DCSIMG

Local Events Search

powered by
www.wow247.co.uk
Search

Chan e dùthaich dhà-chànanach, ach dùthaich anns a bheil dà chànain

Language map of Belgium

Language map of Belgium

Thathas ag ràdh gu tric gu bheil a’ Bheilg an impis sgoltadh a rèir crìochan cànanach a tha a’ dol air ais co-dhiù gu àm nan Ròmanach. Luchd bruidhinn na Fraingeis air an taobh a-deas a’ riochdachadh an t-seann saoghail Cheiltich-Ròmanaich, agus luchd bruidhinn na Duiteis san taobh tuath a’ riochdachadh dìleab Ghearmanach. Dà chànan, dà chultar, cho eadar-dhealaichte ri cailc agus càise.

Tha suidheachadh poilitigeach agus cànanach na dùthcha fada nas ioma-fhillte na sin ge-tà. Ruitheadh an Limes Germanicus, a’ chrìoch eadar ìmpireachd na Ròimhe agus na treubhan Gearmanach, le na h-aibhnichean móra. Anns an t-saoghal Dhuiteach tha De Grote Rivieren, an Nederijn gu h-àraidh, fhathast a’ comharrachadh crìochan cànanach agus cultarach – Caitligeach air taobh a-deas nan aibhnichean, Pròstanach anns an taobh tuath. Tha schiobolet eatarra ann am fuaimneachadh an litir G (a tha coltach ri ‘gh’ neo ‘dh’ neo ‘ch’ ann an Gàidhlig), a tha nas buige san taobh a-deas. Tha iomadh feart cànanach eile a’ comharrachadh eachdraidh gach sgìre agus na treubhan a bha a’ fuireach annta o shean. Frisianaich, Sacsannaich, Frangaich agus eile.

Lìon na Frangaich, co-chaidreachas de threubhan Gearmanach, am beàrn a dh’fhàg na Ròmanaich ann an Gallia. Thug iad mar ainm dhan dùthaich ùir la France agus dhan chànan ùr le français ged a b’e an cànan a bha aca fhèin o thùs a-nis am bun-chànan Duiteach.Chaidh Conntaidh Fhlanndrais a chur air bhonn sa bhliadhna 862. Cho math ri cànanan eile, bha Flamais (Gearmanach) anns an taobh tuath agus Walon (Romansach) san taobh deas.

Ged a thàinig Flanndrais fo riaghladh diofar dhùthchannan, an Spàinn ’s an Ostaire ’nam measg, se Fraingeis bu motha a chleachdadh an luchd riaghlaidh, mar a bha cumanta air feadh na Roinn Eòrpa. Bha i ’na dùthaich bhàithte eadar aibhnichean agus muir, ach chaidh móran den bhoglach a thiormachadh le lìonraidhean de chanàlaichean a chuidich gus bathar a ghiùlan fada a-steach dhan tìr. Thogadh iad caoraich agus crodh air an talamh ùr, bha iad an sàs an obair a’ chlò, agus dh’fhàs iad beartach thar chàich.

Chluinneadh Iain Ruadh Stiùbhart agus na fògarraich Sheumasach eile Flamais ga bruidhinn ann an St Omer san Fhraing ann am meadhan an ochdamh linn deug. An-diugh, ged a tha mu 20,000 a thuigeas i ann an ceann a-tuath na Frainge, chan eil seasamh aice anns an lagh agus tha i a’ dol sìos.

An déidh Ar-a-Mach na Frainge, chaidh Flanndrais a ghabhail thairis leis an Fhraing ann an 1795, anns a’ chogadh ris an Ostaire. Sann an uair sin a thòisich fìor oidhirp gus aon chànan a sgaoileadh am measg an t-sluaigh gu léir, le foghlam ri fhaighinn tro mheadhan na Fraingeis a-mhàin.

Nuair a chaill Napoleon Blàr Waterloo ann an 1815, chaidh Flanndrais agus na roinnean mun cuairt oirre a-staigh còmhla ri Rìoghachd Aonaichte nan Tìrean Ìsle fo Uilleam I. Ach nuair a dh’fheuch Uilleam ri Duiteis agus Pròstanachd a sparradh air an dùthaich gu léir, bha ar-a-mach anns an taobh a-deas. Ann an 1830 chaidh Rìoghachd na Beilge a chur air bhonn, a’ fàgail Flanndrais (anns an robh 60 ás a’ cheud de shluagh na rìoghachd ùir) mar ainm dhan leth a-tuath a-mhàin.

Bha bunreachd ann a gheall saorsa chànan. Cha robh sin a’ ciallachadh ach saorsa do na h-ughdarrasan Fraingeis a thoirt a-steach air a h-uile nì. Bha aig na Flanndraich ri feitheamh gu 1967 mus faca iad lethbhreac oifigeil de bhunreachd na dùthcha ann an Duiteis.

Tha Walon air dol sìos gu mór, agus se Fraingeis choitcheann a tha a’ mhórchuid ann a Walonreye a’ cleachdadh gu làitheil. Ged as e Duiteis choitcheann a thathas a’ cleachdadh gu h-oifeigeil ann am Flanndrais, tha dualchainntean gach sgìre, leithid West Vlaams agus Limburgs, fhathast làidir.

A dh’aindeoin gach duilgheadais ’s gach srì eatarra air adhbharan cànanach, tha e iongantach mar a tha muinntir na Beilge ag obair le chéile gu làitheil. Ann an iomadach dòigh tha iad cho mothachail air na diofaran eadar iad fhéin agus an cuid nàbaidhean ’s a tha iad air na diofaran taobh a-staigh na dùthcha. Anns na siabainnean agus na prógraman poilis is tric a chithear Duitich a’ cluich nan droch iseanan. Fiùs ann am prógraman chloinne, leithid Mega Mindy, bana-ghaisgeach a tha coltach ri seann bhandia Cheilteach, bidh Duitich a’ riochdachadh an donais.

Faodar an aon amharas fhaicinn aig luchd bruidhinn na Fraingeis. Anns an fhilm ainmeil Rien à Déclarer tha Benoît Poelvoorde a’ cluich oifigeach cusbainn a tha air cùram sònraichte a ghabhail air fhéin gun a bhith a’ leigeil leis a’ Bheilg a bhith air a truailleadh le “sgudal Frangach”.

Tha Fraingeis is Duiteis mar a tha iad gan cleachdadh ann am meadhanan na Beilge anabarrach soilleir ri thuigsinn. Tha torr air YouTube ma tha sibh air son fheuchainn. Ach bi faiceallach. Tha bòidhchead cainnt aca, ge b’e dé chànan a tha iad a’ bruidhinn, a tha dìreach drùidheil.

 

Comments

 
 

Back to the top of the page

 

X scottish independence image

Keep up-to-date with all the latest Referendum news