An e taghadh a tha air fàire no reifreann eile air Brexit?

Choinnich Theresa May ri Jean-Claude Juncker, Ceann-suidhe a Choimisein Eorpaich, agus ri oifigearan eile bhon AE o chionn ghoirid a thaobh Bhrexit agus tha a h-uile coltas ann gum bi Brexit, gu mor fo aire dhaoine san taghadh choitcheann.

Choinnich Theresa May ri Jean-Claude Juncker, Ceann-suidhe a Choimisein Eorpaich, agus ri oifigearan eile bhon AE o chionn ghoirid a thaobh Bhrexit agus tha a h-uile coltas ann gum bi Brexit, gu mor fo aire dhaoine san taghadh choitcheann.

Share this article
0
Have your say

Coltach ri iomadh neach-bhòtaidh eile, tha mi an dùil, tha mi air fàs sgìth de thaghaidhean is roghainnean.

Eadar gach reifreann, bhòt, taghadh agus ceist co-cheangailte ri bun-reachd na dùthcha, tha mi air mo chlaoidh agus coltas ann uaireannan gu bheil sinn ann am boglaich phoileataigich làn phoileasaidhean is gheallaidhean gun bhrìgh. Tha sinn daonnan ag iomairt, ag iomradh agus ri spàirn, gun a bhith ruighinn air ar ceann-uidhe. Ach nach ann mar sin a bha poileataigs riamh, chanadh gu leòr. Ge-tà, tha na cinn-uidhe a’ faireachdainn glè fhada air falbh sna làithean seo.

Ghairm am Prìomh Mhinistear Theresa May taghadh coitcheann gus am bi riaghaltas làidir ann dhan urrainn Brexit a thoirt gu buil le taic fhollaiseach bhon mhòr-shluagh agus le mòr-chuid mhòr sa phàrlamaid. Sin aon cheann-uidhe; ach ma bhios riaghaltas làidir ann a gheibh dearbhadh is ùghdarras bho bhuil an taghaidh choitchinn, a bheil e gu bhith comasach dhaibh na poileasaidhean aca a chur an sàs an teis-meadhan nan còmhraidhean is a’ choiteachaidh a bhios a’ dol an lùib Bhrexit? Dè cho furasta ’s a bhios e na poileasaidhean sin a thoirt air adhart le staing an ionmhais fhathast a’ toirt buaidh air buidseatan is seirbheisean?

Tha faireachadh ann mu thràth gu bheil an taghadh seo mu dheidhinn aon phoileasaidh is ceist poileataigich: Brexit a tha daingeann le sgaradh mòr eadar Breatann agus an t-Aonadh Eòrpach no Brexit lapach far nach atharraich cùisean uiread. Thoradh, nuair a thig e gu cùisean mar bharrachd poilis air na sràidean, no cìsean nas àirde no nas ìsle, no rud sam bith eile far a bheil ionmhas a dhìth, bidh an t-ionmhas sin gu ìre an crochadh air dè an t-aonta a bhios ann eadar an Rìoghachd Aonaichte agus na 27 dùthchannan eile bhon Aonadh Eòrpach. Bidh e an crochadh air ceistean leithiddè an t-airgead a bhios aig Breatainn ri phàigheadh airson fàgail, dè na riaghailtean malairt a bhios ann, cia mheud companaidh a dh’fhàgas an RA nuair a thig Brexit? Bheir na thachras a thaobh nan ceistean sin agus iomadh ceist eile buaidh air eaconamaidh agus poileataigs Bhreatainn fad iomadh bliadhna. Tha daoine fiù ’s air tòiseachadh a’ bruidhinn air suidheachadh far nach tig aonta idir a thaobh Bhrexit ’s dòcha, leis cho eadar-dhealaichte ’s a tha na beachdan air an dà thaobh sna còmhraidhean.

Ann an Alba, tha reifreann eile gu bhith gu mòr fo aire luchd-poileataigs san taghadh seo agus sin an dàrna reifreann air neo-eisimeileachd a tha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba a’ moladh a chumail. Tha a’ cheist sin cuideachd co-cheangailte ri Brexit, oir tha an SNP ag ràdh nach do bhòt Alba airson an AE fhàgail agus, mar sin, gur e an aon dòigh ballrachd a chumail Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeilich.

Mar sin, le bun-reachd is crìochan na dùthcha gan deasbad, am bi foghlam, slàinte, ceartas, sochairean sòisealta agus iomadach cùis eile air an dìochuimhneachadh am measg na h-ulathruis is na h-othail a bhios a’ cuairteachadh nan ceistean sin?

Tha na Làbaraich mu thràth air poileasaidh fhoillseachadh far am pàigheadh iad airson 10,000 oifigear poilis a bharrachd. Tha na Lib-Deamaich air a ràdh gun cumadh iad dàrna reifreann air ballrachd san Aonadh Eòrpach far am biodh roghainn aig luchd-bhòtaidh fuireach san Aonadh Eòrpach no gabhail ris an rèite a thèid aontachadh. Tha Theresa May air a ràdh nach cuireadh i VAT suas, ach cha robh i deònach a ghealltainn nach cuireadh i cìsean eile suas. Tha Nicola Sturgeon air a ràdh gu bheil an reifreann air neo-eisimeileachd gu bhith aig cridhe iomairt an taghaidh ann an Alba.

Sna seachdainean ri thighinn innsidh gach partaidh dhuinn dè na poileasaidhean mionaideach a th’ aca, agus thèid na manifestos aca fhoillseachadh. Cha toir gach gealladh buaidh air Alba, leis na th’ ann de chumhachdan a tha air an tiomnadh a-nis, ach innsidh na manifestos sin dhuinn dè tha san amharc do na partaidhean ma thèid an taghadh mar riaghaltas no ma bhios iad mar phàirt de cho-bhanntachd fiù ’s.

Tha amharas agam, ge-tà, gum bi na poileasaidhean sin air am mùchadh gu ìre mhòir leis an dà cheist mhòir a tha gu bhith air an cur air an luchd-bhòtaidh: ceist Bhrexit and ceist na h-Alba. Cha do thòisich iomairt an taghaidh gu ceart fhathast, ach tha coltas ann aig toiseach chùisean co-dhiù gu bheil sinn gu bhith bhòtadh ann an seòrsa de reifreann eile an àite a bhith bhòtadh air poileasaidhean. Cò as urrainn bhòtadh le cinnt nuair nach eil cinnt sam bith ann air dè thachras aig a’ cheann thall leis na còmhraidhean air Brexit agus a thaobh an ionmhais a bhios ann gus poileasaidhean a thoirt gu buil.

Tha mi an dòchas gu bheil mi ceàrr agus gun tig soilleireachd air cinn-uidhe nam partaidhean poileataigeach ann an iomairt an taghaidh agus gum bi e soilleir gun gabh na tha iad a’ gealltainn a choileanadh. Ach ciamar as urrainn dha tachairt agus sinn fo sgàil Bhrexit?

Tha an t-artaigil seo ga fhoillseachadh ann an co-bhuinn ris a’ Chomann Rìoghail Cheilteach

O CHIONN 80 BLIADHNA – ON WEEKLY SCOTSMAN, 1 CÉITEAN 1937

An Tobar Làn

Tha trì lìthean fillte staigh ’san fhacal “tobar” – uisge, amar agus cladhan. Is e an t-uisge air am bheil sinn an geall, ach chan urrainn dhuinn fhaighinn ás eugmhais an dà nì eile.

Tha tobraichean lìonmhor air feadh na Gàidhealtachd, agus tha cuid dhiubh air an ainmeachadh air naoimh is muinntir shònruichte eile. Tha biolaire gle thrice a’ cinntinn mu’n cuairt orra agus feur bòidheach, uaine mu aodann nam bruthaichean ás am bheil iad a’ sruthadh. Tha tobraichean feumail anns gach àite ’sam bheil spréidh, agus tha eich anabarrach toigheach air uisge fallain, glan gun truailleadh le bhi ruith astair fhada troimh lòintean is mhòintich. Théid each fad ás a ghabhail gu màthair-uisge mhath ged a dh’fhaodas abhuinn no lochan monaidh a bhi glé dhlùth dha. Their cuid de dhaoine nach eil móran feum aig caoirich air uisge idir agus gur ann ainneamh a dh’òlas iad deoch. Tha so fìor an tomhas, ach is gann a chreidear gu’n tig iad beò gun a bhlasad uair no uair-eiginn. Tha ’n nì ceudna air a ràdh a thaobh an fhéidh, ach tha ’n dara barail cho duilich a dhearbhadh ris a’ bharail eile.

Tha Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir a’ toirt iomraidh gu minig mu thobraichean nam frithean. Chan eil sin iongantach, oir feumaidh gur iomadh latha chaisg e ’ìota le bhi cromadh a sìos annta.

GAELIC GUIDE FOR LEARNERS

In this new series of articles, we will look at Gaelic spelling and how some aspects of it might at first look peculiar to learners but, when scrutinised in more detail, make a lot of sense and are in fact very logical, writes Janni Diez.

In this first piece we find out why Gaelic words seem to have more letters than sounds. Clusters of vowels and consonants may form long words which sound short, and you may wonder why they are necessary. Gaelic has only 18 letters but about 68 sounds, as opposed to about 44 sounds in English. To create this range, Gaelic uses combinations of letters to denote additional sounds.

For example, the letter s combined with a broad vowel (a, o, u) sounds like s in English, as in Gaelic sona, pronounced ‘sonna’. An s combined with a slender vowel (e, i) sounds like an English sh, so Gaelic seo is pronounced ‘sho’. Similarly tana is pronounced ‘tanna’, whereas the t in teas is pronounced like the ch in the English church and is pronounced ‘chess’. The following words work in the same way: cus, cùis, cas, cois, tom, tìm. This method can be used on all consonants to form different sounds and will alter the meaning of words.

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning

Back to the top of the page