DCSIMG

Local Events Search

powered by
www.wow247.co.uk
Search

O chionn 80 bliadhna: bhon ‘Weekly Scotsman’, Di-Sathairne 19 Samhain 1932

  • by Aonghas MacEanraig
 

THA rathaidean na Gàidhealtachd a’ dol am feabhas, ach chan eil iad fhathasd cho math, an iomadh cearna, ’sa dh’fhaodadh iad a bhi.

Tha iad air an cumail a suas gu mór le airgead na Stàide, ach tha sluagh nan sgìreachdan agus nam bailtean a’ pàigheadh na h-uiread de’n cosdais ás am pòca féin.

Tha aobhar a chreidsinn gu’m bi na rathaidean air an deanamh na’s fearr mar a bhios na bliadhnachan a’ gabhail seachad. B’e an Seanalair Wade a dh’fhosgail a suas a’ Ghàidhealtachd an toiseach air a’ mhodh so, agus, ged nach robh na h-oidhirpean a thug e ach glé aileil, bha iad a’ comharrachadh am mach nithean móra bha ri tighinn an uair a gheibheadh an “Fheinn air a h-uilinn.” Thàinig na nithean sin, agus tha Albainn ’na “criosan geala.” Tha ar rathaidean-iaruinn, cuideachd, gu math lìonmhor an coimeas ris mar a bha fiughair aon uair a bhitheadh iad, agus tha feum mór orra an iomadh àite.

An diugh, tha rathaidean, de gach seorsa air am meas mar earras luachmhor, oir, ás an eugmhais, chan urrainn
luchd-seallaidh tighinn a staigh do’n dùthaich an àireamh cho mór is bu mhath leinn. Is ann ás na coigrich so a tha Ghàidhealtachd ag earbsa an deagh thomhas air son comhfhurtachd de iomadh gnè.

Thug an t-ùghdar seachad eadar-theangachadh. Le “glé aileil” tha e a’ ciallachadh “crude and tentative”; le “earras”, “assets”; agus le “comhfhurtachd de iomadh gnè”, “people’s comfort and prosperity”. A thaobh nan “criosan geala”, bha fàisneachd ann uaireigin gum biodh Alba ’na “criosan geala bho cheann gu ceann”.

 

Comments

 
 

Back to the top of the page