DCSIMG

Local Events Search

powered by
www.wow247.co.uk
Search

Gaelic: ‘Chì Mi ’n Tìr’ – gabhaidh sinn barrachd de a leithid

  • by TORMOD E DÒMHNALLACH
 

NUAIR a chaidh Chì Mi ’n Tìr a chlàradh bha iad trang ann an Urgha a’ deasachadh son Fèill an Àiteachais. Tha Ciorstaidh NicLeòid fìor mhath air fighe agus air bèicearachd, agus bha ultach aice de stuth a bha i an dùil a gheibheadh duaisean.

Os cionn Còisir Sgoil Sir E Scott, a bha ag ullachadh air son a’ Mhòid Nàiseanta, tha Iain Costello MacIamhair. Cha tàinig e dhachaigh gun duais fhathast an dèidh sia bliadhn’ deug.

Se Àisianach a th’ ann an Akram aig a bheil bùth air an Tairbeart. Tha gàradh càil aige a tha sònraichte agus is cinnteach gun seall e do na Hearaich mar a thogas iad càl agus currain.

An-uiridh, fad an t-samhraidh, cha tàinig uisge, thiormaich na sruthain, shìolaidh na lochan, agus cha robh breac ri fhaicinn. Tha Somhairle MacLeòid, a b’ àbhaist a bhith ’na phoidsear agus a tha a-nis a’ toirt iasgairean slaite a-mach air na lochan, ag ràdh gun robh a ghlùinean a’ fàs dearg ag ùrnaigh gun tigeadh an deàrrsach. Bhiodh e a’ coimhead air a’ Chliseam fiach an robh currachd air a’ bheinn.

Rinn Kit agus Tim Langley, a thàinig á Birmingham leis an dithis bheaga, glè mhath aig an fhèill, agus tha a’ chlann moiteil ás na cearcan. Tha sianar a-nis ann an Sgoil Rèinigeadail.

Tha na Hearaich air adhartas a dhèanamh le bhith a’ gabhail sealbh air an fhearann. Anns a’ cheann a-tuath rinn iad aonta gu càirdeil ris an uachdaran. Chum esan Caisteal Abhainn Suidhe agus feadhainn de na lochan.

Prògram sgoinneil. Gabhaidh sinn ri barrachd de a leithid.

 

Comments

 
 

Back to the top of the page