DCSIMG

Local Events Search

powered by
www.wow247.co.uk
Search

Gaelic: Carbadan rothair a’ faighinn na bròige

  • by DÀIBHIDH ROTHACH
 

THA Eòghann Ó Nèill air a bhith a’ ruith a’ chompanaidh aige, Evolution Rickshaws, ann an Glaschu ’s Dùn Èid­eann fad sia bliadhna.

’S na carbadan trì-chuibh­leach aige deagh-stèidhte a-nis anns a’ Phrìomh Bhaile, tha iad ’nam pàirt cudromach den t-siostam chòmhdhail, gu h-àraidh aig àm Fèise ’s rugbaidh nuair tha iad a’ tabhann dòigh siubhail a tha spòrsail, luath, agus uaine.

Tha an sgeul aig ceann thall an M8 eadar-dhealaichte, ge-tà, ’s an t-Èireannach còir a’ strì ri Comh­airle Bhaile Ghlaschu a tha, tha e coltach, air iomadh cnap-starr­adh a chur air beulaibh leasachadh a’ ghnìomhachais.

Anns an Dùbhlachd 2010 dhiùl­t­adh a’ mhòrchuid de thagraich­ean airson ceadan, ùra agus mair­eachdainn, a’ fàgail nach b’ urr­ainn do dhràibhearan obair, le Comataidh Cheadachais na Comhairle ag ràdh “nach robh cruth a’ phedicab a’ dìon luchd-siubhail no dràibhear ann an tubaist” agus “gum b’ urrainn dhaibh droch bhuaidh a thoirt air luchd-cleachdaidh eile an rathaid” air sgàth am meud. Mar a mhìnich Eòghann, chuir seo an gnìomhachas gu lèir an cunnart. “Tha aig dràibhearan phedicab­an cead neach-malairt sràide fhaighinn bhon Chomhairle, ’s ged a bha iad againn, thòisich a’ Chomhairle, gu h-obann, gan diùltadh aig deireadh 2010. Bha an gnìomhachas soirbheachail, sàbhailte, bha e a’ còrdadh ri muinntir a’ bhaile, agus bha e a’ cruthachadh cosnadh.”

A rèir a’ Phoilis, bha 376 tub­ais­t­ean eadar tagsaidhean agus coisichean bho thoiseach 2006 gu deireadh 2011, ceithir dhiubh bàsmhor, ’s gun ach seachd ead­ar rothairean – pedicaban ’nam measg – agus coisich­ean, gun bhàs idir. Bha a’ Chomh­airle am beachd gum biodh na pedicaban ro mhòr air son nan slighean rothair, rud nach eil fìor. Gu sìmplidh, chan eil argamaidean na Comhairle a’ dèanamh ciall.

San Iuchar an-uiridh, bha an Siorram Alayne Swanson den aon bheachd. ’S i a’ cur car de cho-dhùnadh na Comhairle, thuirt i gun robh e “mì-reusanta”, “do-thuigsinn”, agus “an aghaidh ceartais nàdarra”. Ged a thòisich a’ Chomhairle a’ toirt seachad ceadan air son greiseag an dèidh sin, tha coltas ann gun do lorg iad dòighean eile gus bacadh a chur air a’ ghnìomh­achas. ’S iad a’ foillseachadh poil­easaidh oifigeil air pedicaban, stèidhich iad sreath de riaghailtean neo-phragtaigeach, leithid gum feum “cliabh-roiligidh” (roll cage) agus criosan-sàbhalaidh trì-puingeach a bhith orra, rudan nach fheum fiùs a bhith air mot­ar-baidhseagalan trì-chuibhleach.

Ach se bu neònaiche buileach
an t-iarrtas aca gu bheil aig Mgr
Ó Nèill ri pedicab a chur tro dheuchainn sàbhailteachd nach eil idir ann. Thuirt e: “Bha Seirbh­eisean Fearainn agus Àrainn­eachd air son ’s gun rachadh pedi­cab fo dheuchainn sa Ghiblean 2012, ged nach robh a leithid de dheuchainn ann. Bha agam fhìn ri tè a chur tro VOSA, deuchainn Eòrpach air son mot­ar-baidhsagalan neo-aithnichte. An uair sin, thill am pedicab chun na Comhairle ’s dh’fhàillig
i ’n deuchainn acasan a chionns gun robh tuill phlastaig ann dha na solais. Bha agam ris an aon airgead a phàigheadh ’s a bhios dràibhear hackney, ’s a dh’ain­deoin sin tha mi fhathast gun fhios dè na cuspairean-deuch­ainn a chleachd iad.”

Tha dol a-mach na Comhairle amharasach. Chan eil dòighean-siubhail mì-chumanta eile ann am Breatainn, mar each is cairt, party bikes Lunnainn no pedicaban Dhùn Èideann, a’ dol fo sgrùdadh cho lùbte ’s cho neo-riaghalta. Gu dearbh, tha Comh­airle Bhaile Worcester air a bhith toirt ceadan do phedicaban bho 2010, ’s ged a thug Mgr Ó Nèill lethbhreac den sgrùdadh sàbh­ailteachd a chleachdas iadsan do Chomhairle Bhaile Ghlaschu, tha e fhathast gun adhartas fhaicinn. Dh’aidich a’ Chomhairle nach robh deuchainn-shàbhailteachd aithnichte aca do phedicaban, ach thuirt neach-labhairt ás leth a’ Chomhairliche Chris Kelly, cath­raiche Comataidh a’ Cheadachais, “Tha a’ Chomataidh den bheachd gu bheil pedicaban math dhan àrainneachd agus
gu bheil iad a’ tabhann dòigh-siubh­ail a bharrachd, ach bha aca ri smaointinn mu shàbhailt­eachd. Rinneadh sgrùdadh air pedicab aig ionad-sgrùdaidh na Comhairle, agus bha draghan
ag­ainn mu shàbhailteachd.”

’S mathaid gu bheil a’ cho-fharpais eadar pedicaban agus tagsaidhean air buaidh a thoirt air a’ Chomhairle. Mar a mhìnich Eòghann, “Ged tha a’ mhòrchuid de dhràibhearan tagsaidh gu ìre mhòr càirdeil ruinn, tha cuid nach eil. Tha iad am beachd, gu ceàrr, gu bheil sinn a’ toirt airgead agus cosnadh bhuapa. An da-rìribh chan eil sinn a’ giùlain daoine ach astaran beaga tro na sràidean, no aig na h-amannan as trainge. Tha cuid am beachd nach bu chòir dhuinn a bhith air an rathad ’s chan eil iad sàmhach mu dheidhinn.”

Thuigeadh duine sam bith a chaidh tro shràidean Ghlaschu air rothair riamh. Bidh rothaich­ean tric air an càineadh, ’s is gann a bhios dràibhearan tagsaidh a’ toirt an aire do shlighean rothair no do riaghailtean an rathaid.

Se a tha inntinneach gu bheil Mgr Kelly a’ foillseachadh air an làrach-lìn aige gun d’fhuair e novelty cuff-links (gun luach) mar thìodhlac bho Glasgow Taxis Ltd. Ris a’ cheist a bheil e iomchaidh gabhail ri gibhtean bho chompanaidh a tha a’ croch­adh air air son gnìomhachas,
thuirt labhraiche, “Fhuair an Comhairliche Kelly cuireadh gu prìomh-àras Chomann nan Sealbhadairean Tagsaidh (TOA) far an d’fhuair e bileagan air poileasaidh na buidhne agus novelty cuff-links, gun luach.”

Mì-chudromach, ’s dòcha, ach tha càirdeas eadar a’ Chomhairle ’s an luchd-tagsaidh nach d’fhuair Eòghann Ó Nèill riamh. “Chan eil dràibhearan againn an Glaschu a-nis. Tha mi siubhal a Dhùn Èideann a dh’obair far nach eil trioblaid sam bith ann cead fhaighinn bhon Chomhairle.”

Tha pedicaban fallain, sàbhailte, “uaine”, ach buileach an greim aig teip dhearg Comhairle Ghlaschu. Tha an cothrom air am buannachdan a stèidheachadh mar phàirt den t-siostam chòmh­dhail air chall.

• daibhidhrothach@gmail.com

 

Comments

 
 

Back to the top of the page