DCSIMG

Local Events Search

powered by
www.wow247.co.uk
Search

Gaelic: Càrn do na Dotairean Leòdach

  • by Tormod E DÒmhnallach
 

Chanadh iad an Dotair Mòr ris. bha an Dotair A J MacLeòid a’ coimhead ri slàinte an t-sluaigh ann an Uibhist a-Tuath bho 1932 gu 1974.

Fad nam bliadhnachan sin bha e air a chuideachadh le a bhean an Dotair Julia. Nuair a bha esan air a ghairm gu euslaintich ann an àiteachan iomallach mar Loch Portain agus Cladach Càirinis, agus ann an eileanan mar Beàrnaraigh agus Boighreigh, b’ise a bheireadh seachad comhairle ann an ionad meadaigeach Loch nam Madadh. Bhiodh an Dotair, aig an toiseach, ag obair ás aonais fòn neo càr agus a’ siubhal air rathaidean nach robh dòigheil.

As a dhèidh thàinig a mhac an Dotair John a bha, còmhla ri bhean Lorna, ris an obair gu 2000, a’ ciallachadh gun do chuir na Dotairean MacLeòid seachad suas ri 70 bliadhna ag obair, aig uairean gach latha is oidhche, gu math an t-sluaigh.

Ann an 1932 chuir Zadoc, am farainm a bh’ air nuair a bha e ’na oileanach, air dòigh a’ chiad phleuna-eiridinn a thug euslainteach a bha glè thinn dhachaigh. B’esan an t-Urr. Calum MacIllÌosa. Thàinig am pleuna a-nuas air an tràigh aig Cladach Iolaraigh agus thogadh carragh cuimhne air cnoc faisg air far an do laigh i.

Thogadh cuimhneachan, a chaidh fhoillseachadh leis an Dotair Iain MacIllÌosa, a tha càirdeach don Urr. Calum, ri taobh a’ charraigh Di-Sathairne sa chaidh, a’ comharrachadh obair nan Leòdach. Bha sluagh mòr an làthair. Chuir iad uile clach air an càrn.

 

Comments

 
 

Back to the top of the page

 

X scottish independence image

Keep up-to-date with all the latest Referendum news