DCSIMG

Local Events Search

powered by
www.wow247.co.uk
Search

Gaelic: ‘Tha uallach pearsanta oirnn uile’

  • by ALASDAIR H CAIMBEUL
 

Anns a’ bhliadhna a ràinig Sabh­al Mòr Ostaig aois 40, agus san tug an Cunntas-Sluaigh tuilleadh fianais dhuinn gu bheil na sgoil­tean ’s na h-aonadan Gàidh­lig a’ cruthachadh gineal­ach ùr de luchd-bruidhne, bha e iomch­aidh gun tug Ceann-Suidhe a’ Chomuinn Ghaidhealaich, Iain MacLeòid, iomradh air cho cud­romach ’s a tha foghlam dhan chànan ’na òraid aig cuirm fhosglaidh a’ Mhòid.

Ach, cuideachd, chuir e ’nar cuimhne uair eile cho deatam­ach ’s a tha e gum bi coimhearsnachd­an againn far am faod daoine Gàidhlig a bhruidhinn: “Tha diof­ar sheòrsachan coimhearsnachd ann. Tha an seòrsa ris an robh mòran againn cleachdte air a’ Ghaidhealtachd agus sna h-Eil­eanan gu math ead­ar-dheal­aichte ris an t-seòrsa a th’ anns na bailtean beaga ’s mòra. Se dùbhlan mòr a th’ ann dhuinn a bhith a’ cruthachadh coimhearsnachd­an cànain a chumas taic ris a’ ghin­ealach ùr de luchd-labhairt na Gàidhlig. Tha e math a bhith a’ faighinn taic aig ìre nàiseanta, roinneil agus poilitigeach, ’s a’ faic­inn buidhnean nàiseanta agus seirbheisean poblach a’ toirt
taic seachad tro na Planaichean Gàidhlig aca, ach tha uallach pearsanta oirnn uile ar cànan a chleachdadh ’s a bhrosnachadh mar chànan a tha iomchaidh son a cleachdadh bho latha gu latha anns a h-uile suidheachadh.”

Bha e cuideachd air son gun deigheadh a gleidh­eadh mar chànan coimhearsnachd sna h-eileanan mus bi e ro fhadalach: “Thuirt mi roimhe gun robh mi den bheachd gu bheil a’ Ghàidhlig a’ feumachdainn dachaigh, àrainneachd far am bi i mar phrìomh chànan cleachdaidh ann am beatha làitheil san dachaigh, sa choimhearsnachd, ann an cur-seachadan, ann an adh­radh agus san àit’ obrach. Tha na h-àireamhan bhon Chunntas Shluaigh gar cuideachadh gu bhith a’ tarraing ar n-aire gu na sgìrean far a bheil barrachd àir­eamh sa cheud de luchd-labhairt ann an coimeas ri sgìrean eile, agus tha e soilleir gur e na h-Eil­eanan an-Iar an sgìre as làidire a th’ ann fhathast far a bheil e nas dualtaich gum bi a’ Ghàidhlig ga cleachdadh aig ìre coimhearsnachd. Feumar sin altram ’s a leasachadh fhad ’s a tha bunait fhathast ann bho’m faodar adh­artas fhaighinn.”

Bha Mgr MacLeòid air son gum biodh misneachd aig daoine Gàidhlig a chleachdadh anns gach suidheachadh: “Cha mhair a’ Ghàidhlig ás aonais oidhirp, ’s feumaidh sinn uile an oidhirp sin a dhèanamh a bhith ga cleachdadh gu poblach a bharr­achd air gu prìobhaideach gun leisgeul sam bith.”

Bha Rùnaire ùr na h-Alba, an t-Ìleach Alistair MacIlleMhìcheil, an làthair aig a’ Mhòd. Thuirt e: “Tha Gàidhlig fhathast ’na pàirt air leth cudromach de chultar
na h-Alba agus bu chòir dhuinn a gleidheadh ’s a h-altram. Tha
e math adhartas fhaicinn, gu
sònraichte ann am foghlam tron Ghàidhlig. Cha bu chòir dìo­chuimhneachadh gun robh àite glè chudromach aig mòdan ionadail agus nàiseanta a’ Chom­uinn Ghaidhealaich ann a bhith gleidheadh a’ chànain thar nam bliadhnaichean aig àm nach robh ùidh aig mòran dhaoine innte.”

 

Comments

 
 

Back to the top of the page

 

EDINBURGH
FESTIVALS
2014

#WOWFEST

In partnership with

Complete coverage of the festivals. Guides. Reviews. Listings. Offers

Let's Go!

No Thanks