DCSIMG

Local Events Search

powered by
www.wow247.co.uk
Search

Òrain gaoil air son nam bodhar: Dan Baird beò

Dan Baird agus Homemade Sin  o chl�, Mauro Megellan (drumaichean), Dan Baird (seinn,giot�r), Keith Christopher (beus), Warner Hodges (giot�r)

Dan Baird agus Homemade Sin  o chl�, Mauro Megellan (drumaichean), Dan Baird (seinn,giot�r), Keith Christopher (beus), Warner Hodges (giot�r)

A RÈIR na h-iris Classic Rock, ’s e th’ anns an t-seinneadair, cluich­eadair giotàir agus sgrìobhadair òrain Ameireaganach Dan Baird ach “am mac dìolain aig Keith Richards is Francis Rossi”.

’S e tuairisgeul gu math iomchaidh a tha seo, mar a chuala an luchd-èisteachd ann an ABC Ghlaschu Diciadain, oir tha ceòl Mhic a’ Bhàird gu math coltach ri Status Quo is na Stones le gu leòr AC/DC is Lynyrd Skynyrd sa mheasgachadh cuideachd.

Às dèidh soirbheas nach bu bheag leis na Georgia Satellites anns na 80an le òrain mar Battleship Chains is Keep your Hands to Yourself, dh’fhàg Baird an còmhlan ann an 1990 gus a cheòl fhèin a dhèanamh, a’ tòiseachadh leis a’ chlàr chlasaigeach Love Songs for the Hearing Impaired.

’S e roc cruaidh loma làn blues is bùgaidh le boinneag bheag de country a th’ aig Baird agus ged a tha daoine gu leòr ris a’ ghnè ciùil seo, ’s e glè bheag a tha cho math air ris-san. ’S e càileachd nan òran a nì an t-eadar-dhealachadh. Tha a chuid òrain trom ach ceòlmhor binn agus tha sgeul­achd bheag snog anns gach fear aca, bho ghaol is gràmar (I Love you Period) gu deugairean a tha teicheadh bho bheatha a’ bhaile bhig ann an Kentucky (Julie and Lucky). Eu-coltach ri tòrr rocair­ean, tha Baird math air òrain shlaodach a sgrìobhadh cuid­eachd, mar Two for Tuesday.

A bharrachd air na h-òrain seo, chualas gu leòr bho na Georgia Satellites, a’ gabhail a-steach Keep your Hands to Yourself agus Railroad Steel agus measg­achadh de phuirt bho na clàran solo is bhon chlàr ùr aig Dan Baird & Homemade Sin. Bha covers ann a bharrachd, nam measg The Mighty Quinn aig Dylan agus Don’t Pass Me By leis na Beatles, an dà chuid ann an stoidhle bùgaidh cho fada air falbh bho Dylan agus Lennon/McCartney sa ghabhas.

Còmhla ri Baird tha Warner E Hodges (giotàr), Mauro Magellan (drumaichean) agus Keith Christopher (beus), sgioba cho tàlanta sa chunnacas riamh air àrd-ùrlar. Tha Dan Baird is Homemade Sin cho teann mar chòmhlan is cho eòlach air an stoidhle aig càch a chèile is gu bheil tòrr improvisation a’ dol, rud nach fhaicear tric gu leòr sna làithean seo.

Ged a bha na h-òrain uile math, ’s e “ceapaire-òrain” a’ tòis­eachadh is a’ crìochnachadh le Sheila agus le Gimme Some Lovin agus Do You Wanna Dance sa mheadhan. ’S e roc is roll a bha an luchd-èisteachd ag iarraidh agus is e sin a fhuair iad.

 

Comments

 
 

Back to the top of the page