DCSIMG

Local Events Search

powered by
www.wow247.co.uk
Search

Gaelic: Comme hors d’oeuvre – seilcheagan Barrach

  • by TORMOD E DÒMHNALLACH
 

THA an clò Hearach agus marag dhubh Steòrnabhaigh air inbhe thèarainte fhaighinn.

Chan fhaodar atharrais a dheanamh orra an àite sam bith air an t-saoghal. Chan eil fhiosam an ruig seilcheagan Bharraigh an aon inbhe, ach tha fèill orra am measg nam Frangach.

Tha an t-seilcheag ’na beathach beag sleamhainn slaodach a tha a’ còmhnaidh ann an slige. Nì i cron uabhasach air glasraich. Ithidh agus millidh i duilleagan ma tha iad air bàrr na talmhainn agus tollaidh i snèapan agus currain. Tha i air a meas mar phlàigh air nach fhaighear cuidhteas.

Air na machraichean anns na h-eileanan an-iar chan eil puinnsean bhiastagan neo truailleadh, agus soirbhichidh leis na seilcheagan. Tha iad blasta leis na tha de chalcium anns an talamh.Tha na mìltean dhiubh ann am Barraigh, agus smaoinich Gerard MacDhòmhnaill gun cuireadh e pasgan dhiubh gu Frangaich ann an Dùn Èideann a bha a’ comharrachadh Latha na Bastille. An làthair bha an Consal, Pierre-Alain Coffinier. Chòrd iad ris agus mhol e iad, agus tha Gerard a-nis an dùil mòran a reic anns an Fhraing.

Ma thèid leis dh’fhaodadh e prothaid a dheanamh, oir chan eil cosgais an lùib an àraich, agus tha iad furasta an togail.

Bu chòir gum bi e furasta an cur a-null, oir tha iad car coltach ri maorach agus tha gu leòr dheth sin a’ dol dhan Roinn Eòrpa. Gu dearbh chan eil iad eu-col­tach ris na faochagan ’s na srùbain air a bheil eileanaich cho dèidheil. Ach thuirt Màiri Anna NicNèill, “Chan ithinn iad air chor sam bith. Tha e cur sgreamh orm smaoineachadh air a leithid. Bhithinn toilichte nan toireadh iad leotha a h-uile seilcheag a tha ann am Barraigh.”

 

Comments

 
 

Back to the top of the page