Gaelic: Ho-ro-gheallaidh an Glaschu, ’s an uair sin Dùn Èideann
Bidh òrain, sgeulachdan ’s cèic ann còmhla ris an t-seinneadair ainmeil á Ceap Breatainn, Màiri Sìne NicLaomainn, mu 2f, le cothrom coimhead air dà fhilm aig Taigh Chearsabhaigh (Taigh-Dhealbh Uibhisteach), Sruth nam Fear Gorm agus A Confluence. Tòisichidh gach nì a-rithist Di-Dòmhnaich aig 11 sa mhadainn.
Ann an Dùn Èideann cha bhi fada mus tòisich Iomall na Fèise. Ma thaidhpeas tu Gaelic a-steach air edinburghfestivals.co.uk thig Bruce Fummey am bàrr leis a’ chluich-chomadaidh Gaelic in the Afternoon, sam bi e a’ seanchas aig a’ Bheehive Inn mun rathad a rinn e a dh’ionnsaigh fileantas sa Ghàidhlig. Ach faodaidh tu cumail ort ga fhaicinn ann an dà chluich eile, My Afro Celtic Angst agus The Jacobites and Bonnie Prince Charlie, nach bi ro ùmhail do dh’urram eachdraidh nan Seumasach.
Advertisement
Hide AdAir neo dè mu dheidhinn Angus: Weaver of Grass aig an Netherbow Theatre bho 19 Lùnastal? Sann a bhios fuaim, ceòl agus dealbhan gan cleachdadh gus sgeul an Uibhistich Aonghas Mac-a-Phì innse – fear a bha a’ fighe trusgain iongantach á feur fad an lethcheud bliadhna a bha e ann an ospadal leighis-inntinn.
A bharrachd air na cluichean ’s a’ chomadaidh gheibhear sgeulachdan Gàidhlig don chloinn air an innse le Catrìona Leacsaidh Chaimbeul agus Tormod Caimbeul air 25 agus 26 Lùnastal aig RBS Imagination Lab mar phàirt de dh’Fhèis nan Leabhraichean, agus ron a-sin, aig RBS Corner Theatre air 10 Lùnastal, nì Aonghas Pàdraig Caimbeul, Mìcheal Klevenhaus agus Màiri NicLeòid còmhradh mu dhìleab ficsean na Gàidhlig fo stiùir Moray MhicBhàtair, ughdar An Introduction to Gaelic Fiction.
Mas toil leat ceòl, tha clàr ùr aig Capercaillie agus cuirm gu bhith aca aig na h-Assembly Rooms air 5 Lùnastal (8.30f, £17), no cuirm chlàrsaichean air 23 Lùnastal ann an Eaglais St Andrew’s and St George’s West, Sràid Dheòrsa. Mas e am piàna as fheàrr leat, bidh cuirm piàna air nòs na h-Alba ’s na h-Èireann san Jazz Bar air 13 Lùnastal (£10).