Feumaidh tu barrachd air dithis mus fhaigh thu air tango a chur air dòigh

Sgioba An Tango Mu Dheireadh Ann Am Partaig, le Iain Beggs agus Mairi Mhoireasdan air an ard-urlar agus stiuiriche Muireann Kelly agus sgriobhadair Alison Lang air an taobh dheas. Dealbhan le Eoin Carey.

Sgioba An Tango Mu Dheireadh Ann Am Partaig, le Iain Beggs agus Mairi Mhoireasdan air an ard-urlar agus stiuiriche Muireann Kelly agus sgriobhadair Alison Lang air an taobh dheas. Dealbhan le Eoin Carey.

Share this article
0
Have your say

Le deich latha ri dhol ron chiad taisbeanadh aig Òran Mòr, bha mi a’ coimhead le iongnadh air Màiri Mhoireasdan agus Iain Beggs aig ruith-thairis ann an Rockvilla, togalach ùr Thèatar Nàiseanta na h-Alba.

Seachdain ron a sin bha iad dìreach ag ionnsachadh an tango leis a’ choreographer agus a-nis bha ceòl ann agus bha dràma an lùib nan ceumannan aca, agus cha b’ iad Màiri agus Beggs a bh’ annta tuilleadh ach na caractaran a chruthaich mi fhìn, Moira agus Lachaidh. Bha An Tango Mu Dheireadh Ann Am Partaig a’ tighinn beò.

Tha e furasta gu leòr do sgrìobhadair ciad dreach de sgriobt a chur sìos air pàipear. Is ann nuair a ghabhas companaidh thèatar ris an sgriobt a bhios an obair chruaidh a’ tòiseachadh, agus mus fosgail an dealbh-chluich dhan phoball bidh e air atharrachadh gus nach gabh e aithneachadh tuilleadh. Ach is e sin an t-slighe bho dhuilleig gu taisbeanadh, agus is ann mar sin a bha e leis an dealbh-chluich seo.

San Ògmhios 2016 bha Thèatar Nàiseanta na h-Alba, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, MG ALBA agus BBC ALBA, a’ sireadh thagraidhean airson dealbh-chluich ùir sa Ghàidhlig airson an t-sreatha ‘A Play, A Pie and a Pint’, a bhios ri fhaicinn anns an taigh-sheinns Òran Mòr an Glaschu. Chuir 16 sgrìobhadair a-steach air a shon, agus b’ e an sgriobt agam fhìn a chaidh a thaghadh. Agus bha mi fortanach, oir ged a tha dealbhan-cluiche ùra sa Bheurla rim faicinn a h-uile seachdain, chan ann cho tric a chì sinn dealbh-chluich proifeasanta sa Ghàidhlig.

An-uiridh rinn Theatre Gu Leòr Shrapnel, tionndadh dràma den nobhail le Tormod Caimbeul, air ath-dhealbhachadh airson an àrd-ùrlair le a nighinn Catrìona Lexy Chaimbeul, agus a bhòn-uiridh rinn Pròiseact nan Ealan Sequamur le D. S. Moireach agus rinn Theatre Nàiseanta na h-Alba agus Thèatar Robhanais Uisge-beatha Gu Leòr ann an tionndadh ùr le Iain Fionnlagh MacLeòid. Agus mura h-eil ach aon dealbh-chluich Gàidhlig gu bhith ann gach bliadhna, is e uallach mòr a bhios ann a bhith an sàs anns an dealbh-chluich sin, oir bidh e mar thosgaire dhan chànan, a’ feuchainn ri a dhearbhadh gun gabh dràma ùr dèanamh sa Ghàidhlig sa chiad dol-a-mach, gu bheil an luchd-èisteachd ga iarraidh is gun còrd e riutha, agus gun gabh e tuigsinn le daoine aig nach eil a’ Ghàidhlig – rud nach bi na thrioblaid le Tango, oir tha fo-thiotalan gu bhith ann, no “taobh-thiotalan” bu chòir dhomh a ràdh, a bhios a’ nochdadh air sgàthanan fada air gach taobh den àrd-ùrlar.

Tha Thèatar Nàiseanta na h-Alba air a bhith air leth taiceil do sgrìobhadairean agus cleasaichean Gàidhlig, chan ann a-mhàin le dealbhan-cluich slàna ach le trèanadh agus cothroman leasachaidh. Tha triùir de na sgrìobhadairean Starter For 10 aca a’ leasachadh sgriobtaichean Gàidhlig an-dràsta, agus tha muinntir an Thèatair an-còmhnaidh a’ lorg tàlant ùr a tha a’ riochdachadh farsaingeachd na h-Alba anns a h-uile dòigh. Tha cothroman ann agus tha sin na adhbhar-gàirdeachais.

Ach tha dùbhlain ann cuideachd. Cò bhios a’ nochdadh sna dealbhan-cluich againn? Chaidh Tango a sgrìobhadh airson triùir nan 60an no 70an, ach cha robh cleasaichean den aois cheart ann. Chaidh ath-sgrìobhadh airson chleasaichean na b’ òige, agus dh’atharraich sinn an stòiridh, ach tha cridhe na sgeulachd fhathast mar a bha e. Ach tha ceist nas bunaitiche ann: cò tha a’ dol a phàigheadh airson dràma Ghàidhlig? Leis an dealbh-chluich seo, tha Bòrd na Gàidhlig air cur ri sporan an Thèatair Nàiseanta, agus feumaidh buidseat susbainteach a bhith ann airson taisbeanadh ceart a dhèanamh leis a h-uile duine a bhios san sgioba, bhon stiùiriche (Muireann Kelly san t-seagh seo) is na cleasaichean is am manaidsear-stèidse gu na diofar dhealbhadairean is theicneòlaichean airson fuaim, solais, aodaich is eile, gun ghuth a ràdh air rianachd is margaidheachd is ionad airson ruith-thairis. Agus sin dìreach airson dealbh-chluich bhig ghoirid; dè mu dheidhinn rèidio, telebhisein agus film? Feumar dithis airson tango, ach feumar tòrr a bharrachd airson dràma a thaisbeanadh ann an cruth sam bith.

Agus dà latha mus fosgail sinn, is i a’ cheist as motha a th’ agam, an tig na daoine? An tig luchd na Gàidhlig, muinntir Phartaig, Gàidheil a’ bhaile mhòir? Is e sin a’ choimhearsnachd a bhrosnaich an sgeulachd, agus tha mi ag iarraidh gun còrd e riutha, agus ri luchd na Beurla cuideachd. Agus ma thig mi a-mach à Òran Mòr làn phaidhean is fealla-dhà, a’ smaoineachadh gun còrdadh e riutha dibhearsan eile de a leithid fhaicinn san àm ri teachd, bidh fios agam gu bheil sinn air rudeigin a dhèanamh ceart. Agus bidh dùbhlan ùr againn airson an ath phròiseict.

O CHIONN 80 BLIADHNA - ON WEEKLY SCOTSMAN, 20 GEARRAN 1937

Am Posta Ur

Dh’fhalbh an latha ’sam biodh am posta-coise a’ triall o bhaile gu baile gun uiread is carbad dà-rothach a dhèanamh an astair furasda dha. Dh’fhalbh, mar an ceudna, am posta bhiodh a’ dèanamh a thuruis air muin eich, agus chan eil ann a nis ach carbaid-ola agus uigheaman-siubhail eile air nach robh iomradh idir o cheann leth-cheud bliadhna.

A thaobh litrichean agus fhiosan-dealain, tha ar muinntir a’ mealtainn shochairean a tha iongantach an iomadh dòigh. Chan eil baile mór no beag nach eil am posta ruigheachd a h-uile latha, no cò dhiubh gu math minig; agus tha an wireless a nis dol a dhèanamh a’ chuain mì-chomasach air fiosan-dealain a chumail air an ais eadar tìr-mór agus na h-Eileanan. Bidh Gàidheil a’ gearan air cruas an suidheachaidh, ach is beag an aobhar a thaobh litrichean agus ghoireasan eile de’n t-seòrsa. Tha e cho furasda guth no teachdaireachd a chur o charaid gu caraid ’s a tha dhaibh bruidhinn ri’n coimhearsnach doruis, agus, m’a théid am posta seachad gun iad ’ga fhaicinn, chan eil dhaibh ach fios-dealain a chur an àite na litreach agus bidh e aig a cheann-uidhe an tiota.

Tha aon nì a dhìth air a’ Ghàidhealtachd fhathasd, agus is e sin a cuid litrichean a bhi air an giùlan air an ais is air an aghaidh le bàtaichean-athair. Thig so an aithghearr, agus an sin cha bhi reusan talaich air staid nan clachan a thaobh brath fhaighinn no chur rathad ’sam bith.

GAELIC GUIDE FOR LEARNERS

Scottish Gaelic dialects provide beartas ‘richness’ to the language, so I would like to share some great words and phrases from my own dualchainnt ‘dialect’ from the parish of Geàrrloch (Gairloch) in Ros an Iar (Wester Ross), writes Jamie MacGillEathain.

Gàidhlig Gheàrrloch in terms of pronunciation is very similar to some dialects of Leòdhas (Lewis), but with some irregularities e.g. madainn mhath is pronounced very similar to Islay Gaelic ‘meh-ting veh’.

Being by the coast, Geàrrloch has a lot of Gaelic words connected with the sea and the weather. Here are a few which come to mind:

Na dromannan - this word is used for ‘white horses’, when the tops of the waves are white.

When the rain is lashing down at an angle, we would describe it as marcachd-sian which Roy Wentworth called ‘sheets of rain’, pronounced ‘mehr-kochk shee-on’: Tha marcachd-sian ann ‘there is sideways rain’.

If we were to say when something happened, we might use a-mach ’s a-steach mu (around about …) e.g. Bha marcachd-sian ann a-mach ’s a-steach mu cheithir uairean ‘there was sideways rain around about four o’clock’.

You can imagine that those phrases were probably well-used anns na làithean a dh’fhalbh (in days gone by).

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning

Back to the top of the page