DCSIMG

Local Events Search

powered by
www.wow247.co.uk
Search

Gaelic: Bàtaichean cargu Mhic a’ Bhriuthainn

  • by TORMOD E DÒMHNALLACH
 

Tha cuimhne agam, ron chogadh, gum biodh an Dunara Castle ’s a’ Hebrides a’ fàgail an doca aig Kingston le bathar agus a’dol tim­cheall nan eilean. Bhiodh diof­ar sheòrsa de chargu aca.

Nam biodh duine gu math feum­ach air a’ ghnùis a bhearradh ’s e a’ coimhead mì-sgiob­alta, chan­adh cuideigin ris, “Thàinig bàta nam blades a-raoir.”

Ann am prògram inntinn­each èibhinn air BBC Alba, tha Dòmhnall Meek, a chaidh a thog­ail ann an Tiriodh, ag innse mar a bha ùidh aige riamh anns na bàtaichean. Bidh e a’ deanamh modalan a bhios ag obrachadh le rèidio. ’Na òige bhiodh e ’na sheasamh a’ coimhead an Lochcarron a’ tighinn a-staigh ’s a’ cean­gal ris a’ chidhe. Abair ùp­raid an uair sin agus a h-uile neach cho trang.

B’e Donnchadh MacFhiongh­ain an sgiobair. Dh’aithnicheadh an criutha gun robh droch shìde air fàire nam biodh strap a’ churraic aige ceangailte fo smig. Anns a’ phrògram bha seòladairean á Barraigh, Murchadh MacDhòmh­naill agus Pàdraig MacNèill, ag innse sgeulachdan.

Aig deireadh sheachdain ann an Glaschu bhiodh iad a’ gabhail drama. Bha bodach anns a’ Cheil­idh Bar aig an robh Gàidhlig. Dh’èibhidh e, “Time gentlemen please ach sibhse aig a bheil Gàidh­lig faodaidh sibh fuireach.”

Chuir an t-Iarla Granville a dh’iarraidh carbad a ghluaiseadh air muir agus tìr, seòrsa de beach landing craft air son obair nan tuathan èisg. Ràinig e Loch nam Madadh air bòrd an Lochcarron agus shaoil leis an dràibhear a bha ’na coinneamh gum fiachadh e a-mach air a’ mhuir leis anns a’ bhad. Thòisich na bod­aich a bha air a’ chidhe air èibh­each gun robh Seonaidh Ailig air a dhol ás a rian.

Bàtaichean cargu Mhic a’Bhriuthainn – cha deanadh na h-eil­eanan dad ás an aonais.

 

Comments

 
 

Back to the top of the page

 

EDINBURGH
FESTIVALS
2014

#WOWFEST

In partnership with

Complete coverage of the festivals. Guides. Reviews. Listings. Offers

Let's Go!

No Thanks