DCSIMG

Local Events Search

powered by
www.wow247.co.uk
Search

Thigibh a-staigh gu blàths ‘fìor chultar na Gàidhlig’

Si Maighread Challan a thagh na h-�rain s a sgr�obh an leabhran dhan CD Bu Chaoin Leam Bhith n Uibhist. Dealbh: D�mhnall MacLe�

Si Maighread Challan a thagh na h-�rain s a sgr�obh an leabhran dhan CD Bu Chaoin Leam Bhith n Uibhist. Dealbh: D�mhnall MacLe�

Tro na bliadhnaichean on a thòisich e, tha an sreath “Scottish Tradition” aig Sgoil Eòlais na h-Alba air clàraidhean prìseil á iom­adh cèarn de dh’Alba a chur an aithne an t-sluaigh.

Se òrain á Uibhist a-Tuath a chaidh a thagh­adh dhan CD Ghàidhlig as ùire san t-sreath, Bu Chaoin Leam Bhith ’n Uibhist (CD­TRAX­9025). B’ i Mairead Challan a rinn an taghadh de dh’òrain. B’ i cuid­eachd a sgrìobh na notaichean ’s na h-eadar-theangaidhean san leabhran tha tighinn leis an CD.

Tha òrain de dh’iomadh seòrsa san taghadh, le puirt, òrain-obrach, òrain mu ghràdh-dùthcha, òrain-ghaoil, aoirean agus eisimpleir de bhàrdachd spior­adail uile ri’n cluinntinn. Tha deagh chlàraidhean de dh’òrain le bàird an eilein ann cuideachd – mar Cailleach Mhòr Staghlaigh le Iain MacMhathain, a th’ air a ghabhail le Fred MacAmhlaigh, Òran na Caillich le Anndra Laing (air a ghabhail leis a’ bhàrd fhèin), agus Sann mu Thuath, Fada Tuath le Fionnlagh Moir­easdan, air a ghabhail le Eògh­ainn a mhac. Cha bhiodh CD de dh’òrain á Uibhist a-Tuath slàn ás aonais an òrain àlainn aig Dòmhnall Ruadh Chorùna An Eala Bhàn a th’ air a ghabhail gu brèagha le Eilidh Mhoireasdan.

Cluinnear òrain mar ’Ghruag­ach Dhonn a’ Bhroillich Bhàin agus Horò chan Eil Cadal Orm anns an taghadh. Bha òrain dhen t-seòrsa gu math cumanta aig cèilidhean mu mheadhan an 20mh linn, ach cha chluinnear iad ro thric a-nis aig seinnead­airean òga. Air grunn de na clàr­aidhean cluinnear buidh­eann a’ gabhail nan sèistean gu làidir, mar a dhèanadh iad gu nàdarra ann an deagh thaigh-cèilidh.

Tha blàths anns na clàraidh­ean seo a tha a’ tarraing an luchd-èisteachd a-steach dhan choimh­earsnachd agus a bhios a’ toirt ort seinn còmhla riutha. Bu chòir dhan CD seo a bhith aig neach sam bith a tha ’g iarraidh eòlas agus tuigse fhaighinn air fìor chultar na Gàidhlig.

Tha taobh gu math Gaidheal­ach air gu leòr de na chluinnear air Room Enough for All (CDMD 2106), an CD ùr aig a’ Bhattlefield Band a nochd o Themple Rec­ords na bu tràithe air a’ bhliadhna. ’S iadsan Mike Katz, Alasdair White, Sean O’Donnell agus Eògh­ainn MacEanraig. Mar sin, tha am fuaim stèidhichte gu mòr air pìoban, fìdeagan agus fidhill, le giotàr, bouzouki agus piàna air an cleachdadh gu ìre mhòr mar ionnstramaidean taic. Se Eògh­ainn agus Sean prìomh sheinn­eadairean a’ chòmhlain.

Tha dà òran Ghàidhlig air an CD, Nic Còiseam agus Duanag an t-Seòladair, air an gabhail le Eòghainn. Air adhbhar air chor­eigin dh’atharraicheadh am fonn sna rannan aig an dàrna òran, oir ’s nach biodh an rann ’s an t-sèist ionnan mar a bha àbh­aisteach. B’ e mearachd a bh’ ann seo a dhèanamh le òran a tha cho aithnichte, oir a h-uile turas a chluinneas tu e, saoilidh tu gun deach iad ceàrr anns an fhonn.

A dh’aindeoin sin, tha mòran mun CD seo a tha fìor tharr­aingeach. Tha an ceòl a’ gluasad gun strì o ionnstramaid gu ionnstramaid, ’s tha an taghadh de phuirt inntinneach, le cuid dhiubh air an tarraing o na seann chruinnichidhean on 18mh ’s an 19mh linn. Mar sin, cluinn­ear ’nam measg cuid de na seann phuirt dannsa air an robh na pìobairean Gaidhealach an seo agus an Alba Nuadh cho dèidh­eil. Tha an ceòl aig ìre gu math àrd, agus còrdaidh e ri mòran.

B’E Ailean MacEanraig, bràthair Eòghainn o chòmhlan Bhattlefield, a riochdaich Dreams and Dances (SKYECD55) le Dòmhnall MacIlleDhuibh, an sàr-chluichd­eadair harmonica. Mar tha fios aig neach sam bith a dh’fheuch e, chan eil e idir furasta deagh cheòl fhaighinn ás an dearbh ionnstramaid, ach tha Dòmhnall a’ tarraing ceòl ás a tha mìorbh­aileach. Tha a h-uile puing dheth soilleir agus cinnt­each, fiù ’s ann am puirt luath mar MacLeod’s Reels, agus tha tog­ail anns am Barn Dance mar a gheibhear o dheagh chluichd air bogsa nam putan. Bheir e ort a dhol a dhann­sa. Ach tha Dòmh­nall air leth math cuideachd air puirt a tha mall a chluichd le fair­eachdainn. Chan eil an taic uair sam bith a’ mùchadh na harmonica, ’s tha seo a’ leigeil leis an luchd-èist­eachd a chluinntinn gu ceart cho sgileil ’s a tha cluichd Dhòmh­naill. Se sàr dheagh CD a tha seo, a th’ air a dheagh stiùir­eadh.

Nochd EP o chionn ghoirid o chòmhlan ùr air a bheil Mira. ’S iadsan na clàrsairean Sarah NicNìll agus Jessica Burton còmhla ri John Lowrie air percussion. Tha iad a’ cluichd measgachadh inntinneach de cheòl ann an nòs tradiseanta ach le blas jazz. Còrdaidh an ceòl aca gu sòn­raich­te ri daoine aig a bheil ùidh ann an ceòl na clàrsaich, agus na dòighean anns an gabh ceòl ann an nòsan ùra a chluichd air an ionnstramaid. Gabhaidh an EP fhaighinn gu dìreach o www.­sarahmacneil.com

Tha mi an dòchas gum bi deagh Nollaig agus Bliadhn’ Ùr agaibh uile, le ceòl agus òrain am pailteas.

 

Comments

 
 

Back to the top of the page