DCSIMG

Local Events Search

powered by
www.wow247.co.uk
Search

Gaelic: ‘Tha sinn faisg air àm a bhios fàs seach crìonadh aig a’ Ghàidhlig’

Tha Bòrd na Gàidhlig air an aithisg bhliadhnail 2012-13 fhoill­s­eachadh, a’ tairgsinn fianais gu bheil adhartas ri fhaicinn ann an leasachadh na Gàidhlig.

Dh’éirich àireamh na cloinne a’ tòiseachadh sa bhunsgoil le sia ás a’ cheud, a’ ciallachadh gu bheil 428 dhiubh ann am bun­sgoil a h-aon a-nis an coimeas ri 406 an-uiridh. A réir cuid anns na meadhanan Beurla tha seo a’ coimhead caran ìosal s a’ sealltainn nach eil am Bòrd a’ dèanamh gu leòr, fiùs gu bheil e “a’ fàilligeadh”. Sin beachd leis nach eil ceannard a’ Bhùird, Iain Aonghas MacAoidh, ag aontachadh idir. “Chuir sinn romhainn na h-àireamhan a chumail co-dhiù far an robh iad roimhe fhads a bha sinn trang a’ cur siostam cunbhalach air dòigh anns na roinnean obrach anns a bheil làmh againn fhìn.

“Bha againn ri daoine fhast­adh ’s an trèanadh agus structar­an ùra thoirt a-steach. A dh’ain­deoin sin tha sinn glé thoilichte fhaicinn gu bheil na h-àireamh­an a’ sìor dhol am meud le àrd­achadh 16 ás a’ cheud ann an clann aois 3–5. Tha an àir­eamh anns na tràth-bhliadhnaich­ean, clann fo aois a trì, air a dhol suas còrr agus 50 ás a’ cheud taobh a-staigh 18 mìosan. Mar sin, sann a tha an obair seo air a bhith air leth soirbheachail dhuinn.”

Tha gainnead luchd teagaisg fhathast a’ cur bacadh air foghlam Gàidhlig ’s tha aig a’ Bhòrd
ri coimhead air dòighean gus luchd teagaisg a tha ag obair sa chànan eile an-dràsta a thoirt gu fileantas gu ìre ’s gum biodh iad comasach gluasad gu Gàidhlig. Tha e coltach gu bheil am Bòrd air an uallach seo a thoirt gu buil gun a bhith ach a’ cumail trì seachdainean de chùrsa bogaidh do dhaoine aig an robh tomhas de chomas sa chànan mar-thà.

Tha Mgr Mac­Aoidh a’ dol ás àicheadh nach eil seo a’ coimh­ead ach suarach, mar nach eil iad ach a’ cur strìochag­an ann am bogsaichean gus na dleastanasan aca choileanadh air pàipear. “Tha fada bharrachd air cùlaibh na tor­aidhean na tha nochdadh san aithisg fhéin. Thug na trì seis­ean­an sin cothrom dhuinn coimh­ead air feumalachdan an luchd teagaisg fhéin. Tha sinn a-nis a’ leasachadh cùrsa a bheireadh na comasan cànanach deat­amach dhaibh taobh a-staigh bliadhna.

“Tha sinn cuideachd a’ coimh­ead air goireasan a dh’ fhaodadh a bhith cuideachail ann an toirt sgilean leughaidh agus sgrìobh­aidh do luchd teagaisg aig a bheil Gàidhlig mar chiad chainnt a bhiodh deònach gluasad gu teag­aisg sa Ghàidhlig nan robh an cothrom aca.”

Seach a bhith ’na briseadh dùil, tha Mgr MacAoidh a’ faic­inn gach adhbhar dòchais san aithisg. “Tha mise air a bhith an sàs san obair seo fad 30 bliadhna ’s an còrr agus se seo a’ chiad turas riamh a tha mi faireachd­ainn gu bheil misneachd agam, gu bheil sinn faisg air cruthachadh suidheachadh far an gabh cor na Gàidhlig a thionndadh bho chrìonadh gu fàs.”

 

Comments

 
 

Back to the top of the page

 

UNMISSABLE SHOWS.
UNMISSABLE COVERAGE.
MAKE THE MOST OF THE FESTIVAL
(BEFORE YOU MISS IT)

#WOWFEST

In partnership with

Complete coverage of the festivals. Guides. Reviews. Listings. Offers

Lets Go!

No Thanks