DCSIMG

Local Events Search

powered by
www.wow247.co.uk
Search

Baile geal Helsinki

Helsinki Cathedral. Picture: David J Byrne

Helsinki Cathedral. Picture: David J Byrne

Am baile geal. Sin an t-ainm a thug an t-ailtire Carl Engel air Helsinki san 18mh linn. Cha b’ ann air son cho fuar ’s a tha an aimsir, ged as ann mar sin a thà an aimsir (ach a-mhàin as t-samh­radh), ach air sgàth ’s dath a’ chuid as motha de na toglaich­ean a dhealbhaich Engel fhèin.

Tha iad fhathast geal. Ach, mar a tha nàdarra, chaidh gleans eadar-dhealaichte a chur ri coltas a’ bhaile bhon uair sin agus chith­ear toglaichean gorma ’s pince, ’s fiùs buidhe, nas trice an-diugh. Gus deagh eisimpleir den fhars­ain­g­eachd seo fhaicinn, rachainn gu Eira, sgìre shnasail nach eil ach cairteal uair a thìde air
bus poblach bho mheadhan a’ bhaile. Àite snog socair far an do thog daoine beartach taigh­ean ùra aig toiseach an 20mh linn. Dh’fhaodadh tu uair no dhà a thoirt an seo gu furasta, a’ cois­eachd ’s a’ coimh­ead mun cuairt.

Tha an dearbh rud fìor mu mheadhan Helsinki. Feum­aidh mi aideachadh gun do chuir a choltas Baile Naomh Pheadair san Ruis an cuimhne dhomh. Dh’fhaod­te nach e iongnadh cho mòr a th’ ann, leis cho faisg ’s a tha am baile bòidheach sin (mu thrì uairean a thìde dhan ear), ach an t-adhbhar as motha son a’ ghleans Ruisich, b’e gun deach tòrr de na seann toglaich­ean a chur suas nuair bha an Fhionn­lann fo smachd cruaidh na Ruis. Agus tha an ailtireachd ùr a’ dol glè mhath leis an t-seann stoidhle, ’nam bheachd-sa co-dhiù, fiùs leis na toglaichean ùra meatailt, glainneach, gleansach a chaidh suas anns na 90an.

A bharrachd air ailtireachd ùr, tha luchd-dealbhaidh na dùthcha air cliù math fhaotainn son dealbhachadh cha mhòr anns gach seadh. Bho àirneis adhartach annasach àlainn, gu fònaich­ean làimhe, gu na “h-appaich­ean” air na dearbh fònaichean làimhe. Chaidh Helsinki ainm­eachadh mar “Phrìomh Bhaile Dealbhachaidh an t-Saoghail ann an 2012”, agus tha tachartasan a’ gabh­ail àite air an ceangal ri dealbhachadh fad na bliadhna seo.

Sann mun cuairt air Pàirce
Dianapuisto a tha tè de na sgìr­ean as fheàrr gus àirneis Fhionn­lannach fhaicinn. Chithear iom­adh bùth àirneis an seo. ’Nam broinn bha iomadh rud brèagha, agus gach rud cosgail. Mar eis­impleir aon chuisean €80 (£65), brat-ùrlair €2,900 (£2,330), leabh­ar dealbhachaidh (na bu cholt­aiche ri bileag ’nam bheachd-sa) €86 (£70). ’S mar sin air adhart.

Ma bhios euro ruadh air fhàg­ail, chan eil cosgaisean àbhaisteach mòran nas fhas’ air an spor­an. Cosgaidh taigh òsta meadh­anach math – glan, goir­easach – mu €80–€100 (£65–£80) an oidh­che aig an deireadh sheachdain, ach mu €140–€160 (£115–£130) tron t-seachdain. Faod­ar prìsean bu lugha a lorg le bhith coimh­ead cuid de na làraich lìn ùra – Airbnb, Wimdu ’s an leithid.

A thaobh biadh ’s deoch bidh a’ chuid as motha de na taighan bidhe ’s na taighean seinnse cosgail do dh’Albannach. Ach a-rithist, tha dòighean ann beagan airgid a shàbhaladh. Gach latha tron t-seachdain, eadar 4f agus 6f, se “uair obrach” a th’ ann sna taighean seinnse, nuair a bhios iad ag ìsleachadh nam prìsean àbhaisteach aca. Gu h-annasach, bidh prìsean nan taighean bidhe cèine (Thaiach, Sìonach etc) nas ìsle na taighean bidhe Fionnlannach. Cha mholainn-sa biadh Fionnlannach a sheachnadh idir ge-tà, ach seo dòigh air smachd a chumail air cosgaisean bunait­each. Bidh a’ chuid as motha de na taighean bidhe Fionnlannach nas reusanta aig àm lòin na aig àm dìnneireach, agus dh’ithinn annta aig an àm sin den latha.

Coltach ris a’ chuid as motha de na dùthchannan san nàbaidh­eachd, is toigh leis na Fionnlann­aich blasan sìmplidh, plèan. Gus deagh bhlasad fhaighinn air farsaingeachd de bhiadh na dùthcha, rachainn gu margaid Kuup­atorri. Tha i air oir na h-acarsaid, troighean air falbh bho bhàt­aich­ean a tha a’ reic iasg a chaidh a ghlacadh ann an Camas na Fionnlainne a’ mhadainn sin.

Tha biadh na mara cudrom­ach do na Fionnlannaich. Chith­ear sgadan picilte mar a chithear an Alba, ach chòrd an sgadan pic­ilte ann an seiridh (agus fear ann an sùgh dearc-choille) rium gu mòr. Dh’fheuchainn giom­ach-Spàinnteach nam faighinn cothrom, seach gu bheil e cho reamhar ’s cho milis.

Tha mi riamh air a bhith den bheachd gum bu chòir dhomh a bhith fosgailte do rud sam bith fheuchainn fhads a bhios mi thall thairis, ach feumaidh mi aid­eachadh gun do cheasnaich mi an fheallsanachd agam fhèin nuair fhuair mi an cothrom feòil mathain smòcte fheuchainn.

Ach dh’fheuch mi e. Agus chòrd i rium. Leagh i ’nam bheul agus mhair am blas smòcte greis mhath. Aig mu €220 an kilo ge-tà, chan e feòil làitheil a th’ ann idir. An rud a tha ga dèanamh cho cosgail, se cho gann ’s a tha i.

Cha mhòr cho gann ’s a tha toglaichean geala a’ fàs anns a’ “bhaile gheal”.

daibhidhseumas@yahoo.ca

 

Comments

 
 

Back to the top of the page