DCSIMG

Local Events Search

powered by
www.wow247.co.uk
Search

Boinne ann am beul na gaoithe

Tha aonta malairt ùr eadar India agus an t-Aonadh Eòrpach a’ dol a chur ás do leighisean saora ris a bheil na milleanan de dh’euslaintich an crochadh air feadh an Treas Domhain.

• Dh’Éirich cion cosnaidh a-rithist air feadh na RA, le faisg air mìle duine a thuilleadh gun obair air a’ Ghaidhealtachd eadar Samhain 2011 ’s Faoilleach 2012.

• THUIRT na rianadairean a tha a’ coimhead air cunntasan Rangers nach eil an £24 millean a phàigh “Ticketus” ri fhaicinn ann an leabhraichean a’ chlub. Thathar ag ràdh gun deach e a-staigh do chompanaidh eile aig a’ Chathraiche, Craig Whyte. Tha Poileas Srath Chluaidh gu bhith an sàs, agus bidh Comann Ball-Coise na h-Alba a’ dol an car an rannsachaidh aca fhéin.

• Choinnich riaghaltasan na RA ’s na h-Alba ann an Dùn Éideann air son tighinn gu réite mun reifreann. Tha Dàibhidh Camshron a’ tabhann barrachd chumhachdan do dh’Alba ma dhiùltas luchd-bhòtaidh gabhail ri neo-eisimeileachd.

 

Comments

 
 

Back to the top of the page