DCSIMG

Local Events Search

powered by
www.wow247.co.uk
Search

Gaelic: Sàr obair bho ‘aon den dà bhàrd as fheàrr’

Dealbh: Kevin MacN�ill

Dealbh: Kevin MacN�ill

  • by RAGHNALL MACILLEDHUIBH LEABHRAICHEAN ÙRA
 

RÀINIG Aonghas “Dubh” MacNeacail aois 70 am-bliadhna, ’s chuir e a-mach cruinneachadh bàr­d­achd le tiotal iomch­aidh
– dèanamh gàire ris a’ chloc:
dàin ùra agus thaghte (Polygon, £12.99). Tha 30 dàn ùr ann, agus 49 á an seachnadh (1986), oid­eachadh ceart (1996) agus laoidh an donais òig (2007). Canaidh
mi rudeigin an-seo mu na 30
a-mhàin.

RÀINIG Aonghas “Dubh” MacNeacail aois 70 am-bliadhna, ’s chuir e a-mach cruinneachadh bàr­d­achd le tiotal iomch­aidh – dèanamh gàire ris a’ chloc: dàin ùra agus thaghte (Polygon, £12.99). Tha 30 dàn ùr ann, agus 49 á an seachnadh (1986), oid­eachadh ceart (1996) agus laoidh an donais òig (2007). Canaidh mi rudeigin an-seo mu na 30 a-mhàin.

Tha iad ann a tha a’ meas Aonghais Dhuibh “doirbh”. Tha tomhas de sacrum mysterium mun obair aige gun teagamh: loidhnichean briste, cainnt am­al­l­ach, faclan cruaidhe, seach­nadh litrichean móra, co-dhiù aon chleachdadh coimheach gràmair (“taobh nan lasair”, “thar nan drochaid”). Air an làimh eile tha fuaim agus dath cudromach dha, tha e cleachdadh chleasan sìmplidh mar atharrais, tha e a’ taghadh chuspairean seagsaidh bho àm gu àm. Rinn e Marilyn Monroe roimhe (’s tha i anns na dàin taghte); rinn e a-nis Mae West. Dòcha nach eil e ’na iongnadh gu bheil ‘mae’ air a leantainn le ‘nì nach b’ aithne dhomh mu mo dheidhinn fhìn’ far a bheil e a’ leughadh air an eadar-lìon “gum b’ e nàdar de / don juan a bha ann an aonghas dubh na òige”. Tha e follaiseach gun do chòrd seo ris. (Tha ‘chan eil ann ach bàrd’ mu dheidhinn fhéin cuideachd; thà, tha narcissism san leabhar seo.)

Dh’ainmich mi cleasan. Dé eile th’ ann am bàrdachd mhath ach cleasan? Tha ‘do chànan’ a’ tòiseachadh “is mise do chànan”: se a’ chànan a tha a’ bruidhinn. Tha an aon chleas ann an ‘guthan chalanais’ far an e na clachan a tha a’ bruidhinn. Tha Aonghas a’ cumail dlùth ri chuspair ge-tà: tha na tursachan ag innse stòir­idh am beatha mar a thuigeas saidheans i. Tha e a’ cumail ri chuspair (Vienna) ann an ‘am vien’ cuideachd, ach tha e a’ crìoch­nachadh le atharrais.

seall sinn air tòir faileas na duaise

seall sinn air tòir faileas na duaise

Chan eil e ’na iongnadh gu bheil an aois air a dhol ’na chuspair aige. Ann an ‘a’ cheist’ tha smuaintean air bàs athar. Ann am ‘bailtean’ tha trì bailtean: am baile mór, baile beag na dachaigh, agus an cladh: “baile eile, / ’s cha b’ ann gun dàimh, / mar chairidh dhìon, mar bheul fars­aing / cearbain is fiaclan cloiche nam marbh / nan coille fhuar / far an glacar / blas na sàmhchair”. Tha na cearbain sin a’ nochdadh ann a ‘chan eil mi nad aghaidh’ cuideachd; an rud nach eil e an aghaidh ge-tà, se am bàs. Agus ann an dàn eile tha e ag innse dhuinn gur ann gu math sunnd­ach a tha coltas nan cladhan ann an Ceap Breatainn! Tha dàin eil’ ann air bàs, ‘an geal seo’, ‘dùil ri guirme’, ‘leabaidh fuinn’ (dàn foghair). Seall mar a tha e a’ cleachd­adh dathan.

Cha do sheachainn Aonghas riamh a dhleasnas bàrdail, ’s tha sreath dhàintean cudromach ann mu chor an t-saoghail, a’ tòis­eachadh le ‘dùthaich nach robh riamh ann’, a tha a’ toirt dealbh den t-saoghal mar bu toil leinn e a bhith, “far a bheil airgead / a’ fighe airgid a bhiathas na bochd­an”. Ann am ‘meanbh’ tha Aon­ghas feargach ri brùidealachd cogaidh, ann an ‘claigeann air truinnsear’ se beàrnan “clas” an cuspair, agus ann an ‘am fìor riaghladh’ tha e cur a chorrag air duine a rinn na rudan sin na bu mhiosa an uair a bha cothrom aige an leasachadh, Tony Blair. Mu dheireadh, ann an ‘sireadh dhomh­an’ tha am bàrd air uilinn, a’ bruidhinn ás leth gach duine a thogradh freagairtean fhaighinn ri ceistean móra a’ chruinne-cé, ach a dh’fheumas a bhith beò bho là gu là, le “gainne connaidh am buaireadh / tha sil­eadh tro chuislean a bhith”.

Is dual do bhodach cuimhneachadh. Ann an ‘sgalagan èir­eannach (circa 1950)’ tha cuimh­ne shìmplidh air trì rudan a thàinig còmhla ann an òige Aonghais – luchd-obrach Éireannach ann an Ùig, buaidh Beurla na sgoile, ionndrainn athar a bha aig muir. Tha ‘nam biodh fiugh­air’ – coisrigte do Mhàrtainn Dòmh­nallach – ’na iomradh a-cheart cho sìmplidh air na seann làithean, ach e air a dhèanamh doirbh le cus amallachd cainnte. Tha dàn snog ann do Thormod MacillÌosa, caraid eile do dh’Aon­ghas bho òige, air an latha a leig Tormod seachad a dhreuchd: “gabh luaidh do mhuinntir / a mhothaich do shabhal a’ lìonadh”. Tha dàn eil’ ann, ‘cò’, a tha do chuideigin glé choltach ri Sir Iain Noble, oir chan e mar a bhruidhneas tu Gàidhlig a tha a’ cunntas, tha ’m bàrd ag ràdh, ach na nì thu air a sgàth. ’S tha fear ann do Shomhairle, ‘craobh a chuir somhairle’, a tha cho math ri iomadh aiste sgoileireil: tha e ag obair air diofar ìrean, b’ fhiach a sgrùdadh a-rithist ’s a-rithist.

far nach robh an saoghal mòr a’ faicinn ach tobhta

suarach bothain, chunnaic thusa cruth lùchairt

ioma-sheòmrach, snaighte, dìon, is lìon thu gach

rùm le bàrd is seanchaidh is cuimhne shlàn

Tha craobhan, caileagan agus taibhsean ann an ‘anns a’ choille’, cuideachd: buaidh Shomhairle bho ‘Choilltean Ratharsair’ agus ‘Hallaig’, gun teagamh.

’Na mo bheachd-sa tha ‘anns a’ choille’ nas fheàrr na ‘Hallaig’, a tha ro mhilis. Cha bhi Aonghas Dubh ri mìlseachd. Tha ’n stoidhl’ aige ro thioram. Fiùs ann am moladh air càirdean, mar ‘runrig’, fiùs ann am bàrdachd shìmplidh nàdair, mar ‘am fuaran buan’ (a tha a’ cluich air na fuaimean ‘ua’ agus ‘ù’ bho thois­each gu deireadh), fiùs ann an dàn mar ‘suirghe fo choille’ a tha toirt gaol agus nàdar còmhla fo làn mheadarrachd thradiseanta, fiùs ann an ‘cuirm na ràithe’, dàn beag ruitheamach sunndach a chaidh a sgrìobhadh, tha mi cinn­teach, son cairte Nollaig. Se ‘nuair a tha thu muigh’ as fhaisge tha e tighinn air mìlseachd, ach tha e ’na dhàn pearsanta gaoil.

B’ e na dàintean nàdair an neart mór aig Aonghas uaireigin. Ghluais e a-staigh gu tac an teine a-nis, agus dé th’ againn? Dàn mìorbhaileach air cat, ‘sphincs na sgìre’, a’ crìochnachadh:

faiceam-s’ thu measg a’ ghlasraich, a charaid uasail, bi mar

sgalag freice air tòir nan creachadair suarach gun iochd,

faic iad, tomhais do leum is glac iad, coisinn do shlìobadh

Daingnichidh dèanamh gàire ris a’ chloc cliù MhicNeacail mar aon den dà bhàrd Ghàidhlig as fheàrr a tha beò. Ach bha rud a’ dèanamh dragh mór dhomh ’s mi ga leughadh. Tha bàrdachd Aonghais den t-seòrsa dh’fheum­as gach nì a bhith ’na àite ma tha sinn dol ga leantainn. A-rithist ’s a-rithist bha mi an eisimeil na Beurla air an duilleig mu coinn­eamh mus robh mi cinnteach ás a ciall. Saoilidh mi gu bheil trì adhbharan air cùl seo. Se mar tha Aonghas a’ seachnadh litrichean móra am fear as lugha. Se mo dhìth earbsa sa ghràmar aige am fear meadhanach – car son a their e mar eisimpleir “an naidh­eachdan = the news”, “luibh­ean lotach neo-ionannais / an deat­amachd = the stinging unequal weeds of / the inevitable”?

Ach se GOC am fear mór. Nuair leughas mi, can, “a dh’ain­deoin deachdaireachd / nan linn – / biodh grèis nan aithris de / theas, deigh no grian / chaoch­laid­each m’ eòlais”, chan eil dol ás agam ach a’ Bheurla thoirt orm (despite the dictatorship / of centuries – / whether the tale’s embroidery’s / of heat, ice or the / fickle sun, I know), oir chan eil an siostam beannaichte litreachaidh againn a’ dèanamh sgaradh tuilleadh eadar “nan” agus “’nan”. Mar a chanas an roimh-ràdh ri leabhar ùr ciùil: “Concerning orthography, the Gaelic spelling notation conventions of Nova Scotia, Canada were followed. These conventions are more precise [than GOC]; therefore, they assist singers in achieving clearer pronunciation and also assist in translation [i.e. tuigsinn].”

A bheil agam ri teicheadh a Chanada?

Bidh e follaiseach bho na tha shuas gu bheil na h-eadar-theangachaidhean Beurla aig Aonghas ’nam bàrdachd annta fhéin, ged a tha e a’ cumail dlùth (mar as trice) ri ciall na Gàidhlig, agus tha mi tuigsinn gu bheil cruinneachadh Beurla air a rathad bhuaithe a dh’aithghearr. Ach cha bhi fios aig a h-uile duine gu bheil e ri bàrdachd ann an Albais cuideachd. Mar a sgrìobh e air duilleag nan litrichean sa phàip­ear seo (19.10.12), “While I have written a poem or two in my native Gaelic, and a few in English, A hae forby daured tae scrieve ane puckle o poems in the auld Scots Leid. But long before that I had a tangential familiarity with the rich Doric spoken by East Coast fishermen.”

Seo a-nis cruinneachadh beag de na dàin Albais aige, ayont the dyke (Kettilonia, £4.50). Is toil leam fhìn an fheadhainn far a bheil Albais a’ suathadh ri Gàidhlig, leithid

the tramcaur sings its ain percussive sang

o slaw acceleration doun the auld reid sandstane sheuchs

fae auchenshuggle tae dalmuir,

dalmuir tae auchenshuggle

that aince were Gaelic fields, ane

cried for mary, ane for rye

neo

since a wis a wean

oor cuisin tung haes

been a mootie soond

kittlin ma speirin lug

ayont thon laich bit

fremmit dyke atween

oor gleg an steive but

frickle commonweals

rblack@scotsman.com

 

Comments

 
 

Back to the top of the page