DCSIMG

Local Events Search

powered by
www.wow247.co.uk
Search

O chionn 80 bliadhna: bhon ‘Weekly Scotsman’, Di-Sathairne 26 Màrt 1932

Tha an colbh seo, agus an t-eadar-theangachadh Beurla a bha ’na chois, a’ leigeil fhaicinn dhuinn mar a dh’atharraich an dà chànan bho 1932. Oir se “automobile” neo “motor vehicle” a th’ aig an ùghdar air “carbad-ola”, agus an uair a chanas e “carbadan-iaruinn” tha e a’ ciallachadh “railways”. Càraichean, trèanaichean, rèileachan, mar a chanas sinne!

CHAN eil cearn de’n dùthaich anns nach eil rathaidean móra ùra air an deanamh o chrìch a’ chogaidh agus, am bitheantas, tha iad na’s fearr na bha an t-seann fheadhainn air an robh ar sìnnsre eolach. Tha iad air an deanamh air son charbadan-ola, agus chan eil tolg no clais annta a chuireas campar air an fhear-cuibhle.

C’arson a tha na rathaidean so air an deanamh? Agus dé a chuir miadh cho mór air carbadan-ola air feadh na Gàidhealtachd? Tha iad air an cur air dòigh a chum an dùthaich fhosgladh a suas, chan ann a mhàin aig còrsa na mara ach, mar an ceudna, anns na h-earrannan is faide o chladach agus a bha, chuige so, duilich a ruigheachd. Tha na carbadan-ola dol a bhi feumail an àm an t-samhraidh air son muinntir a tharruing ás an Taobh Deas gus an Taobh Tuath, chionn is ann ri coigrich is luchd-tathaich a tha ar sluagh a nis dol a bhi ’g amharc a thaobh cuibhreann nach beag de an teachd-an-tir.

Tha na carbadan-iaruinn math agus ro mhath ’nan àite féin, ach chan urrainn dhaibh a bhi ’sa h-uile h-àite agus tha bealaich mhóra eatorra nach comasach dhaibh a lìonadh.

Is ann an so a tha’m motor ’ga chur féin am fiachaibh agus a lìonadh bhearnan nach gabhadh lìonadh ás eugmhais.

aonghas maceanraig

 

Comments

 
 

Back to the top of the page

 

UNMISSABLE SHOWS.
UNMISSABLE COVERAGE.
MAKE THE MOST OF THE FESTIVAL
(BEFORE YOU MISS IT)

#WOWFEST

In partnership with

Complete coverage of the festivals. Guides. Reviews. Listings. Offers

Lets Go!

No Thanks