A’ Brosnachadh nam Mion-chànan aig Fèis an Eilein, Sabhal Mòr Ostaig

D�thaich nam Basgach, far an deach Sophie Nic Steaphain � Alba air mhuinntireas fad c�ig seachdainean mar ph�irt de TOSTA 2016.

D�thaich nam Basgach, far an deach Sophie Nic Steaphain � Alba air mhuinntireas fad c�ig seachdainean mar ph�irt de TOSTA 2016.

Share this article
0
Have your say

’S e pròiseact co-obrachaidh cultarach a th’ ann an TOSTA, far am bi seachd coimhearsnachdan mion-chànain air costa a’ Chuain Siar a’ tighinn còmhla airson com-pàirteachas cruthachail a dhèanamh stèidhichte air mion-chànanan na Roinn Eòrpa.

Bidh TOSTA a’ brosnachadh iomadach cànan agus ag obair mar aon de na riochdairean aig Donostia/San Sebastian, Cathair Chultarach na h-Eòrpa 2016.

’S e ‘being am broinn bàta’ as ciall don fhacal tosta ann an iomadh mion-chànan air feadh costa Eòrpach a’ Chuain Siar. Mar sin dheth, tha e gu math iomchaidh gur ann ann an cruth shoithichean-mara a thadhaileas TOSTA air na coimhearsnachdan mion-chànain a bhios a’ gabhail pàirt ann - Dùthaich nam Basgach, a’ Chuimrigh, a’ Chòrn, Alba, Èirinn, Friesland agus Galicia. Thèid fèis 2-3 latha a chumail anns gach coimhearsnachd, a’ cleachdadh seata de bhogsaichean-bathair a thèid a sheòladh do gach port.

Tadhailidh TOSTA air Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach eadar 4-6 Iuchar mar phàirt de dh’Fhèis an Eilein, a bhios a’ ruith ann an Slèite fad mhìosan an Iuchair agus an Lùnastail. Am-bliadhna thèid 25 bliadhna den Fhèis a chomharradh agus ’s e fèis TOSTA a’ chiad tachartas sa chlàr-ama.

Bidh prògram làn ciùil agus thachartasan ann anns am faod an luchd-èisteachd pàirt a ghabhail agus, a-mach às na bogsaichean-bathair, thig àrd-ùrlar agus àite taisbeanaidh far an tèid mòran dhe na tachartasan a chumail. Am measg na bhios a’ dol, bidh taisbeanadh agus òraid bhon luchd-ealain air mhuinntireas, bùithtean-obrach, clasaichean Gàidhlig airson luchd-tòiseachaidh, ealain graffiti, filmichean goirid Gàidhlig, bothan rèidio, còmhlan-ciùil agus biadh. Oidhche Mhàirt, bidh còmhlan-ciùil bho Dhùthaich nam Basgach, Oreka Tx, a’ cluich agus bidh Club Oidhche na Fèis ann às dèidh làimhe. Oidhche Chiadain, cluinnear bho chòmhlan TOSTA a tha air a dhèanamh suas de sheachd ceòladairean, aon bho gach dùthaich a bhios an sàs ann. ’S e an ceòladair Albannach Rona Wilkie a bhios a’ riochdachadh Alba.

A bharrachd air na fèisean, cuiridh gach coimhearsnachd neach-ealain gu dùthaich eile agus bheir iad aoigheachd do neach-ealain eile a thèid a thaghadh ann an gairm fhosgailte. Bidh an neach-ealain air mhuinntireas a’ cruthachadh obair ealain stèidhichte air cànan is cultar na dùthcha sin agus thèid an obair aca a thaisbeanadh aig an ath fhèis.

Thàinig Zenna Tagney gu SMO às a’ Chòrn mar neach-ealain air mhuinntireas airson sia seachdainean agus ùidh aice ann an seanchas, caractar is nàdar. Seo pìos bho bhlog a sgrìobh i fhad ’s a bha i ann a bhios a’ sealltainn na buaidh a bh’ aig a’ Ghàidhlig agus an àrainneachd oirre: “Tha a’ ghreis agam air mhuinntireas san Eilean Sgitheanach air tighinn gu crìch a-nis agus tha mi air beagan ùine a chur seachad a’ meòrachadh air an turas agam. Bha e mìorbhaileach a thighinn a dh’àite far a bheil a’ Ghàidhlig ga bruidhinn gu nàdarra a h-uile latha (bha mi fhìn a’ faireachdainn ciontach gum b’ fheudar dha daoine Beurla a bhruidhinn air mo shon-sa). Tha mi den bharail gu bheil seo uabhasach cudromach, ma tha mion-chànan sam bith a’ dol a mhaireachdainn beò, gu bheil àiteachan mar seo ann, far an urrainn do chuideigin a bhith air a bhogadh sa chànan – ’s bochd nach eil àite mar seo ann airson na Còrnais!”

Cuideachd, chaidh an dannsair Albannach Sophie Nic Steaphain gu Dùthaich nam Basgach airson còig seachdainean is ùidh aice ann an ruitheaman eadar cànan, ceòl is dannsa. Seo pìos bhon bhlog mu dheireadh a sgrìobh ise: “Tha am pròiseact a’ tòiseachadh a’ tighinn ri chèile a-nis. Thagh mi òran Gàidhlig agus òran Basgais airson a’ chiùil. An uair sin chuir mi seinneadairean air dòigh airson a bhith a’ clàradh nan òran anns an aon ghleus (ach ann an diofar dhùthchannan!). Rinn Eilidh Rothach agus Màiri Britton an t-òran Gàidhlig agus cuideachd fhuair mi cead bho Sgoil Eòlais na h-Alba airson sean chlàradh a chleachdadh bhon tasglann aca. Ann an Dùthaich nam Basgach tha mi toilichte a bhith ag obair còmhla ris an t-seinneadair rap Odei Barroso agus an riochdaire Xabier Erkizia. A bharrachd air a’ phròiseact fhèin, tha mi air a bhith gu math trang le diofar rudan ceangailte ri TOSTA agus ri cànan agus cultar na Basgais. Rinn mi agallamhan leis a’ phàipear-naidheachd Berria agus gu dearbh bha mi a’ dannsa còmhla ris a’ Mhayor, Julen Mendoza, aig cur-air-bhog Altanikaldia.”

Gheibhear barrachd fios mu fhèis TOSTA 2016 bho www.smo.uhi.ac.uk agus www.seall.co.uk

Back to the top of the page