An sgoil is an òigridh nam bunait dhan Ghàidhlig ann an Dùn Èideann

An Dr Alasdair Allan, am Ministear airson Ionnsachaidh, Saidheans agus C�nanan na h-Alba, aig fosgladh Bun-sgoil Taobh na P�irce
An Dr Alasdair Allan, am Ministear airson Ionnsachaidh, Saidheans agus C�nanan na h-Alba, aig fosgladh Bun-sgoil Taobh na P�irce
Share this article
0
Have your say

’S iomadh cultar is cànan a gheibhear ann am prìomh bhaile na h-Alba, agus am measg nan iomadh sluagh is coimhearsnachd ann an Dùn Èideann tha coimhearsnachd Ghàidhlig a tha air spionnadh às ùr fhaighinn bhon bhun-sgoil Ghàidhlig a chaidh a chur air chois o chionn trì bliadhna.

Ged as ann sna sgìrean dùthchasach as motha a gheibhear luchd na Gàidhlig fhathast (16,596 aig aois 3 is nas sine ann an Roinn na Gàidhealtachd le sgilean Gàidhlig a rèir cunntas-sluaigh 2011; 16,489 sna h-Eileanan Siar), tha cuid mhath de na daoine le sgilean Gàidhlig ann an Alba a’ fuireach ann am bailtean-mòra, leithid Dhùn Èideann (5,935) agus Glaschu (9,469). Agus, a’ cur ris na h-àireamhan sin sna bailtean-mòra, tha na sgoiltean Gàidhlig.

Thòisich foghlam tron Ghàidhlig aig ìre na bun-sgoile ann an Dùn Èideann aig Bun-sgoil Chrois na Cìse le aonad Gàidhlig ann an 1988 anns an robh mu naodhnar chloinne nuair a dh’fhosgail e. A-nis a rèir nan àireamhan as ùire (bhon t-Sultain 2015), bha 287 a sgoilearan ann am Bun-sgoil Taobh na Pàirce sa bhliadhna sgoile mu dheireadh. Thèid cunntas a dhèanamh air sgoilearan airson na teirme ùire air an ath mhìos. Bho dh’fhosgail an sgoil ùr ann an 2013 tha mu 60 sgoilear air a bhith tòiseachadh air P1 gach bliadhna, mar sin ’s ann as motha a tha àireamh nan sgoilearan a’ dol a dh’fhàs san ath dhà no thrì bhliadhnaichean.

A rèir Jennifer Gilmour, pàrant le cloinn san sgoil agus a tha stiùireadh obair nan sia cròileagan ann an Dùn Èideann: “Tha na h-àireamhan air a dhol suas gu mòr, agus sinn a’ faicinn barrachd chloinne sna cròileagain cuideachd. Bha againn ri dà sheisean ùr a thòiseachadh aig Taobh na Pàirce bho dh’fhosgail an sgoil ùr. Tha barrachd chloinne ann agus tha sin a’ ciallachadh gu bheil barrachd phàrantan ann le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig. Le sgoil fa leth, tha pàrantan a’ coimhead air foghlam Gàidhlig mar roghainn mhath dhan chloinn aca, agus mar fhoghlam àbhaisteach an àite aonad mar phàirt de sgoil eile. Tha daoine a’ coimhead air mar chothrom dà chànan a thoirt dhan chloinn aca.”

Ach dè mu dheidhinn na coimhearsnachd taobh a-muigh na sgoile; dè cho làidir ’s a tha sin?

Thuirt Iain MacLeòid, Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich agus fear a tha air a bhith an sàs ann an adhartachadh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann fad iomadh bliadhna: “’S e coimhearsnachd rudeigin sgapte a th’ innte, ach a dh’aindeoin sin, nuair a choimheadas sibh air àireamhan, tha timcheall air 3,000 neach-labhairt a’ fuireach ann an Dùn Èideann. Agus ’s e baile-mòr nach eil cho farsaing ri sin a th’ ann an Dùn Èideann, agus leis an sin tha cruinneachadh dlùth de luchd-labhairt ann a tha nas doimhne na leithid Ghlaschu.”

Thuirt Iain nach bithear a’ faicinn ach earrainn bheag de na daoine sin aig tachartasan Gàidhlig sa bhaile: “Aon rud a tha dhìth ann an Dùn Èideann ’s e co-òrdanachadh. Tha a’ Ghàidhlig sgapte air feadh diofar bhuidhnean a tha stèidhichte sa bhaile. Tha grunn oifigearan ann a tha brosnachadh na Gàidhlig, agus tòrr den obair aca airson taic a thoirt dhan òigridh. Tha feum againn ann an Dùn Èideann air cuideigin a dhèanadh co-òrdachadh air a h-uile càil a tha dol air adhart. Agus bhiodh e math nam biodh àite-cruinneachaidh againn; chan eil hub againn.”

Bha Iain cuideachd den bheachd gum faodadh barrachd tachairt a thaobh nan ealain agus do dh’inbhich sa bhaile: “Tha foghlam air adhartas mòr a dhèanamh, gu sònraichte aig ìre ro-sgoile agus bun-sgoile, tha tomhas de dh’adhartas math air tighinn aig ìre àrd-sgoile agus tha grunn chùrsaichean ionnsachaidh ann do dh’inbhich sa bhaile-mhòr cuideachd.

“Saoilidh mi gur ann air taobh nan ealain as motha a tha uireasbhaidh. Chan eil gu leòr a’ tachairt a thaobh taic do dh’inbhich.”

Agus dè am beachd a th’ aig Jennifer air coimhearsnachd Ghàidhlig Dhùn Èideann: “Chan eil i cho follaiseach ri sin an-dràsta; nan tigeadh tu a Dhùn Èideann, cha bhiodh fios agad ’s dòcha gu bheil coimhearsnachd Ghàidhlig ann. Ach chan eil i doirbh a lorg. Tha am Bothan ann, còisirean Gàidhlig, tòrr chlasaichean is cearcaill chòmhraidh, agus chì thu a’ Ghàidhlig ann an àiteachan mar Phàrlamaid na h-Alba. Tha mi gu mòr a’ faireachdainn gu bheil mi mar phàirt de choimhearsnachd Ghàidhlig.”

Tha coltas ann gu bheil an sgoil na pàirt cudromach den choimhearsnachd sin agus tha Comhairle Baile Dhùn Èideann iad fhèin a’ mothachadh dhan àite a th’ aig a’ chànan sa bhaile. Thuirt an Comhairliche Lewis Ritchie, Neach-iomairt na Gàidhlig aig a’ Chomhairle: “Mar phrìomh bhaile na h-Alba, tha dleastanas sònraichte aig Dùn Èideann gus taic a thoirt don Ghàidhlig agus an cànan adhartachadh. Tha sin a’ ciallachadh gum bu chòir dhuinn nas urrainn dhuinn a dhèanamh gus frithealadh air an iarrtas a tha sìor fhàs airson foghlaim Ghàidhlig bho phàrantan.”

lTha an t-artaigil seo ga fhoillseachadh ann an co-bhuinn ris a’ Chomann Rìoghail Cheilteach. Bidh an Comann Rìoghail Ceilteach a’ toirt tabhartas-taice do Bhun-sgoil Taobh na Pàirce gach bliadhna

• This article appears courtesy of the Royal Celtic Society, sponsors of organisations dedicated to the traditions, language and arts of the Highlands and Islands. The Royal Celtic Society awards an annual grant to Bun-sgoil Taobh na Pàirce featured in the article) www.royalcelticsociety.scot

Am Dream Ainniseach

Tha na h-ainnisich a-ghnàth maille ruinn an Dùthaich nam Monaidhean, ach cha robh iad riamh cho tearc ’nar measg ’s a tha iad an ceartair, a réir àireamh ar cuid sluaigh. Tha iad a’ searg ás, oir tha an t-airgead pailt anns gach ceàrn, agus tha na Gàidheil a’ faighinn an cuid dheth. Tha seanfhacal againn a tha ’g ràdh gu’m feum “fear nan cuaran éiridh uair roimh fhear nam bròg.” Tha so ag innseadh, gu àm nach eil ro fhad ás – gus o cheann cóig no sia fichead bliadhna – gu’n robh cuarain glé phailt am measg ar pobuill a chionn nach robh dòigh aig na h-uiread air brògan a cheannach. Bha cuarain air an dèanamh de sheiche mairt gun deasachadh ’sam bith, agus air an suaineadh mu cheann nan cas. B’ ann le sreangannan a bha iad air an cumail ’nan àite, agus b’ iomadh snaim a dh’fheumadh iad mu’m biodh iad air an ceangal gu ceart. B’ e sin an t-aobhar gu’m b’ obair mhàirnealaich am fàighinn air dòigh. Dh’fhalbh na cuarain agus cha dual dhuinn a rithisd a bhi ’nan eiseamaíl. B’ e an t-airceas ’san t-acras a bha iad a’ riochdachadh, agus shiubhail iad sin ás mar dhroch throm-laighe. O linn a’ chogaidh tha sinn gu math dheth seach mar chleachd sinn a bhi.

Cò their tuillidh nach eil brògan againn no gu’m feum ar cuid cloinne bhi falbh cas-rùisgte ri reodha is sneachd? Chan eil aon ’nar measg an diugh a chunnaic cuarain riamh! AONGHAS MACEANRAIG

Gaelic guide for learners

Last week we looked at simple Gaelic sentences like Tha Eilidh glic, Eilidh is smart, Chan eil sinn sgìth, We are not tired and the question A bheil am ministear a’ bruidhinn? Is the minister speaking?

Today we will look at the past tense of the verb bi, to be, to create simple sentences and questions in the past. To turn a positive sentence from the present to the past, tha is substituted with bha.

Tha an cù salach - The dog is dirty.

Bha an cù salach - The dog was dirty.

In a negative sentence, chan eil is changed to cha robh

Chan eil iad ann - They are not there

Cha robh iad ann - They were not here

To create a question, change tha to a bheil

A bheil Anndra a’ cluich? - Is Andrew playing?

An robh Anndra a’ cluich? - Was Andrew playing?

The word expressing the action is called the verbal-noun, e.g. cluich. To find more verbal-nouns, have a look in the dictionary, and you will find two forms of the verb: lean, follow, and leantainn. The verbal-noun is sometimes marked as vn or ag. (ainmear gnìomharrach) and is in most cases the longer one of the two.

• Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning. {www. smo.uhi.ac.uk|www. smo.uhi.ac.uk|link to site}

Place name of the week

Benderloch - Meadarloch

This name was at some point in the past Beinn Eadar Dà Loch ‘the mountain between two lochs’ (it was written as Beandir Loch in c.1640), relating to the mountainous region in Argyll between Loch Creran to the north and Loch Etive to the South. The English form of the name is simply a shortened version of this old Gaelic form, but the modern Gaelic form is Meadarloch.

The reason for this change is not clear, but the initial B- in the name may have become nasalised by influence with the word an ‘in’, earlier Gaelic in. Thus Early Gaelic i mBeinn Eter Dhá Loch ‘in Benderloch’, where -mb- was pronounced as -m-. The -nn- in the word beinn may have become lost by dissimilation between the new initial nasal -m- and the -nn. That is, there were too many nasal sounds in the word.

• For more information on this name visit www.ainmean-aite.org