DCSIMG

Local Events Search

powered by
www.wow247.co.uk
Search

Am figheadair feòir

S�r obair Mhic-a-Ph�: bho sh�os, cl�, geansaidh agus briogais a chaill an cumadh s an dath le aois, paidhir bhr�gan �ra, agus, os an cionn, dl�th shealladh air an fheur s na fl�raichean ann an r�

S�r obair Mhic-a-Ph�: bho sh�os, cl�, geansaidh agus briogais a chaill an cumadh s an dath le aois, paidhir bhr�gan �ra, agus, os an cionn, dl�th shealladh air an fheur s na fl�raichean ann an r�

LEUGH mi a’ chuid as motha den iomadh eachdraidh-beatha a sgrìobh Roger Hutchinson, Calum’s Road ’nam measg, agus ’na mo bheachd-sa, se The Silent Weaver: The Extraordinary Life and Work of Angus MacPhee (Birlinn, £8.99) as fheàrr air fad.

Saoilidh mi gu bheil dà adhbhar air a-seo. Bha bòidhchead neònach mu bheatha Aonghais, a ghabhas a chur an céill an ìomhaighean làidir: torann cruidhean nan each air machair Uibhist nuair dh’fhalbh e dhan chogadh còmhla ri chàirdean sna Lovat Scouts ann an 1939; na rudan iongantach a bhiodh e a’ fighe á feur, á flùraichean, á duilleagan agus á badan clòimhe anns na lethcheud bliadhna a thug e ’na euslainteach ann an Craig Dunain.

Se ’n t-adhbhar eile Hutchinson fhéin. Chaidh a thrèanadh mar naidheachdair, ach chan eil Gàidhlig aige, agus saoilidh mi gun robh Mac-a-Phì ’na chuspair coileanta dha, oir bhuineadh e do dhàrna leth an 20mh linn, ’s chan e rannsachadh eachdraidheil a bha dhìth air Hutchinson ach bruidhinn agus éisteachd ris na daoine a bha timcheall air ann an Inbhir Nis neo a bha eòlach air a chuid obrach.

Gabhaidh beatha Mhic-a-Phì innse ann am faclan sìmplidh. Rugadh e ann an 1915. Thogadh e san Ìochdar an Uibhist a-Deas. Bha e ’na dhuine àrd grinn, air leth math le eich (a bha pailt san eilean ri linn). Cha robh feum air saighdearan eich san dàrna cogadh ’s chuireadh na Lovat Scouts ’nam freiceadain dha na Faeroes. An ceann sia mìosan thàinig tinneas inntinn air Aonghas agus chuireadh dhachaigh e. Sguir e a bhruidhinn. Chaidh e a-staigh do Chraig Dunain ann an 1946. Se bh’ aige “simple schizophrenia”.

Bha tuathanas aig Craig Dunain far am b’ urra do dh’Aonghas obair le eich. Chaidh e an sàs ann an ciùird Uibhisteach air an robh e eòlach, a’ dèanamh shriantan agus chliabh á feur (an Uibhist, muran). Cha do sguir e dh’fhighe fad lethcheud bliadhna. Bha e toilichte. Ann an 1996, an uair a dhùin an t-ospadal, chaidh a thoirt gu Taigh Uibhist. Dh’eug e ann an 1997 agus thiodhlaiceadh e ann an Àird a’ Mhachair.

Tha Hutchinson a’ mìneachadh car son a bha obair Aonghais cudromach. Tha e furasta fhaicinn car son a tha co-fhaireachdainn aige, mar shoìsealach, ris a’ chuspair. Oir seo cruth ealain cho non-elitist ’s a th’ ann.

Tha schizophrìnich tric ’nan luchd ealain. Tha ainmean aig an genre: l’art des fous (ealain an luchd cuthaich), l’art brut (ealain amh), outsider art, art extraordinary. Ach tha, neo bhà, ealain Aonghais trì uairean cho inntinneach. B’esan am fear mu dheireadh a ghnàthaich ciùird Ghaidhealach a bha cho sean ris na cnuic: mar tha an seanfhacal ag ràdh, “Ith aran, snìomh muran, agus bi am-bliadhna mar a bha thu ’n-uiridh.” Thug e air adhart i: dhèanadh e h-uile seòrsa rud á feur, bonaidean, adan, còtaichean, brògan. ’S chailleadh e ùidh sna rudan a dheanadh e cho luath ’s a bha iad dèanta: chailleadh iad dath, rachadh iad ruadh, donn, odhar, marbh, ’s bhiodh iad air an losgadh no an sadail a-mach. Gu fortanach, chaidh beagan dhiubh a ghleidheil le daoin’ eile.

Abair meatafor. Abair leabhar.

 

Comments

 
 

Back to the top of the page

 

EDINBURGH
FESTIVALS
2014

#WOWFEST

In partnership with

Complete coverage of the festivals. Guides. Reviews. Listings. Offers

Let's Go!

No Thanks