DCSIMG

Local Events Search

powered by
www.wow247.co.uk
Search

Beachdan 'ceannard nan car' mu ar cànain

RINN Alasdair Caimbeul cliù dha fhèin mar an dàrna duine as cumhachdail ann am Breatainn nuair a bha e ag obair mar "stiùiriche chonaltraidhean agus ro-innleachd" aig Tony Blair. Chuireadh e car ann an gnothaichean searbh, leithid mar a lean Blair air Bush gu cogadh ann an Iraq, gus an nochdadh iad milis sna meadhanan.

Tha Caimbeul a-cheart cho cliiteach air son a chainnt lidir. Anns an leabhar r aige The Blair Years, stidhichte air an leabhar-latha aige eadar 1997 agus 2003, tha e a' cur "whingeing Jocks" air muinntir nam meadhanan Albannach air sgth cho m-thaingeil 's a bha iad do Bhlair air son na rinn e don dthaich, leithid sgaoileadh-cumhachd 's a' Phrlamaid r.

C a shaoileadh mar sin gur ann teaghlach Gaidhealach a tha e fhin, gu bheil dlth cheangal aige ris a' Ghaidhealtachd, gum bi e a' cluich na poba 's gu bheil fis beagan Gidhlig aige?

Bha athair, Dmhnall, 'na lighiche spridh le buntainneas do Thiriodh agus bha cuideachd a mhthar, Ealasaid, siorrachd Inbhir ir bho ths. Tha deagh chuimhne aig Niall Brownlie Tiriodh, a tha 'na sgrobhadair 's 'na bhrd, air na Caimbeulaich seo. "Sann Cornaig Bheag a bha iad agus tha cuid dhiubh a' fuireach ann fhathast. Lachainn Dhmhnaill Eachainn a bha againn air a sheanair. Se croitearan, luchd- teagaisg agus tuathanaich a bha anns na seann phrantan, agus bha iad uile 'nan daoine gl chomasach."

Tha Niall a' faireachdainn gu bheil coltas teaghlach a sheanmhar ri fhaicinn an gnis Alasdair Chaimbeil. Is dcha gu bheil connspaidean cl anns an dualchas aige cuideachd. Bha aig brthair a sheanmhar, an t-Urr. Eachann Camshron, deasaiche Na Bird Thirisdeach a nochd ann an 1932, ri seasamh ri gearainean searbh gun do dh'atharraich e cus de na h-rain agus gun robh beachd raid aige fhin nach bu chir srcan a bhith sa Ghidhlig idir.

Dh'imrich an teaghlach gu Keighley ann an siorrachd York far an d'rugadh Alasdair Caimbeul ann an 1957. Ged a bha freumhan aige anns an fhearann chaidh e gu oilthigh Chambridge far an do leugh e Frangais agus Gearmailtis. An didh greis a' cluich na pob mhir air sridean phromh chathair-bhailtean na Roinn Erpa sgrobh e aistean ibhinn mu dheidhinn na cuairt aige don iris dhrabasta Penthouse, agus sann mar sin a fhuair e tiseachadh ann an obair nam meadhanan.

Ged nach tinig e an ird tro cheuman-inbhe na Seirbheis Chatharra mar a bhiodh daoine an dil do neach-comhairle a bha cho dlth ris a' phromhaire, choisinn e cli mar naidheachdair fo bhuaidh Robert Maxwell 's an Daily Mirror agus bha e ln chleachdte ris na meadhanan a limhseachadh nuair a thinig e fo aire Thony Blair, a thug obair fir-labhairt phearsanta dha.

Shaoileadh tu, le cunntas-beatha mar sin aige, gum biodh e ln chomasach air ceistean inbhe agus omhaigh na Gidhlig anns na meadhanan Albannach a fhreagairt nam biodh e denach bruidhinn rinn idir.

A dh'ainneoin a chli air son a bhith cruaidh air luchd naidheachd, tha e tighinn thairis air a' fn mar dhuine ridh - tuigseach, foidhdneach, agus gl thoilichte bruidhinn mu dheidhinn na Gidhlig. Dh'aidich e an toiseach ged tha deagh chuimhne aige air a dhol a Thiriodh 'na bhalach air saor-lithean far an cuala e pailteas Gidhlig, nach eil cuimhne aige a-nis ach air corra abairt. Bu mhath leis barrachd Ghidhlig ionnsachadh nan robh an tde aige agus tha e cinnteach gum bu chir an cnan taic fhaighinn gus am bi i aig ginealaich eile ri teachd. Thuirt e: "Tha a' Ghidhlig 'na pirt mhr de chultar na h-Alba, chan e a-mhin gu h-eachdraidheil ach anns an l an-diugh. Mar sin tha e cudromach gum bi na meadhanan ga riochdachadh ann an dighean r agus inntinneach gun a bhith an cmhnaidh a-mach oirre mar sheann chnan a tha a' bsachadh."

Tha e air oillteachadh le cuid de na h-ionnsaighean mosach an aghaidh na Gidhlig a bhios a' nochdadh cho tric an cl ged a tha e cinnteach nach e grin-chinnidh a tha gam putadh ach aineolas. "Chan eil daoine a' tuigsinn d tha anns a' Ghidhlig agus tha iad gu ndarach caran amharasach mu dheidhinn na tha air a claibh. Tha feum aig daoine air faighinn a-mach mu na beachdan a tha sibh a' foillseachadh anns a' Ghidhlig, agus ma tha sin a' ciallachadh gu bheil agaibh ri gerr-chunntasan Beurla a thairgse dhaibh ann an cl, no fo-thiotalan a chur ri prgraman telebhisean, sin mar a tha e, oir feumaidh i a bhith fosgailte dhan a h-uile duine."

Tha e a' toirt rabhadh air a' chunnart gun cruthaich iomairt na Gidhlig ghetto dhi fhin. "Tha e math gu bheil duilleag Ghidhlig aig an 'Albannach' mar eisimpleir, ach chan eil sin gu ler leis fhin. Bu chir Gidhlig a bhith an ss air feadh nam pipearan oir feumaidh i a bhith follaiseach sa h-uile seagh."

Tha beachd a-cheart cho cinnteach aige air soidhnichean rathaid. "Is math gu bheil iad ann ach gun chothroman a bhith ann do luchd-tadhail pirt a ghabhail ann an tachartasan cultarach Gaidhealach d tha na soidhnichean a' sanasachadh - cnan a b' bhaist a bhith ann uaireigin den t-saoghal no cultar a tha da-rreabh be?"

Tha an Caimbeulach a' sireadh obair r an drsta. Saoil an gabhadh muinntir nam meadhanan Gidhlig ri comhairle "ceannard nan car" - no an ann ris-san a tha cuid dhiubh gan samhlachadh fhin co-dhi?

IT'S pretty well known that that Alastair Campbell has Tiree connections. If his father Donald had remained there instead of moving to Yorkshire, Tony Blair's "master of spin" would be well known in the island by his pedigree as Alastair Dhmhnaill Lachainn. The caption to our picture gives it to five generations.

• Campbell still remembers some of his father's Gaelic. He says: "I'm shocked that some people have negative views about Gaelic, but I don't think it's because of displacement racism or zenophobia. If people don't understand what Gaelic is, they're a bit suspicious. It has to be open to all. For example, it's fine having a Gaelic page in The Scotsman - but that's not enough.

"It should be embedded throughout the paper, and throughout the whole of the Highlands - at least."

 
 
 

Back to the top of the page