An t-Urramach Iain MacRuairidh agus a liut air lorg na beul-aithris

Comhdach leabhar Chaluim Laing

Comhdach leabhar Chaluim Laing

1
Have your say

(Air a leantainn) Bha ministearan nan eaglaisean ann an Alba dèidheil is sgileil ann a bhith a’ trusadh beul-aithris ged nach robh na cuspairean an-còmhnaidh a’ tighinn ris an diadhachd aca. Nam measg bha sàr sgoilearan air taobh a’ chànain, an dà chuid ionnsaichte anns na cànanan Ceiltis agus anns na cànanan Clasaigeach - an Laideann, a’ Ghreugais agus an Eabhra. Bha an t-Urr. Iain MacRuairidh (1843-1907) na sgeulaiche no na sheanchaidh seach na neach-trusaidh beul-aithris, ach bhiodh e a’ tarraing air tobar beul-aithris a’ mhòr-shluaigh gus an seanchas aca a chumail beò.

Bha ministearan nan eaglaisean ann an Alba dèidheil is sgileil ann a bhith a’ trusadh beul-aithris ged nach robh na cuspairean an-còmhnaidh a’ tighinn ris an diadhachd aca. Nam measg bha sàr sgoilearan air taobh a’ chànain, an dà chuid ionnsaichte anns na cànanan Ceiltis agus anns na cànanan Clasaigeach - an Laideann, a’ Ghreugais agus an Eabhra. Bha an t-Urr. Iain MacRuairidh (1843-1907) na sgeulaiche no na sheanchaidh seach na neach-trusaidh beul-aithris, ach bhiodh e a’ tarraing air tobar beul-aithris a’ mhòr-shluaigh gus an seanchas aca a chumail beò.

Uaireannan bhiodh Iain MacRuairidh a’ leudachadh air cuspair a bhiodh air taobh a-muigh diadhachd na h-eaglaise, mar eisimpleir an Teine Mòr no na sìthichean. A rèir na sgrìobh e, ’s e an Teine Mòr an t-ainm a bh’ aig muinntir Uibhist air an t-solas a bhiodh feadhainn a’ faicinn air an oidhche ann an àiteachan uaigneach ìosal - ’s e an Teine Biorach a theireadh iad ris anns an Eilean Sgitheanach. Ri linn-san, cha robh lainntear ri fhaighinn ach ainneamh ann an taigh. B’ àbhaist do dhaoine dhol air chèilidh agus nam biodh an oidhche dorcha, bheireadh iad leotha ‘àithinne’ ann am beul clobha no air bàrr corrain airson solas a dhèanamh dhaibh air an t-slighe. Bheir am ministear dhuinn aithris air na chuala e na òige mun Teine Mhòr. Is dòcha gum faca e fhèin an Teine Mòr ged nach biodh e ceart, mar mhinistear na h-eaglaise, fianais a dhèanamh air. Math dh’fhaodte gu bheil sinn ga fhaicinn tro shùilean a’ mhinisteir fhèin:

‘Bhiodh e gu math tric a’ tachairt ri daoine air bogaichean ’s aig feur-lochain, agus mun cuairt air na h-òbain ’s air na tràighean a tha cho lìonmhor ann am Beinn-a-Bhaoghla ’s an dà Uidhist. Nam biodh fear na ònar ag iomradh eathair anns an oidhche dhuibh, dhuirche, thigeadh ‘An Teine Mòr’ gu bog, balbh na rathad, agus shuidheadh e gu socrach air sgruig-dheiridh an eathair. Ach cha bu luaithe a bhuaileadh sròn an eathair tìr na bheireadh ‘An Teine Mòr’ e fhèin as. Chiteadh e a seòladh os cionn na mara, agus an sin rachadh e as an t-sealladh timchioll gob rudha, no dhìreadh e suas ris a’ mhonadh. Ged nach d’ rinn e cron air neach riamh, gidheadh bha eagal an cridhe aig gach neach roimhe, do bhrìgh gu robh iad a’ creidsinn nach b’ ann o nì math sam bith a dh’èirich e.’

Mìnichidh am ministear an gnothach na bu mhionaidiche, gur e seòrsa de sholas no ‘phosphorescence’ a bh’ anns an Teine Mòr agus nach robh e ri fhaicinn ach o mheadhan an fhoghair gu meadhan an earraich an uair a bhiodh an oidhche dorcha agus ceò is uisge ann. B’ àbhaist do na seann daoine a bhith a’ creidsinn gun robh an Teine Mòr na shamhla air cuideigin a bha air chall agus gun robh an teine ann an com neach. Bha iad a’ creidsinn gum biodh an neach a bha air chall gu bhith a’ siubhal air thalamh gu latha a’ bhreitheanais. Their MacRuairidh nach robh na Gàidheil a-riamh air dheireadh air sluagh sam bith eile ann a bhith a’ toirt cunntais air na h-adhbhair airson gun robh nithean iongantach rim faicinn air thalamh.

A thaobh nan sìthichean, cha robh an cuspair a’ tighinn ris an diadhachd aige idir ach their e: ‘Cha bhiodh e sàbhailte aon fhacal a ràdh mun dèidhinn aig àm sam bith. Mar a dh’ainmicheadh mar tha, rachadh aca air a bhith an làthair ann an iomadh àite ged nach biodh e an comas do dhaoine am faicinn. B’ e seo aon de na cumhachdan a dh’fhàgadh aca an uair a dh’fhuadaicheadh a dh’ionnsaigh na talmhainn iad.’ Agus, nan deigheadh cuideigin a bhroinn an t-sìthein, dh’fheumadh e ‘sgian no tairig no iarunn biorach sam bith eile a stobadh ann an ursann an dorais. Bha e air a ràdh gun robh an t-iarunn beannaichte do bhrìgh gur ann leis a lotadh làmhan, casan agus taobh an t-Slànuighir, agus air an aobhar sin, nach robh comas do na Sìthichean an làmh a chuir ris.’

Rinn Calum Laing a’ chùis cho sònraichte luachmhor do luchd na Gàidhlig le bhith a’ cur an clò fios mu gach pìos thall ’s a-bhos a sgrìobh an t-Urr. Iain MacRuairidh. Chleachdadh am ministear ainm-pinn air neo sgrìobh e às aonais ainm ùghdair agus, mar sin, chan eil eòlas aig mòran air ainm an sgrìobhadair an-diugh. Tha Calum air cuimhneachan a dhùsgadh air fear cliùiteach ann an saoghal na Gàidhlig agus ’s e saothair a bha sin a bha a’ còrdadh gu mòr ri Calum fhèin; b’ e Iain MacRuairidh bràthair a sheanar agus fhuair Calum aithne air bho aithris an teaghlaich. A bharrachd air seo, tha fianais ann fhathast bho bheachdan ginealach a’ mhinisteir fhèin: mar a sgrìobh Eoin MacFhionghain, neach-deasachaidh Mac-Talla, ann an 1894, ‘Tha an t-Urr. Iain MacRuairidh o thaobh thall an t-sàile o àm gu àm a’ cur thugainn litreachain blasda brìgheil as an Eilean Sgitheanach agus sgeulachdan breagha air a chur sìos ann an cainnt cho tlachdmhor ’s nach sgithich neach sam bith dhen leughadh.’

(Faic Calum Laing, An t-Urramach Iain MacRuairidh. A Bheatha agus na Sgrìobhaidhean aige. Clàr 2013. ISBN 978-1-900901-75-8)

Back to the top of the page