Cothrom air coltas na Pàrlamaid san àm ri teachd a threòrachadh

Dhfhosgladh Togalach Pharlamaid na h-Alba an 2004, an deidh ath-steidheachadh na Parlamaid an 1999
Dhfhosgladh Togalach Pharlamaid na h-Alba an 2004, an deidh ath-steidheachadh na Parlamaid an 1999
Share this article
0
Have your say

Tha 17 bliadhna bhon a chaidh Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadh ann an Dùn Èideann agus tha mòran air atharrachadh ann am beatha na dùthcha agus anns an t-saoghal phoileataigeach bhon uair sin.

Tha dà reifreann chudromach air a bhith ann, aon air neo-eisimeileachd do dh’Alba agus aon air ballrachd Bhreatainn san Roinn Eòrpa. Tha a’ Phàrlamaid fhèin air tuilleadh chumhachdan fhaotainn a thaobh na cìse cosnaidh agus a thaobh shochairean sòisealta.

Nuair a ghabh Coinneach Mac an Tòisich BPA thairis mar Oifigear Riaghlaidh na Pàrlamaid sa Chèitean, shaoil e gun robh an t-àm ann sùil a thoirt air mar a bha a’ Phàrlamaid ag obrachadh agus, anns an Dàmhair, chuir e air chois Coimisean air Ath-Leasachadh Pàrlamaideach. Chaidh John McCormick, a bha aig aon àm na Cheannard air a’ BhBC ann an Alba agus na Chathraiche air Ùghdarras Theisteanasan na h-Alba, agus a tha an-diugh na Chathraiche air a’ Choimisean Taghaidh ann an Alba, ainmeachadh mar Chathraiche.

Tha deichnear bhall eile air a’ Choimisean, còig dhiubh a’ riochdachadh nam partaidhean poileataigeach agus còignear bhon phoball. Tha triùir a tha nam buill Phàrlamaid (Jackson Carlaw, Johann Lamont is John Finnie) agus dithis a bha uair nam buill (Fiona McLeod is Jeremy Purvis) a’ riochdachadh gach partaidh sa Phàrlamaid. Tha mi fhìn, an Fhìor Urramach Lorna Hood, Katie Burke, Pam Duncan-Glancy is Geoff Mawdsley air bho thaobh beatha catharra na dùthcha. Tha Geoff Mawdsley na Stiùiriche air Reform Scotland; bha Lorna Hood na Moderàtor air Eaglais na h-Alba; tha Katie Burke na h-oileanach is na ball dhen Phàrlamaid Òigridh Albannaich; agus bidh Pam Duncan-Glancy an sàs gu mòr ann an cùisean co-ionannachd a thaobh ciorraim agus ann an còraichean daonna.

Tha e air iarraidh air a’ Choimisean beachdachadh air ciamar as urrainn dhan Phàrlamaid (1) a bhith cinnteach gu bheil siostaman sgrùdaidh is cothromachaidh freagarrach aice airson gnothachas na Pàrlamaid a làimhseachadh gu h-èifeachdach; (2) na ceanglaichean ris a’ chomann shòisealta agus a’ mhòr-shluagh a leudachadh; agus (3) aithne na Pàrlamaid mar nì eadar-dhealaichte bho Riaghaltas na h-Alba a dhèanamh nas soilleire.

Chan eil cus ùine aig a’ Choimisean airson fianais a chruinneachadh mu na ceistean sin, oir tha dùil aig Oifigear Riaghlaidh na Pàrlamaid ri aithisg bhon Choimisean san Ògmhios 2017. Tha an Coimisean air coinneachadh chòig tursan mu thràth ann an Dùn Èideann agus thathas air cuid dhe na dòighean anns an cruinnichear fiosrachadh a chomharrachadh. Tha pàirtean dhe na coinneamhan sin air a bhith fosgailte dhan mhòr-shluagh agus chaidh an craoladh le Aonad Meadhannan na Pàrlamaid. Faodar am faicinn fhathast air làraich-lìn a’ Choimisein aig https://parliamentaryreform.scot/how-we-work. Thathar air coinneachadh a-cheana ri cuid de luchd-obrach na Pàrlamaid fhèin is ri grunn luchd-rannsachaidh is eòlaichean acadaimigeach a tha fiosraichte mu Holyrood is mu ghnè is modhan-obrach phàrlamaidean air feadh an t-saoghail. Chaidh coinneamh a chumail le còrr is leth-cheud neach a chleachd a bhith nam buill dhen phàrlamaid agus fhuaireas beachdan glè inntinneach agus feumail bhuapa; bha cuid dhiubh air a bhith nam buill bho fhìor thoiseach na Pàrlamaid. Thathar cuideachd air coinneachadh ri luchd-labhairt bhuidhnean a bhios toirt guth do dhaoine nach eil, ’s dòcha, cho follaiseach no cho dlùth dhan Phàrlamaid.

Tràth sa Bhliadhna Ùir, bithear a’ coinneachadh ris an fheadhainn a bha roimhe nan Ciad Mhinistearan air an dùthaich agus bithear a’ faotainn bheachdan bho bharrachd eòlaichean.

Tha dùil coinneamhan dhen Choimisean a chumail ann an Inbhir Nis agus ann an Galashiels air 30 Faoilleach agus 27 Gearran agus thèid coinneamhan poblach a chumail air an oidhche san dà àite. Bidh buill dhen Chomisean agus oifigearan a bhios a’ toirt taic dhan Choimisean cuideachd a’ frithealadh sreath de choinneamhan a bhios diofar bhuidhnean a’ cumail air feadh na dùthcha bho mheadhan an Fhaoillich gu deireadh a’ Mhàirt. Chaidh gairm a-mach dhan mhòr-shluagh san Dùbhlachd a’ sireadh bheachdan ann an sgrìobhadh ro 15 Gearran air ochd ceistean co-cheangailte ris na trì mhòr-chuspairean air am bi an Coimisean a’ breithneachadh. Dòighean eile a th’ aig a’ Choimisean air beachdan a thrusadh, ’s ann tro shuirbhidh air-loidhne a gheibhear air www.smartsurvey.co.uk/s/CommissionParliamentaryReform/ làraich-lìn a’ Choimisein, no tro phasgan innleachd a dh’fhaodas buidhnean a chleachdadh gus an cuideachadh a dhol an sàs anns an deasbad mun Phàrlamaid.

A bharrachd air a bhith a’ sireadh fiosrachadh is bheachdan bhon phoball is bho eòlaichean is luchd-ùidh, bithear cuideachd a’ coimiseanadh phìosan rannsachaidh sònraichte far a bheil gainne de dh’fhianais an-dràsta no far a bheil tuilleadh soilleireachaidh no mìneachaidh a dhìth. Thathas mothachail gu bheil mòran ri ionnsachadh bho rìoghachdan is bho dhùthchannan eile agus thathar air cluinntinn a-cheana bho fheadhainn a tha mion-eòlach air obair Pàrlamaid Westminster agus Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh.

’S e suaicheantas a’ Choimisein “Do Phàrlamaid, Do Ghuth”. Buinidh a’ Phàrlamaid dhuinn uile agus tha cothrom againn ar guth a thogail agus ar beachdan oirre a chur an cèill dhan, is tron, a’ Choimisean. Bidh buaidh aig na laghan is na poileasaidhean a thèid a chur an gnìomh aig Holyrood air gach mac màthar againn agus bu mhiann leinn uile gum biodh a’ Phàrlamaid cho èifeachdach ’s a ghabhadh.

’S e an t-Ollamh Boyd Robasdan Prionnsapal Shabhal Mòr Ostaig

O CHIONN 80 BLIADHNA – ON WEEKLY SCOTSMAN, 26 DÙBHLACHD 1936

Deagh Oibriche

Tha sinn seachd sgìth de’n iomradh so – gu’m bheil a’ Ghàidhlig a’ dol am mugha. Is e th’ againn ’san amharc an ceartair gu’m bheil móran ’ga cuideachadh ged is beag adhairt a tha i a’ deanamh.

Fhuair i culaidh-chòmhnaidh mhath ’san Ollamh D. I. MacLeòid, a tha toirt seirbhis mhaiseach dhith ged nach cluinnear móran m’a timcheall. Sgrìobh e leabhraichean sgoile innte, chuir e snas air na h-uiread de obair dhaoine eile innte mu’n deachaidh e roimh’n chlò agus bha a làmh gu soillear an uidheamachadh an Tiomnaidh Nuaidh Ghàidhlig a chuireadh am mach o cheann ghoirid taobh ri taobh ris an fhear Bheurla. Rinn e an obair so gu smachdail, mar a dh’ainmich mi cheana; agus o cheann àireamh bhliadhnachan thionndaidh e cuid de bhàrdachd Ghàidhlig gu Frangais. Tha e air innseadh dhomh, cuideachd, gu’n robh e, o cheann ghoirid, air a chomh-éigneachadh gu mheur a chur an ullachadh clò-bhualadh ùr de fhaclair àraidh.

Chan eil fios cia mheud aig an robh pàirt anns an obair cheudna o cheann leth-cheud bliadhna. Tha eachdraidh an leabhair airidh air a bhi air a sgrìobhadh, tur eadar-dhealaichte o’n chruinneachadh fhaclan, a tha ceutach gu leòir.

GAELIC GUIDE FOR LEARNERS

Bliadhna Mhath Ùr! ‘Happy New Year!’ Now is the time to start something new; maybe a new hobby or more exercise? Here are some useful words and phrases in Gaelic:

Coiseachd ‘walking’. Is toil leam coiseachd anns na beanntan ‘I like walking in the hills’. Coiseachd leis a’ chù ‘walking the dog’.

Dol air a’ bhaidhsagal ‘cycling’. Rothair is a more traditional word for ‘bike’, and the sport is then called rothaireachd, or rothaireachd beinne ‘mountain biking’.

Ruith ‘running’. Tha mi a’ dol a-mach a ruith ‘I’m going out for a run’.

Do you need some encouragement? Beag air bheag ‘Little by little’. Togar càrn de chlachan beaga ‘A cairn is built with small stones’. You have just taken up running and feel very slow? Ruigidh each mall muileann ‘A slow horse will reach the mill’.

Snàmh ‘swimming’. Is toil leam snàmh san loch ‘I like to swim in the loch’.

Sgitheadh ‘skiing’. Thèid mi dhan Ostair a sgitheadh ‘I’m going skiing in Austria’.

Peantadh ‘painting’. Tha thu math air peantadh ‘You’re good at painting’.

Tarraing dhealbhan ‘drawing’.

Dealbhadaireachd ‘photography’.

Dannsadh ‘dancing’.

Next week we will look at some musical instruments to add to your collection of hobbies.

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning