breith sònraichte, agus ars ise, “’S e là-breith sònraichte a tha gu bhith agad am-bliadhna; bu toigh leam preusant sònraichte a cheannach dhut: am b’ fheàrr leat leum-bungee no bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig?” Cha robh agam ri smaoineachadh idir: chan eil mi math air àitichean àrda!

Mar sin, thòisich mi nam oileanach làn-ùine aig SMO san Lùnastal 2013. Bha tè sa chlas a bha 24, tè eile a bha 22, agus ’s e 17 no 18 a bha a h-uile duine eile. Agus mise – nam bhodach gruamach, nach robh a leth cho fileanta ’s a bha iadsan aig an robh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig fad bhliadhnaichean. Tha cuimhne mhath aig mo mhnaoi dè an staid a bh’ ormsa sa chiad seachdain no dhà – aodann geal, mo cheann na bhrochan, is mi a’ smaoineachadh gun robh mi ann an suidheachadh gu tur ceàrr. Ach bha na h-òraidichean foighidneach agus cuideachail; bha na h-oileanaich òga taiceil agus brosnachail; agus mean air mhean, beag air bheag, rinn mi adhartas agus – aig deireadh na ciad bhliadhna, bhuannaich mi duais airson an adhartais sin.

Sa Chèitean seo chaidh, chuir mi crìoch air an treas bliadhna agam, le duais eile, mar Oileanach na Bliadhna. Tha tòrr agam fhathast ri ionnsachadh, ach tha mi làn toileachais gu bheil comasan agam nach robh agam roimhe. ’S toigh leam cultar nan Gàidheal – gu h-àraid an litreachas aca. Tha mi gu sònraichte dèidheil air bàrdachd, air an duilleig no ann an òran, agus tha i fada nas fheàrr sa chànan san deach a sgrìobhadh na tha i ann am fear gun deach a tionndadh. Tha mi an comain a h-uile duine a th’ air mo chuideachadh agus a th’ air mo bhrosnachadh. Agus an taca ri leum-bungee, a bhiodh seachad ann an diog no dhà, bheir a’ Ghàidhlig beairteas dhomh cho fad ’s a bhios mi beò.

O chionn 80 bliadhna – on Weekly Scotsman, 5 Sultain 1936

Le so tha mi ciallachadh dealachadh an spioraid ris a’ cholainn, agus bha na Gaidheil riamh iomaguineach m’ a thimchioll a chionn nach robh fios aca ro mhath ’dé a thachradh dhaibh an déidh an imrich mhór a dhèanamh. Tha iad mar sinn fhathasd – co dhiubh, mar is trice – agus tha iad ag amharc air a’ bhàs, chan ann mar theachdair sìth ach mar rìgh nan uabhas.

Tha sinn uile ealamh gu bhi ’g amharc tuillidh is fada romhainn a thaobh bàs is beatha. Ar leinn gur rud mì-nàdurra a bhi fàgail an t-saoghail agus a’ teannadh a staigh air beatha eile, ’dé air bith cho sona sa tha i air a riochdachadh dhuinn. Tha sinn a’ call misnich an uair a thig sinn aghaidh ri aghaidh ris a’ ghnothach so, ach cha ghabh e seachnadh agus feumaidh sinn dol ’na choinneamh. Cuin a thig an t-àm, chan eil fios aig neach, ach an uair a bhios e far comhair is dòcha nach bi e cho dona ’sa chuirear air. Dh’fhalbh na h-uiread de na bhuineadh dhuinn air an t-slighe so, agus cha chreid sinn gu’m bheil iad dad na’s miosa dheth na bha iad an uair bu leo an cuid de’n bheatha so tha sinne fhathasd a’ sealbhachadh.

Bha na Gàidheil a’ creidsinn gach nì dheth so, gidheadh, bha iad sònruichte gealtach roimh’n atharrachadh mhór. Tha e ceart do gach creutair a bhi fiamhach, sgàthach, ach tha mùthadh eadar sin agus a bhi beachachadh air daonnan agus ’ga chur an coimeas ri dol am mach á bith.

Gaelic guide for learners: Saying ‘could’ and ‘should’

Last week we explained how to say that someone can do something e.g. Is urrainn dhomh ruith ‘I can run’.

Bu (B’ before a vowel) is the conditional tense of Is and is used to say that you could do something. Examples: B’ urrainn dhomh ruith gu luath nuair a bha mi òg ‘I could run fast when I was young’; B’ urrainn do Mhòraig seinn ach tha i diùid ‘Morag could sing but she is shy’; B’ urrainn do na balaich coiseachd ach bheir mi lioft dhaibh ‘The boys could walk but I will give them a lift’.

Substituting Bu with Am bu and cha bu gives the question and negative forms, respectively. Am b’ urrainn dhuinn taigh ùr a thogail? ‘Could we build a new house?’; Cha b’ urrainn do Sheòras a h-uile rud ithe ‘George couldn’t eat everything’.

Bu with do and its prepositional pronouns are also involved in saying that someone should do something. Examples: Bu chòir do Thòmas fuireach an seo ‘Thomas should stay here’; Bu chòir dhut falbh ‘You should leave’; Am bu chòir do choin iasg ithe? ‘Should dogs eat fish?’; Cha bu chòir dhuibh teicheadh. ‘You shouldn’t run away’.

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning. www.smo.uhi.ac.uk

Place name of the week: Weem - Uaimh/Baile a’ Chlachain

The name of the Parish of Weem (Doilweme in the fourteenth century ‘Dull of Weem’) is now in Gaelic Uaimh, simply meaning ‘cave’. The settlement of Weem itself was known in Scots as Kirktown of Weem and in Gaelic as Baile a’ Chlachain ‘the town of the graveyard’.

Overlooking Weem is Weem Rock or Creag Uaimhe. There is a local tradition of a cave in which the devil - in the form of a red-cloaked man - dwelt. The cave itself was known as Toll nan Trì Nigheanan ‘the cave of the three girls’, relating to a story in which three girls entered the cave, two of whom were never seen again. The cave was said to be connected to another cave several miles to the north-east. Elsewhere on Weem Rock is Creag an t-Seipeil ‘the rock of the chapel’ where Saint Cuthbert was said to have lived.

For more information on this name visit www.ainmean-aite.org