DCSIMG

Local Events Search

powered by
www.wow247.co.uk
Search

Gaelic: Gach eilean a’ bhotadh air son... Nollaig

Eilidh MacFadyen of Tiree, in her Christmas gear. Picture: Contributed

Eilidh MacFadyen of Tiree, in her Christmas gear. Picture: Contributed

CHUIR sinn a’ cheist air aon duine ás gach gin de phrìomh eileanan na Gaidhealtachd – dè as fheàrr leatsa, an Nollaig no a’ Bhliadhn’ Ùr? Tha na freagairtean aca a’ sealltainn mar a dh’atharraich an saoghal

Iain Urchardan

Na Hear­adh

Nuair a bha mise ’nam bhalachan cha robh guth againn air Là na Nollaige. B’ann a’ comharr­ach­adh na Bliadhn Ùire bhiodh sinne. Ach sa bhliadhna 2000, chaidh mo theaghlach a Bharr­aigh, ’s ann a-sin dh’ionn­saich sinn nach eil càil col­tach ri Noll­aig air a comharrachadh gu ceart. Tha cuimhn’ againn fhathast air na seirbheisean sgoile; air na h-oidh­cheannan aoibhneach sa Bhàgh a-Tuath, a’ seinn laoidh­ean Noll­aige fo sholas choinn­lean; air a’ bhiadh sgoinneil a bhiodh ag­ainn an dèidh làimh; air na roc­aid­ean deàlrach a bhiodh air an leigeil ás an dèidh sin leis an luchd-smàlaidh, ’s ar cuid cloinne air ar guailnean gan coimhead le iongnadh; air na seirbheisean ann an Eaglais Bhaile na Creige (’s na caractaran-fiodha snaidh­te àlainn a bh’ aca).

Aidh, tha cuimhn’ againne air gràdh na Nollaige, foillsichte ann am Barraigh . . . agus bithidh gu bràth. Nollaig Chridheil agus Bliadhna Mhath Ùr dhuibh uile!

Dòmhnall Angaidh Mac­ill­Inn­ein

Uibhist a-Tuath

Dhomh fhìn, ag èirigh suas ’nam dheugaire sna 1980an ann an coimhearsnachd dhlùth ann an Uibh­ist a-Tuath, bha an dà chuid an Nollaig agus a’ Bhliadhn’ Ùr mu dheidhinn teaghlaichean a’ tighinn còmhla ’s daoine a’ siubh­al dhachaigh. Bha tòrr òigridh an uair sin ann an Loch Portain, Bàgh a’ Chàise ’s na Hogha Bheag leis na taighean làn dhaoine agus na teaghlaichean air fad a’ dol an cuideachd a-chèile. Bha pàirt cudromach aig an eaglais am beatha nan daoine cuideachd. Mar sin, bha an Nollaig nas motha mun teaghlach a’ tighinn còmhla agus bha am biadh, na tiodh­lacan agus sonas na h-òige a’ còrdadh rium glan. Bhiomaid an uair sin a’ tadhal air càirdean aig àm na Bliadhn’ Ùire le òrain, ceòl agus dramaichean ann am pailteas. Mar sin, tha e doirbh dhomh tagh­adh a dhèanamh air dè as fheàrr a chòrd rium – cò ris nach còrdadh na tha sin? Ach ma dh’fheumas mi fear a thagh­adh, chan eil am beat air dìnnear na Nollaig!

Laura NicillInnein

Leòdhas

Se àm na Nollaig as fheàrr leamsa na àm na Bliadhn’ Ùire. Chan e gum bi sinn a’ dèanamh tòrr ás, ach tha mi tòrr nas taingeil’ an-diugh, ’s mi nas sine, a bhith am measg an teaghlaich agus sinn uile cruinn còmhla, rud nach eil tron mhòrchuid dhen bhliadhna. Chan eil mi uabhasach dèidh­eil air àm na Bliadhn’ Ùire, ged a tha e a’ còrd­adh rium beagan a bharrachd na b’ àbhaist dha. Bidh e toirt orm a bhith smaoin­eachadh: a’ meòrachadh air na thachair sa bhliadhna chaidh seachad ’s na dh’fhaod­adh tachairt san tè tha romham. Ach bidh mi fhathast a’ coimh­ead air adhart ris a’ bhliadhna air thois­each oirnn, agus tha làn dùil agam gur e 2014 a’ bhliadhna as fheàrr a bhios ann fhathast!

Seònaid NicDhòmhnaill

Muile

Nan robh sibh air a’ cheist sin a chur orm nuair a bha mi òg, b’e a’ Bhliadhn’ Ùr a bhithinn air a ràdh, gun teagamh. Aig an àm sin, gun dragh sam bith, bhith­inn air a bhith a-mach a’ tadhal air càirdean agus caraidean fad na h-oidhche, agus a-rithist air Là na Bliadhn’ Ùire, a’ dol bho taigh gu taigh, a’ seinn ’s a’ dèanamh spòrs. Ach aon uair ’s gun robh clann agam, cha robh e idir furasta sin a dhèanamh! Ged a bha mòran fhathast a’ tadhal oirnn aig an taigh, ’s ged bhiodh cèilidhean glè mhath againn le òrain agus ceòl a’ dol, cha b’e an aon rud a bh’ ann!

Bhon a rugadh a’ chlann ag­ainn, feumaidh mi aideachadh gu bheil an Nollaig a’ còrdadh rium fada nas fheàrr na a’ Bhliadhn’ Ùr, agus an-diugh se na h-oghaich­ean againn a tha a’ toirt dhuinn toil­eachas, a bhith gam faic­inn a’ fos­gladh nam prèas­antan aca ’s a bhith cluiche gheamannan còmhla riutha. ’S gu dearbh chan e an aon rud a th’ anns a’ Bhliadhn’ Ùir an-diugh, co-dhiù sa choimhearsnachd ag­ainne. Cha bhi daoine a’ tadhal air a-chèile mar a b’ àbhaist, oir bidh a’ mhòrchuid dhiubh a’ dol sìos am baile far am bi fireworks agus far am bi tòrr luchd-turais a’ tighinn son “Bliadhn’ Ùr thradiseanta” fhaicinn – mas fhìor!

Sìne NicEalair

Ìle

’S fhEÀrr leamsa an Nollaig na a’ Bhliadhn’ Ùr ged a tha mi den bheachd gu bheil an Nollaig a’ call na cèill’ aice. Tha mi smaoin­eachadh gur ann air sgàth ’s gu bheil mi ag obair làn-ùine agus gur e seo an t-àm den bhliadhna nuair a bhios a h-uile duine san taigh a’ tigh­inn còmhla ’s nuair a bhios mi a’ gabhail fois, agus cha bhi mi a’ mothachainn ciont­ach nuair a bhios mi ’nam shuidhe ag amharc air an TBh. Aig a’ Bhliadhn’ Ùr bidh daoine daonnan a’ smaointinn air dè thachair tron bhliadhna, agus uaireannan tha sin gu math duilich.

Tormod Dòmhnallach

An t-Eilean Sgitheanach

Chan ionann am posta le pars­ailean air adhaircean a’ bhaidhsagail agus a’ bhana bhuidhe a’ tighinn le “Amazon” sgrìobhte air a h-uile bogsa. Sin saoghal m’ òige agus beatha an là an-diugh. Cha bhiodh càirdean a’ tighinn dhachaigh airson Nollaig neo Bliadhna Ùr. Bha daoine ag obair, eadhon air Là na Nollaige. An aon rud a dh’fhàgadh an ràith sin eadar-dhealaichte, se gum biodh botal sherry agus uisge-beatha anns a h-uile taigh, aran-cridhe agus, a’ sìor thigh­inn am foll­ais, cèic Nollaige le mar­zipan agus Santa beag air a mullach.

Tha cuimhneam a’ chiad chraobh Nollaige a bh’ againn, mu 1959, agus m’ athair a’ ràdha gum b’ i “a’ chiad chraobh Nollaige riamh ann am Minginis”, ach tha amh­aras agam gum faod­adh gun robh e ceàrr an sin. An-diugh, thig an teaghlach dhachaigh air son dhà neo trì làithean. Ach tillidh iad a Ghlaschu ’s a Dhùn Èideann son pàrtaidhean mòra nam bailtean.

Eilidh NicPhàidein

Tiriodh

Ged a tha an dà latha a’ còrdadh riumsa gu mòr, dhòmhsa chan eil dad nas fheàrr na an Nollaig. Chan e a-mhàin an latha fhèin, ach na làithean ro làimh cuid­eachd, a’ sgeadachadh an taigh, na h-òrain, agus a’ deasachadh am biadh.

Air Oidhche na Noll­aig bidh sinne mar theaghlach a’ dol dhan eaglais agus an dèidh dhuinn tilleadh dhan taigh cuir­idh sinn ar stocainnean a-mach air son Santa! Tha an latha fhèin làn fealla-dhà leis an teaghlach, bho na prèasantan gu àm biadh ’s na crackers dha na prògraman sònraichte air an telebhisean. Ged a tha Latha na Bliadhn’ Ùire snog, tha rudeigin nas sònraichte, blàth, mu àm na Nollaige.

Annie NicNèill

Bhatarsaigh (Barraigh)

Feumaidh mi a ràdh gu bheil an dà chuid a’ còrdadh rium, air son diofar adhbharan. Ach is fheàrr leam an Nollaig. A’ tòis­each­adh le muinn­tir Bhat­arsaigh a’ cruinn­each­adh air son aifreann oidhche ron an Nollaig, a’ seinn laoidhean agus a’ cur fàilte air a-chèile. Air an latha fhèin tha an teaghlach còmhla a’ fosgladh prèasantan, a’ cluich leis a’ chlann, a’ coimhead filmichean air an teilidh, agus se an aon latha dhen bhliadhna a bhios sinn ’nar suidhe aig bòrd còmh­la air son dìnneir. Latha làn spòrs, gàir­eachdainn agus fealla-dhà. Latha a bhios mi taingeil air son mo chuideachd.

 

Comments

 
 

Back to the top of the page