Cothrom air sùil a thoirt air ceist nan oighreachdan mòra air chall

Taigh Dhun Fris fon phrosbaig ann am program aithriseach telebhisein a-chianaibh. Picture: Jane Barlow

Taigh Dhun Fris fon phrosbaig ann am program aithriseach telebhisein a-chianaibh. Picture: Jane Barlow

Share this article
0
Have your say

Tha ITV air tòiseachadh bho chionn greiseig ag ath-chraoladh sreath de phrògraman aithriseach air a bheil an t-ainm Scotland’s Great Estates.

Bidh an t-sreath a’ tòiseachadh le prògram 75 mionaid mu Thaigh Dhùn Phris, an taigh-mòr le 100 seòmar faisg air Cumnaig a chruthaich na bràithrean Adam airson còigeamh Iarla Dhùn Phris. Air a dhearmad agus ann an cunnart tuiteam gu làr, chaidh an togalach a ghleidheadh mar thoradh air iomairt fo stiùir Diùc Bhaile Bhòid agus nan carthannasan aige, nuair a thàinig e am bàrr gun robh an togalach na chomharra air dòigh-beatha taigh-oighreachd san 18mh linn, a’ gleidheadh cha mhòr nam feartan tùsail, innealan, sgeadachaidh agus uidheamachd gu lèir aige.

Tha e air a bhith na dheagh iomairt, taigh a bha faisg air tuiteam às a chèile agus làrach fearainn air a shàbhaladh bho thiorrainteachd agus air a thionndadh, an àite sin, gu bhith na ghoireas coimhearsnachd èifeachdach, na thàladh do luchd-turais agus na ghoireas trèanaidh do dhaoine òga bhon sgìre ionadail agus nas fhaide air falbh.

Tha Cumnaig agus an sgìre mun cuairt fhathast air tè de na sgìrean as cruaidhe a tha air fulang bho chrìonadh a’ ghnìomhachais guala agus tha pròiseact Taigh Dhùn Phris air seallaidhean ùra a thoirt do mhòran san sgìre. Chan e a-mhàin gu bheil e a’ toirt seachad cosnadh, ach trèanadh a bheir cothrom dhaibhsan aig a bheil cosnadh gluasad gu cùrsaichean-beatha fad-ùine, feumail, sàsachail mar thoradh air an cuid eòlais an sin: cothroman a bheir a-steach a bhith ag obair san taigh, sa ghàrradh, nas fharsainge san oighreachd, ann an gnìomhachas tachartasan an togalaich no ann an ionad dìomhair luchd-ealain, gun a bhith a’ toirt iomradh air trèanadh ann an obair-ceàirde tradaiseanta agus ceàirdean a tha co-cheangailte ri riaghladh fearainn agus cumail suas thogalaichean eachdraidheil.

Chan eil mòran teagaimh nach biodh seo idir air tachairt às aonais stiùireadh agus gnìomh pearsanta a’ Phrionnsa a bhith an sàs sa phròiseact, a thug foillseachadh farsaing dha agus a thug luchd-taic beairteach a-steach na chois, ach tha rudeigin a dhìth an seo. Tha na riochdairean gu mòr ann an eisimeil a’ Phrionnsa agus nan carthannasan aige, gun a bhith a’ dèanamh mòran oidhirp a bhith a’ dèiligeadh ri gin de na ceistean soilleir a tha a’ nochdadh bho shusbaint a’ phrògraim fhèin. Bha an luchd-obrach ris an deach bruidhinn gu h-iomlan adhartach nam beachdan mu na cothroman a fhuair iad bhon phròiseact, chun na h-ìre far am faodar fhaighneachd an deach am piobrachadh no an taghadh gu pearsanta airson an teachdaireachd cheart a lìbhrigeadh. Bhathas gu cunbhalach a’ cleachdadh na h-abairt ’atharrachadh beatha’ anns na h-agallamhan sin agus, leis nach robh càineadh idir a’ nochdadh bhuapa, chuir sin sgleò air prògram aithriseach a bha a bharrachd air an sin na ghoireas soillseachaidh air iomairt dualchais a tha gu math cudromach.

Chaidh mòran a ràdh mu na cothroman sin airson ’atharrachadh beatha’. Bha e soilleir gu cinnteach, ge-tà, gun robh na cothroman a bha rim faighinn airson muinntir na sgìre aig an ìre a b’ ìsle a thaobh rangachadh na h-oighreachd. Ach, a-mhàin ann an aon suidheachadh, cha bhuineadh an fheadhainn a bha an sàs ag ìre riaghlaidh a’ phròiseict don sgìre ionadail. Chan eileas idir a’ dol an aghaidh a’ phrionnsabail gum bu chòir do mhanaidsearan a bhith air am fastadh bhon raon a b’ fharsainge de thagraichean comasach agus aig a bheil teisteanasan, ge bith cò às a bhitheadh iad, ach an robh cothrom idir ann neach sam bith le tàlant a thoirt an sàs gu h-ionadail aig na h-ìrean riaghlaidh a b’ àirde?

A thuilleadh air an sin, dh’fhaodte gum bithear a’ dùileachadh gum biodh sreath leis an tiotal ‘Scotland’s Great Estates’ a’ coimhead na b’ fhaide agus na b’ fharsainge na bha am prògram seo. Dh’fhaodte gur e àm math a bha ann sùil a thoirt air cuspair a bha co-aimsireil agus aig amannan connspaideach bhon a h-uile taobh, a’ tighinn aig àm anns an robh ath-leasachadh fearainn gu mòr air a’ chlàr-ghnothaich phoileataigeach.

Aig àm far an deach Co-labhairt air Cleachdadh Fearainn Cheangailte air adhart, fo stiùir Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean ann an Drochaid Charra – gun teagamh an sgeulachd mu ghnothaichean dùthchail a bu mhotha aig an àm – dh’fhaodte prògram telebhisein mu oighreachdan mòra na h-Alba air suidheachadh na b’ fharsainge a thoirt a-steach. Aig an tachartas ud, bha e math a bhith a’ faicinn uachdarain a’ cruinneachadh an cois luchd-ath-leasachaidh fearainn a bha dealasach mun chuspair, ann an spiorad co-obrachaidh.

Nan cois bha ministearan riaghaltais, eòlaichean acadaimigeach, agus riochdairean bho bhuidhnean glèidhteachais, a’ ghnìomhachas turasachd agus na Pàircean Nàiseanta. Choinnich geamairean agus luchd-coilltearachd, tuathanaich agus manaidsearan turasachd, luchd-glèidhteachais agus tagraichean airson Còir Ceannachd Coimhearsnachd còmhla gus feuchainn ris na suidheachaidhean aig càch a chèile a thuigsinn ann a bhith a’ dèiligeadh ris a’ chuspair dhùthchail as motha a th’ ann san àm seo.

Mar sin, tha e mì-fhortanach gun tug am prògram seachad sealladh cho coltach ri Downton Abbey a thaobh riaghladh fearainn ann an Alba. Ged a bha am prògram tarraingeach, spòrsail airson telebhisein cha mhòr gun tug e a-steach fìorantachd an deasbaid a thaobh suidheachadh dùthchail na h-Alba san àm ri teachd mar a thathas ga dheasbad aig an àm seo, agus mar a bhiodh luchd-amhairc an dùil bho thiotal a’ phrògraim.

Ged as e deagh phròiseact a tha ann an Taigh Dhùn Phris, is cinnteach gu bheil cùisean nas motha mu choinneimh oighreachdan mòra na h-Alba na an suidheachadh milis anns a bheil sinn a rèir na sreath seo.

• lIs e Ailean Hay Ceannard a’ Chomainn Rìoghail Cheiltich

www.royalcelticsociety.scot

AN COMUNN GÀIDHEALACH

Tha fichead dòigh air am faodar cuideachadh a dhèanamh leis a’ Chomunn Ghàidhealach, ach is e an dòigh is fhasa agus is fheàrr ar n-airgead a phàigheadh agus a bhith n-ar buill dheth. Chan eil sin cosdail – cóig tasdain ’sa bhliadhna – agus gheibhear an leabhran mìosail ris an abrar an “Gàidheal” saor leis a’ bhargan.

Tha móran dhaoine cumail taice ris a’ “Chomunn” ach is e an còrr a ghabhadh e. Tha na h-uiread ri dhèanamh eadar cainnt is ceòl, agus tha feum air gach neach is urrainn cuideachadh a thoirt seachad.Tha na Gàidheil aig an taigh ag amharc le mór aire air an adhart a thatar a’ dèanamh. Tha iad toileach an làmh a chur ris an obair anns gach rathad a tha comasach, ach chan eil cothrom aca air dol gu coinneamhan no air bratach a thogail an taobh am mach de’n choimhearsnachd aca féin. Gidheadh, is ann an sin a tha’n obair is toirteile ri dhèanamh, oir mur bi ar cainnt air a h-aideach is air a labhairt anns na clachain is faoin gach urram a gheibh i an àiteachan eile. Tha muinntir na Gàidhealtachd a’ fàilteachadh deagh sheirbhis a’ “Chomuinn,” ach is math leò a bhi a’ neartachadh aobhar na Gàidhlig leis na h-oidhirpean is urrainn iad féin a thoirt.

An caochladh àiteachan tha coinneamhan ciùil air an cumail gu minig ré a’ gheamhraidh agus tha eadhoin mòid bheaga air an cur air bonn ann am móran de sgìreachdan agus de bhailtean. Tha buaidh mhaith a’ “Chomuinn” gu soillear ri fhaicinn o cheann gu ceann de’n Ghàidhealtachd. LE AONGHAS MACEANRAIG

Gaelic guide for learners

Many of us have come into contact with Gaelic through reading maps and might wonder what the place-names mean. Most Gaelic place names tell us what a place is like, for example:

Loch Mòr ‘big loch/lake’

Beinn Mhòr ‘big mountain’

Coille Dhubh ‘black wood’

Cnoc Dubh ‘black hill’

You might have wondered why mòr ‘big’ sometimes appears as mòr and sometimes as mhòr. In Gaelic all nouns are either masculine or feminine. The word loch is masculine, and the word beinn is feminine. After masculine nouns the adjective mòr stays the same, but it changes to mhòr after feminine nouns. An h is added after the first letter, and this is called lenition. Other examples you will find if you enjoy the great outdoors are:

Lurg Mhòr - ‘big shin’

Ciste Dhubh - ‘black coffin/kist/chest’

Meall Buidhe - ‘yellow hill’

Bealach Beag - ‘small pass’

But what about Beinn Dearg? Beinn is feminine, so it should be dhearg. But there is a special rule for this: because there is an n at the end of the word beinn and a d at the start of the word dearg, it doesn’t lenite.

• Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning. www. smo.uhi.ac.uk

Place name of the week

Lamlash - Eilean MoLaise

The name of Lamlash (Helantmlaysche late 14th century) on the Isle of Arran has a complex history. The settlement sits on the coast facing Holy Island. The name of the island was of old Eilean MoLaise ‘the island of MoLaise’. MoLaise seems to be the name of the saint, and on Holy Island is a place called St Molaise’s Cave. According to local tradition, St Columba came to the island to visit him.

Over time, Gaelic Eilean MoLaise has turned into English Lamlash, by reduction of an unstressed ‘Eilean Mo-’. The name has also transferred from the island itself to the settlement facing it. To add to this confusion, the name of the town was often referred to locally in Gaelic either as An t-Eilean ‘the island’ or An t-Eilean Àrd ‘the high island’, with the bay of Lamlash being Loch an Eilein ‘the loch of the island’.

• For more information on this name visit Ainmean-Àite na h-Alba at www.ainmean-aite.org

Back to the top of the page