Gaelic: Dubai: an glàmar ’s an t-anabharr
An fheadhainn nach rachadh faisg air àite th’ air ainmeachadh sna leabhraichean iùil. Nach toireadh leotha ach aon phaidhir de dhrathais mheirgeach. Fear de na rudan a tha gan cur droil, se an dòigh anns a bheil calpachas na cruinne a’ dèanamh a h-uile baile coltach ri gach baile eile.
Nach iongantach, nach ìoranta, ma tha, gu bheil soirbheachas an dearbh phròiseas sin air àite adhbharachadh ’s a chruthachadh tha cho annasach, cho mìorbhaileach ’s cho eadar-dhealaichte bhon àbhaist ’s a tha Dubai.
Advertisement
Hide AdTha Dubai, gu ìre mhòr, air fàs gu h-obann ’s gu luath bho fhàsach mòr falamh gu bhith air fear de na bailtean eadar-nàiseanta as ainmeile a th’ ann. Tha Dubai, baile fada mar loidhne chumhang a chumas dlùth ri cladaichean a’ Chamais Pheirsianaich, ’na phàirt de na h-Eimireidean Aonaichte Àrabach. ’Na choltas, bhiodh e doirbh baile nas ùire, nas adhartaiche, nas misneachdail a lorg. Sann anns an ailtireachd as follaisiche an fhianais.
’S nach e a tha follaiseach. Ge b’e dè an oisinn den bhaile air an coimhead thu, chì thu toglaichean mòra glainne, uile air an ùr thogail. Tha iomadh eisimpleir ann de dh’einnseanaireachd ’s de dh’ailtireachd bharraichte, cuid dhiubh anns a’ Ghuinness Book of Records – Am Burj Khalifa, mar eisimpleir, an togalach as àirde san t-saoghal, no an Dubai Mall, an t-Ionad Bùthadaireachd as motha ’s as trainge san t-saoghal, no, a-muigh sa Chamas Pheirsianach, am Palm Jumeirah, eilean-mara mòr brèige ann an cruth craobh-phailme. Nach iongantach iongantach an t-àite.
Leis na tha de leasachadh air a bhith dol, ’s e fhathast a’ dol ’s a’ dol gun sgur, chan eil cus fianais air fhàgail air eachdraidh na h- Eimireid. Sann san sgìre mun cuairt air Kohr Dubai no Dubai Creek a tha ’n cothrom as fheàrr beagan den eachdraidh seo fhaicinn, ’s gu h-àraidh an sgìre Bastakiya. Ghabhainn turas tarsainn a’ gheotha air tè de na bàtaichean tradiseanta fiodha air a bheil abra, turas snog a chosgas mu 20 sgillinn an urra. Sann san sgìre seo a tha Taigh Sheikh Saeed, seann taigh an teaghlaich rìoghail, an t-àite as fheàrr gus ionnsachadh mu’n deidhinn-san.
Chanadh cuid, agus is cinnteach gum bi na siubhalaichean a dh’ainmich mi ’nam measg, nach eil cus cultair ri lorg air cùl a’ choncrait. Ach tha beagan ann. Bidh Taigh-Cluiche na Coimhearsnachd, ’s an t-Ionad Ealain a tha ’na phàirt dheth, trang tric. Rachainn dhan Sheikh Mohammed Centre for Cultural Understanding gus, uill, barrachd tuigse fhaighinn air cultar Dhubai. Gheibhear farsaingeachd mhath de bhiadh an àite ann cuideachd.
Ach sann mu ghlàmar ’s mu anabharr a tha Dubai. Na rudan mòra mìorbhaileach mòrchuiseach, sin a tha am baile a’ tabhann, chan e eachdraidh dhomhainn no cultar àrd. Air an adhbhar sin, chaidh mi dhan taigh-bhidhe shnasail stoidhleach “Ossiono” a tha ’na phàirt den Taigh Òsta ainmeil Atlantis air Palm Jumeirah. Feumaidh nach eil a leithid eile anns an t-saoghal. Ann am meadhan an t-seòmair tha an Ambassador Lagoon le còrr agus 65,000 beathach mara a’ snàmh mun cuairt ann.
Le sealladh cho brèagha ’s cho neo-àbhaisteach air do bheulaibh, feumaidh biadh air leth a bhith ann gus d’ aire a ghlacadh. ’S cha robh an clàr bidhe ’na bhriseadh dùil. Ghabh mi giomach gorm gratin a bha dìreach sgoinneil. Bha e a’ leaghadh ’s a leaghadh ’nam bheul.
Advertisement
Hide Ad’Nam bheachd-sa, mar as dorra co-dhùnadh a ruighinn air dè an dessert a ghabhas mi sann as fheàrr an taigh-bìdh. Anns an Ossiono thug mi mu fhichead mionaid a’ coimhead air a’ chlàr mus do thagh mi salted caramel chocolate tart, a bha blasta fhèin.
Cha chan mi cus mun bhileig a thàinig aig an deireadh, ach b’e tè de na dìnnearan as fhèarr bh’ agam riamh. Leis cho math ’s a chòrd i rium bha i ’na dìnnear luachmhor dhòmhsa. Cho eadar-dhealaichte bhon àbhaist ’s gur e rud gu math “Dubaiach” a bh’ ann.
Cò aige a tha fhios dè chanadh siubhalaichean nan drathais mheirgeach mun bhileig chunntais ge-tà? Agus cò nach eil ach coma!