An dèidh còig bliadhna, am Mòd a’ tilleadh dha na h-Eileanan Siar

Mod nan Eilean Siar, 2011.

Mod nan Eilean Siar, 2011.

0
Have your say

Tha còig bliadhna ann bho chaidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail sna h-Eileanan Siar mu dheireadh, agus tha a h-uile coltas ann gu bheil mòd na bliadhna sa gu bhith na mhòd air leth san sgìre a tha fhathast air a faicinn le tòrr dhaoine mar dhachaigh nan Gàidheal. A thuilleadh air na farpaisean, tha prògram loma-làn aig Iomall a’ Mhòid le tachartasan gan cumail air feadh nan Eilean Siar.

A rèir Iain Mhoireasdain, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich, “Tha mi a’ smaoineachainn, nuair a tha am Mòd a’ dol a-null dha na h-eileanan gu bheil e a’ cur blas gu math Gàidhlig air a’ Mhòd. Bidh mòd againn a tha an ìre mhath mòr, tha na h-àireamhan air a bhith fallain agus tha iad rud beag suas bhon turas mu dheireadh a bha mòd againn sna h-Eileanan Siar. Tha a’ mhòr-chuid de na farpaisean a’ coimhead gu math fallain. Agus timcheall air farpaisean a’ Mhòid tha iomall gu math làidir air a chur air dòigh bho Bharraigh gu Nis.”

A rèir Mhgr Mhoireasdain bidh farpaisean pìobaireachd gan cumail ann am Beinn a’ Bhadhla agus bidh cuirm pìobaireachd is cèilidh ann an Uibhist a-nochd (Disathairne). Tha dealbh-chluich gu bhith ann am Barraigh a-nochd, ‘Fuaigh Fosgail’, agus tha an dannsa Gàidhealach gu bhith sna Hearadh agus tha grunn thachartasan co-cheangailte ris an iomall gu bhith ann an àiteachan eile sna h-Eileanan Siar.

Ach dè mu dheidhinn a’ ghearain a bhios aig cuid a dhaoine nach eil àiteachan-fuirich gu leòr sna h-Eileanan airson muinntir a’ Mhòid?

Thuirt Mgr Moireasdan, “Tha daoine a’ saoilsinn nach eil àiteachan-fuirich gu leòr ann, ach a h-uile turas tha sinn a’ lorg àiteachan-fuirich gu leòr. Tha na h-àireamhan nas lugha sna h-eileanan gu cinnteach seach àiteachan eile far am bi am Mòd, agus tha sinn a’ coimhead ri sin. Ach feumaidh am Mòd tilleadh dha na h-eileanan; chan eil mise a’ faicinn àite eile ann an Alba far a bheil a’ Ghàidhlig cho fallain sna coimhearsnachdan ’s a tha a’ Ghàidhlig sna h-eileanan.”

Thug Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich, Iain MacLeòid, iomradh cuideachd air suidheachadh na Gàidhlig sna h-Eileanan Siar san òraid aige a-raoir (Dihaoine): “Tha feum aig ar cànan air dachaigh agus àrainneachd sheasmhach gus am bi i làidir, tèarainte san àm ri teachd, agus nam bheachd-sa chan eil teagamh nach e na h-Eileanan an Iar an t-àite airson sin – gu dearbh an t-aon àite far a bheil e fhathast comasach dhuinn sin a dhèanamh. Ged a bhuineas cànan is dualchas na Gàidhlig do dh’Alba air fad – agus bu chòir dhuinn moladh a dhèanamh air mar a tha foghlam Gàidhlig air fàs anns na sgìrean ’s a bheil mòr-shluagh na h-Alba – bu chòir aithne a thoirt do na h-Eileanan an Iar mar dhachaigh nàdarrach a’ chànain. ’S ann an seo a tha gu leòr luchd-labhairt ann an doimhneachd airson a’ Ghàidhlig a chumail beò mar chànan ciad-roghainn agus làitheil ann an coimhearsnachdan taiceil.”

Thuirt Mgr MacLeòid gum bu chòir na h-Eileanan Siar taic is aithne shònraichte fhaighinn gus an cànan a chumail beò is a neartachadh san sgìre. Mhol e gum bu chòir inbhe UNESCO a bhuileachadh air na h-Eileanan Siar ri linn cho prìseil ’s a tha dualchas na Gàidhlig san sgìre. Thuirt e, “Ma thèid coimhearsnachdan Gàidhlig nan Eilean an Iar a neartachadh mar thoradh air Mòd 2016 a bhith an seo, ’s e dìleab mhath a bhiodh sin airson fhàgail às ar dèidh.”

Bidh dualchas Gàidhlig agus dualchas ciùil nan Eilean Siar gu mòr am follais aig consairt mhòir, Ar Cànan is Ar Ceòl, a thèid a chumail ann an Ionad Spòrs Leòdhais a-nochd. Aig a’ chonsairt cluinnear ceòl a chaidh a tharraing ri chèile le Anna Mhoireach, Anndra Yearly is Jane Hepburn, agus bidh còrr is 200 neach-ciùil bho na h-eileanan a’ gabhail pàirt.

Thuirt Mgr Moireasdan, “Tha iad air cuirm air leth a chur air dòigh airson a-nochd, le orcastra, còmhlan pìoba òigridh, muinntir Fèis Eilean an Fhraoich, dannsairean, còmhlan melodeon Nis, còisirean na sgìre, Còmhlan Pìoba Leòdhais agus gu leòr eile. Tha iad air oidhche shònraichte a chur air dòigh. Cuideachd, tha mi uabhasach toilichte gum bi an tachartas Mac-talla Cogaidh a’ tilleadh dhan Mhòd ann an Talla Bhaile Steòrnabhaigh feasgar Dhiardaoin. Tha an taisbeanadh sin a’ toirt sùil air a’ Chogadh Mhòr tro cheòl is òrain.” Am measg nam prìomh thachartasan eile a bhios mar phàirt de dh’Iomall a’ Mhòid tha an Leas Phrìomh Mhinistear Iain Swinney, aig a bheil uallach airson na Gàidhlig san Riaghaltas, gu bhith toirt seachad Òraid Chuimhneachaidh Aonghais MhicLeòid, agus ’s e tiotal na h-òraide aige ‘Àite na Gàidhlig ann an Alba an Latha An-diugh’.

Thèid crìoch a chur air a’ mhòd seachdain an-diugh le Caismeachd nan Còisirean agus bidh fios againn an uair sin air cò tha air buannachadh agus dè cho soirbheachail agus a bha Mòd nan Eilean Siar 2016.

Tha an t-artaigil seo ga fhoillseachadh ann an co-bhuinn ris a’ Chomann Rìoghail Cheilteach. (This article appears courtesy of the Royal Celtic Society, sponsors of organisations dedicated to the traditions, language and arts of the Highlands and Islands.)

GAELIC GUIDE FOR LEARNERS: Gaelic Riddles

Last week, we had a look at some of the Gaelic proverbs featured on the Tobar an Dualchais website. Riddles were also popular.

Kate Dix of Berneray, who recorded hundreds of tracks for the School of Scottish Studies, can be heard telling a short story about the feòradairean (literally questioners) who at one time used to travel around visiting homes and trying out riddles. The feòradairean would stay for up to a week, partaking of their hosts’ hospitality and waiting for solutions to be found.

One of the riddles was:

Cò b’ fhada a bhiodh beò – an duine a chosgadh a mhaoin no (an duine) a ghleidheadh i? (Who would live the longest – the person who spent his money or the one who saved it?) The answer was that it made no difference: ’s e an duine a b’ fhada a ghleidheadh anail a bhiodh beò (the one who saved his breath the longest was the one who lived)! http://www.tobarandualchais.co.uk/fullrecord/71667/1

Many other riddles can be heard on the site, including:

Is àirde e na taigh an rìgh. (It’s higher than the king’s house.)

Is mìne e na sìoda. (It’s finer than silk.)

Freagairt: ceò (Solution: mist) http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/5453/1

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning.

Back to the top of the page