An ath cheum ann an sgeulachd bhuain Caisteal Steòrnabhaigh

Caisteal Steornabhagh na aitreabh alainn agus na dhachaigh ur airson Museum nan Eilean

Caisteal Steornabhagh na aitreabh alainn agus na dhachaigh ur airson Museum nan Eilean

Share this article
0
Have your say

Dè a nì thu le caisteal briste falamh? Siud a’ cheist aig cridhe sreatha ùire air BBC ALBA, Dualchas a’ Chaisteil, a tha a’ leantainn an obair do-chreidsinneach a bha air cùl pròiseict air an robhas a’ meòrachadh, a’ dealbhachadh agus a’ cur an gnìomh fad iomadh bliadhna. Lean mise agus a’ chompanaidh riochdachaidh mactv ath-leasachadh caisteal ainmeil Steòrnabhaigh bho bhith falamh agus a’ cnàmh gu bhith na aitreabh àlainn agus na dhachaigh ùr airson Museum nan Eilean.

Thòisich gach nì dhòmhsa dheth co-dhiù bho chionn dà bhliadhna. B’ e seo a’ chiad phròiseact agam mar stiùiriche is neach-camara agus mu mo choinneimh bha caisteal mòr eachdraidheil, pròiseact le 200 neach-obrach air luach nam milleanan a notaichean.

Dè a dh’fhaodadh a dhol ceàrr? Cha robh air a shon ach clogaid chruaidh a chur mum cheann agus dalladh orm agus ’s e sin na rinn mi – ach ’s e clogaid phinc a fhuair mi oir ’s iad an fheadhainn a bhios daonnan air fhàgail!

B’ ann as t-fhoghar 2014 a chaidh mi suas chun a’ Chaisteil a bha air stairsich mo dhachaigh agus m’ àite-obrach. Bha an obair air tòiseachadh agus bha agam ri greasadh orm – uill, aon uair is gun robh mi air obrachadh a-mach ciamar a chumainn na clogaid cruaidhe agus na headphones orm aig an aon àm! Ach bha a’ cheist mu dè a dhèanamaid leis a’ chaisteal air a bhith ann bho chionn dheicheadan a bhliadhnachan, bho chaidh a dhùnadh anns na 1990an às dèidh còrr is 150 bliadhna aig teis-meadhan beatha nan eileanach.

Bhon taobh a-muigh, tha coltas glè stuama air a’ chaisteal le chuid thuraidean agus a bhallachan mòra de chloich ghràin, ach na latha cha robh a sheòrsa anns na h-eileanan agus bha e mar thaisbeanadh air soirbheas an uachdarain Sir Seumas MacMhathain a thog e ann an 1846. Na sheasamh gu h-àrd os cionn a’ chala, bha e mar shuaicheantas do bhaile Steòrnabhaigh, a’ tional eachdraidh shònraichte agus cliù thar linntean. Thòisich e na dhachaigh ghleansach do dh’uachdarain, agus ghluais e bho làmhan “Bodach an t-Siabainn”, Am Morar Leverhulme, anns na 1920an gu bhith aig cridhe oighreachd coimhearsnachd – tè de na ciad fheadhainn de a seòrsa san dùthaich.

Thug e tèarmann do dhaoine tron dàrna cogadh agus anns na 1950an ghabh e cruth sgoile agus colaiste airson nan ceudan de dh’òigridh bho air feadh nan Eilean Siar. Ach sna 1990an nochd trioblaidean leis an togalach agus bha aig Comhairle nan Eilean Siar, leis an robh e, ri dhùnadh - ag adhbharachadh dùbhlan mòr: dè a dhèanadh iad le 25,000 meatar ceàrnagach de dh’eachdraidh an teis-meadhan prìomh bhaile na sgìre?

Uill, ma choimheadas sibh an t-sreath ùr telebhisein, gheibh sibh sin a-mach is sinn a’ leantainn chùisean gach ceum den t-slighe le blasad de dh’eachdraidh agus na h-atharrachaidhean a thàinig air a’ chaisteal thar nan linntean agus an obair a chaidh a dhèanamh air le sàr luchd-ciùird agus ealain, ailtirean is eòlaichean.

Air ais ann an 2014 cha robh beachd agam air na bha romham agus air cho feumail is a bhiodh plana! Nam sheasamh leis a’ chamara, air mo chuairteachadh le rùileach is sprùilleach is innealan is gleadhraich, ’s e an rud a bha a dhìth ach cuideigin a chuireadh loinn air an sgeul agus a bheireadh òrdugh agus rian chun na cùis. ’S e sin a thug Dòmhnall Uilleam Stiùbhart dhomh le na pìosan fiosrachaidh aige a tha air an snìomh tron t-sreath – mar aol air na clachan no stèidh air na deilbh a bha mise a’ togail – uill rudeigin den t-seòrsa sin co-dhiù!

Chaidh seachdainean is mìosan is bliadhnaichean seachad, agus a’ cheist ùr a bha againn uile: an tigeadh a’ chrìoch gu sìorraidh? Mar a thuirt Alex Renwick, an sglàibeadair a bha cho trom air a’ phìob thombaca, agus duine sam bith a thigeadh na chòir, ‘cha tèid uair a chur air – tha rudeigin gu bhith a’ dol ceàrr!” Ach gu fortanach thug foighidinn buaidh agus dh’fhosgail an caisteal anns an Iuchar 2016 – beagan na b’ anmoiche na bhathas an dùil!

Agus dè mum dheidhinn-sa? Uill, dh’ionnsaich mi an t-uabhas; rinn mi gu leòr a bha ceàrr; chaill mi rudan agus bhris mi rudan eile. Ach chaidh gu leòr de nithean leam cuideachd, gu h-àraid iadsan a chuidich le bhith a’ nochdadh air beulaibh a’ chamara agam: iadsan a bhruidhinn rium agus a thug beachd seachdain às dèidh seachdain; am measg an dùbhlain agus an cinn ghoirt fhèin bha daonnan facal aca dhomh – uaireannan èibhinn – uaireannan eile crosta! A’ coimhead air ais am measg na h-obrach salaich fuaire dòrainnich cruaidhe, bha spòrs agus fealla-dhà againn agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil sin follaiseach anns na prògraman. Anns an t-sreath Dualchas a’ Chaisteil, tha mi gur toirt air turas iongantach tro eachdraidh agus ùrachadh an togalaich phrìseil seo, na sheasamh gu h-àrd os cionn baile Steòrnabhaigh, agus a tha nis air ais aig cridhe na coimhearsnachd – agus chan eil an sgeul ach air tòiseachadh!

Elly Welch (Stiùiriche/Camara) Dualchas a’ Chaisteil, 19/09/16 aig 8.30f air BBC ALBA

O chionn 80 bliadhna – on Weekly Scotsman, 29 Lùnastal 1936

Bha an Gàidheal riamh iomraiteach air son coibhneis ri coigrich agus tha ’n cliù sin a’ leantainn ris gus an latha diugh. Thigeadh iad o thuath no deas, o’n ear no’n iar, is e am beatha cho fad ’s a ghiùlaineas iad iad féin gu cubhaidh.

C’ar son a bha e cho suairce ri sluagh nach buineadh dha agus ris nach robh gnothach no turus aige? A chionn gu’n robh e bàidheil ’na nàdur agus truacanta ri dream a bhiodh air falbh o’n dachaidhean agus o’n daimhich.

Ach nan toireadh na h-eilthirich oilbheum ’sam bith do shluagh na dùthcha, chan fhaigheadh iad maitheanas an cabhaig. Cha robh so a’ ciallachadh gu’m faigheadh iad mìomhadh ’sam bith, no gu’n rachadh dochann a dhèanamh orra féin no air an seilbh. Ach bha e a’ ciallachadh nach rachadh daoine ro fhad ás an gabhail a chum an cuideachadh no comain a chur orra. Ged a théid muinntir an aoin àite beagan thar a chéile, nì iad réite gu h-aithghearr, ach chan ionann sin is do choigrich a thig do’n choimhearsnachd – an uair a dhùinear an dorus ’nan aghaidh, chan fhosglar e ach doicheallach. Ach chan eil briseadh càirdeis a’ tachairt ach ainneamh; agus is gann gu’n d’ amais sinn air coigreach riamh a bha beagan bhliadhnachan an Tir nam Beann leis nach bu duilich a fàgail.

Cò nach creid ar teachaireachd anns a’ char so? A mhàin iadsan nach do chaith a bheag no mhór de ùine ’nar measg agus nach d’fhiosraich grinneas ar daoine!

Gaelic guide for learners: How to say ‘can’

To say that someone can do something we use Is, the assertive form of the verb ‘to be’, along with urrainn, meaning ‘ability’ and the preposition do (to) or its prepositional pronouns. Do lenites a following noun as in these examples: Is urrainn do Sheumas snàmh ‘James can swim’; Is urrainn do dhuine sam bith seinn ‘Anyone can sing’.

Substituting Is with Chan gives the negative and substituting An gives the question form: Chan urrainn do Mhàiri seo a thogail ‘Mary cannot lift this’; An urrainn do choin iasg ithe? ‘Can dogs eat fish?’

To say ‘he can’, ‘she cannot’ and ‘can they?’ we replace do Sheumas, do Mhàiri and do choin in the sentences above with dha (to him), dhi (to her) and dhaibh (to them):

Is urrainn dha snàmh ‘He can swim’; Chan urrainn dhi seo a thogail ‘She cannot lift this’; An urrainn dhaibh iasg ithe? ‘Can they eat fish?

Examples using the other members of the do family of prepositional pronouns: Is urrainn dhomh ruith ‘I can run’; An urrainn dhut an doras fhosgladh? ‘Can you open the door?’; Chan urrainn dhuinn fuireach ‘We can’t stay’; An urrainn dhuibh uile leughadh? ‘Can you all read?’

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities www. smo.uhi.ac.uk

Place name of the week: Peterhead / Ceann Phàdraig

The settlement now known as Peterhead was earlier known as ‘Inverugie of Peter’. Inverugie or Gaelic Inbhir Ùigidh means ‘the inlet of the river Ugie’. In Braemar Gaelic until the early 20th century Peterhead was still known as Inbhir Ùigidh. Through a separate linguistic tradition it came in Scots to be called Peterheid (later Peterhead) ‘the headland of Peter’. The identity of Peter is, alas, unknown.

The renowned Gaelic poet Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, or Duncan Ban MacIntyre, served in a regiment posted in Peterhead and mentions the settlement in his poetry as Ceann Phàdraig. This was a name almost certainly of his own creation and taken from the Scots name Peterhead. Ceann means ‘head’ in Gaelic, but is not used in the sense of ‘headland’ as it is here.

For more information on this name visit www.ainmean-aite.org

Back to the top of the page