DCSIMG

Local Events Search

powered by
www.wow247.co.uk
Search

Am baile sa bheil dà shaoghal a’ coinneachadh

Picture: David Byrne

Picture: David Byrne

  • by DÀIBHIDH BYRNE SIUBHAL
 

Lygos. Augusta Antonina. Byzantium. Sin dìreach cuid de na h-ainmean a thugadh air Istanbul, am baile as motha ’s as eachdraidheil san Tuirc.

Tha e ’na rud do-thuigsinn­each dhòmhsa gun deach a stèidh­eachadh san 7mh linn RC. Bhon uair sin bha e ’na cheannabhaile do dh’iomadh ìompair­eachd thar nan linntean – an fheadhainn Otomanach agus Bhisantach mar eisimpleir – agus ’na dhàrna prìomh bhaile do thè nan Ròmanach. An-diugh, ged nach e prìomh-bhaile oif­igeil na Tuirce a th’ ann tuilleadh, se prìomh bhaile na dùthcha a th’ ann fhathast anns gach seadh ach poileataigeach. Rinn gach ìompaire a dhìcheall a bhuaidh ’s a dhreach fhèin a chur ris, ’s tha seo gu sònraichte fìor mu na h-Otomanaich. Feumaidh gun robh seòrsa de dh’fharpais eatarra gus a’ bhuaidh as motha fhàgail air toglaichean a’ bhaile – sin as coir­each gu bheil e cho beartach ann an ailtearachd ’s a tha e an-diugh.

Cha dèanadh am facal “trang” a’ chùis gus mìneachadh cho beòthail ’s a tha Istanbul. Tha mi air ionnsachadh nuair a tha astar beatha a’ ruith cho raigheil ’s a tha e ann an Istanbul, daonnan bidh pailteas de bhiadh blasta ri fhaighinn gu frogail ’s gu furasta air an t-sràid. Dh’fheuchainn Börek, peastraidh air a lìonadh le diofar rudan mar chàise, neo feòil, no glasraichean. ’S e nas fheàrr blàth, chòrd am Börek air a lìonadh le spinach rium gu mòr.

Cuideachd, air son daoine nas treasa co-dhiù, dh’fheuchainn Midye Dolma. Is iad seo feusgain mhòra air an lìonadh cho làn ri ugh le rus agus spìsrean allmharach. Is iad a tha blasta – milis, saillte agus spìsreach uile aig an dearbh àm. Dh’iarrainn fear ùr an àite an fheadhainn a bha ’nan laighe greis, oir feumaidh gur ann air son deagh adhbhair a thug­adh am farainm “dìoghaltas an t-Sultain Otomanaich” orra!

Ged as e fear de na bailtean as motha ’s as trainge a th’ ann, gu h-annasach gabhaidh rud beag suaimhneis a lorg – ’s tha seo gu h-àraidh fìor san t-seann bhaile. B’ ann ás an sgìre seo bha cumhachd nan ìompairean suidhichte thar nan linntean ’s e fhathast comasach samhlaidh­ean cumh­achd fhaicinn sna toglaichean an seo. Tha a’ chuid as motha den ailtearachd eireachdail fhèin – bho cheàrnag an oilthighe gu na mosgaichean beaga ri taobh na sràide, gu na “trì mòra” – an Hagia Sophia, am Mosg Gorm agus Lùchairt Topkapi.

An cunnart a th’ ann uaireannan, se mar as trice a chluinneas sinn mu àitean ainmeil, sann as motha a tha ar dùil a’ fàs. Ach cha bhris a’ Hagia Sophia dùil duine sam bith, ge b’e dè cho àrd, leis cho mòralach, cho mìorbhail­each, cho fìor mhòr ’s cho àlainn ’s a tha e. Bha e ’na eaglais Chrìostail nuair a chaidh a thogail san 6mh linn ’s fad na mìle bliadhna as dèidh sin, ach nuair a thàinig na h-Otomanaich san 15mh linn rinn iad mosg dheth. An-diugh ge-tà tha e ’na thaigh tasgaidh agus chithear eisimpleirean de dh’ealain an dà chreidimh taobh ri taobh, seach nach do chuir na Muslamaich ach còta plàst thair­is air an ealain Chrìostail. Chan eil tòrr àitean san t-saoghal far am faicear maoiseach, neo mosaic, de Chrìost ’s a mhàthair a chaidh a dhealbhachadh 1,400 bliadhna air ais!

Chanadh cuid gu bheil am Mosg Gorm nas eireachdaile buileach. Cha b’ urrainn dhomh mo bheachd-sa a thoirt seachad air a-sin seach gu bheil e ’na mhosg do mhuinntir an àite ’s leis a-sin nach leigear duine a-staigh le briogais ghoirid orra – nach mì bha gòrach. Chaidh a thogail san 16mh linn air sgàth farmad an t-Sultain ris a’ Hagia Sophia. Ged nach eil e cho mòr ris, chanainn gu bheil e cheart cho àlainn, bho bhith coimhead orra bhon taobh muigh co-dhiù. Dhèanainn cinnteach mu na h-amannan ùrnaigh mus rach­ainn ann, seach gu bheil e a’ dùnadh tric aig na h-amannan seo.

Thaghainn Lùchairt Topkapi gus blasad de bheartas agus de chumhachd nan ìompairean Oto­manach fhaighinn. Mar a shaoilear, ’s i a tha spaideil agus snasail. Chithear a’ Hareem a bha ’na àite falaich nuair a bha an Sultan a’ fuireach ann ’s chithear iom­adh seòmar mòr eile air an sgeadachadh ann an stoidhle shònraichte nan Otomanach. Uile dathail, le òr air òr air òr.

An Ròimh Ùr. Constantinople. Stamboul. Ge b’e dè na h-ainm­ean a thugadh air Istanbul tron eachdraidh fhada thogarrach aige, tha e fhathast air fear de shàr bhailtean an t-saoghail.

 

Comments

 
 

Back to the top of the page

 

EDINBURGH
FESTIVALS
2014

#WOWFEST

In partnership with

Complete coverage of the festivals. Guides. Reviews. Listings. Offers

Let's Go!

No Thanks