Tha buaidh fhathast aig Ceit Fhoirbheis air an SNP, ‘s dh’fhaodadh iomairt ceannardais a bhith ann a dh’aithghearr

Dh’fhaodadh buaidh mhòr a bhith aig Ceit Fhoirbheis air pàrtaidh an SNP fhathast agus chan e a h-uile duine a bhios toilichte le sin. Smaoinich fhèin air Humza bhochd.
Thuirt Ceit Fhoirbheis g'eil ceistean ma choinnemh stiùireadh Humza Yousaf. (Dealbh: Jeff J Mitchell/Getty Images)Thuirt Ceit Fhoirbheis g'eil ceistean ma choinnemh stiùireadh Humza Yousaf. (Dealbh: Jeff J Mitchell/Getty Images)
Thuirt Ceit Fhoirbheis g'eil ceistean ma choinnemh stiùireadh Humza Yousaf. (Dealbh: Jeff J Mitchell/Getty Images)

[English-language version below]

Chan eil e idir ro ghòrach smaoineachadh gum faic sinn ann an 2024 iomairt ceannardais ùr, can às dèidh droch Thaghadh Choitcheann no sgainneal maslach air choireigin eile. Cha chuireadh tu geall nach tachair a leithid agus tha fhios ma thachras sin gun tig coimhead a-rithist ri Ceit mar cheannard.

Ged a ghabh i ri toradh na bhòt ron seo gu modhail, ciallach, a’ tilleadh air ais gu na cùl-bheingean, tha i air dèanamh cinnteach nach eil i air a dhol a-mach à sealladh buileach.

Hide Ad
Hide Ad

Agus a-rèir an agallaimh a thug i dha BBC ALBA bho chionn ghoirid, cha chanadh tu nach eil a sùilean fhathast gu math glaiste air dreuchd a' cheannardais. Mar a chanas iad sa Bheurla, ‘s e tìde a dh’inneas.

Chaidh an còmhradh gu lèir a chumail sa Ghàidhlig agus le sin, cha do thog na meadhanan eile e, ach a-mach à iomadach rud gu math inntinneach, sheas dà nì a-mach: nam biodh an cothrom aice a-rithist, làimhsicheadh i na ceistean mu a creideamh ann an dòigh na b' fheàrr agus, ‘s dòcha nas smaoineachaile, thuirt i g’eil ceistean ma choinnemh stiùireadh Humza Yousaf.

‘S dòcha gun robh i nas fhosgailte sa Ghàidhlig na bhiodh i sa Bheurla, ach tha e follaiseach nuair a thig an t-àm son ceannard ùr fhaighinn gum bi sùilean gu leòr air Ceit.

Tha e ri fhaicinn fhathast dè dìreach a’ bhuaidh a bhios aig a seo aig àm an Taghaidh Choitcheann, ach tha raointean mòr de sgìrean dùthchail na h-Alba gu math mì-thoilichte leis mar a tha an SNP air a dhol làmh ri làimh leis na h-Uainich, gu buileach chun na h-ìre ‘s a tha iad.

Tha e follaiseach dha Humza agus dhan phàrtaidh gun robh iad airson mòr-chuid airson neo-eisimeileachd a ghlèidheadh airson Am Pàrlamaid a riaghladh. Ach, cha robh seo idir cho cudromach ‘s a bha iad dùil. Seall fhèin mar a tha an taic dhan SNP a’ crìonadh ach airson neo-eisimeileachd a’ fuireach a cheart cho làidir ’s a bha.

Tha Ceit Fhoirbheis air a dhèanamh soilleir gum faigh i cuidhteas dha na h-Uainich a’ chiad chothrom a bhios aice agus i a’ faicinn cho soilleir ’s a ghabhas an cron a tha na poileasaidhean aca air a dhèanamh, leis na Sgìrean Mara Fìor Ghlèidhteachais is gu leòr eile.

Bha là ann, agus chan eil cho fada sin bhuaithe, nuair a bha taic fharsaing aig an SNP; stèidhte gu mòr air an iomairt airson neo-eisim