DCSIMG

Local Events Search

powered by
www.wow247.co.uk
Search

Tha eadar-theangachadh on Bheurla a’ truailleadh an tobair

  • by SEONAIDH CAIMBEUL
BEACHDAN BRIOSGLACH
 

Tha beachd a’ dol gu bheil “eadar-theangachadh air cànan mar a tha todhar air fearann” (Steafan MacRisnidh, An t-Albannach, 18 Lùnastal). Ge-tà, chan e stuth a tha ann an todhar a sgaoileas tu air feadh an àite gun chùram, oir tha cunnart nach eil ann ach salchar puinnseanta a chuireadh ás do gach nì math a bha anns an ùir mar-thà.

Is beag an t-iongnadh gu bheil cuid dhinn amharasach, ach chan ann mu eadar-theangachaidhean san fharsaingeachd, oir bho dh’fhalbh an iris Gairm chan eil farsaingeachd ri faic­inn ann. Cha mhór nach eil a h-uile eadar-theangachadh gu Gàidh­lig a’ tighinn bhon Bheurla.

Tha e coltach nach eil am plana oifigeil air atharrachadh móran bho nochd a’ chiad leabh­ar clò-bhuailte Gàidhlig, Foirm na n-Urrnuidheadh, ann an 1567. Se eadar-theangachadh a bh’ ann, bhon Bheurla, de riaghailtean a sgrìobh John Knox a dh’innse ciamar a bu chòir Dia adhradh. Bha na h-ùghdarrasan ag amais air cur ás don dualchas Ghaidh­ealach agus litreachas Crìostail na Beurla a phlantaig ’na àite ann an riochd na Gàidhlig.

Chaidh airgead gun tomhais a chosg air eadar-theangachaidh­ean eile bhon Bheurla thairis
air ceudan de bhliadhnachan. A’ coimhead eisimpleir de Thurus a’ Chrìosduidh a sgrìobh John Bunyan, le deilbh bhriagha agus clò mór a ghabhadh leughadh gu furasta fo sholas coinnle, chith­ear gun robh e mar eadar-lìon na linn, a’ sìor tharraing an leughadair na bu doimhne a-steach air litreachas agus saoghal na Beurla.

Bha am plana fiùs nas soirbh­eachaile a thaobh cànan na bha e a thaobh creidimh. Dh’fhalbh a’ Ghàidhlig bhon chuid as motha den dùthaich ach mhair a’ Bheur­la uile-chumhachdach. Sann sa Bheurla a tha daoine a’ creidsinn a-nis, eadhon sna h-eaglaisean.

Tha creideamh na Beurla cho làidir ’s gun robh fiùs gluasad ann am Pàrlamaid na h-Alba gus ainmean àitean dualchasach ath­arrachadh gu bhith nas coltaiche ris a’ Bheurla. Chuireadh iad “Na Cùirn Ghorma” far an robh am Monadh Ruadh bho thoiseach tìm nan Gaidheal.

Tha an aon spiorad suarach a’ truailleadh an tobair anns na h-ealain, ann am foghlam, craobh-sgaoileadh agus foillseachaidh­ean oifigeil. Tha bàrdachd ga sgrìobhadh a-nis le sùil ris an ead­ar-theangachadh seach cluas ris a’ chànan bu chòir cunntadh.

A dh’aindeoin iomadachd de chànanan ’s de chultaran eile a dh’fhaodadh ar neartachadh, chan fhaic sinn tro uinneag na Gàidhlig ach saoghal tana na Beurla. Canaidh iad adhartas ri poidhle todhair.

 

Comments

 
 

Back to the top of the page