Gaelic briefs: Boinne ann am beul na gaoithe
■ dh’fhaodadh an seinneadair Uibhisteach Julie Fowlis “Oscar” a bhuannachadh air son an òrain-film as fheàrr am-bliadhna. Ghabh i Touch the Sky a th’ air clàr Brave. Tha e am measg seachd òrain a dh’fhaodadh an duais a thogail. ■ THA Andaidh Moireach air OBE fhaighinn ann an Liosta Urraim na Bliadhn’ Ùire.
■ Bidh aig teaghlaichean le seòmar-cadail falamh ri cìs ùr a phàigheadh. A réir Riaghaltas na h-Alba, bidh buaidh aig a’ chìs seo air còrr agus 100,000 teaghlach ann an Alba, agus gearraidh Westminster £600 eile gach bliadhna bhon fheadhainn as bochda.
Advertisement
Hide Ad■ Foillsichidh riaghaltas India ainmean, fotothan agus seòlaidhean-puist nam mìltean de dh’eucoirich drabastachd, mar fhreagairt don fheirg an déidh éigneachadh oileanaich òig air bus ann an Delhi le prasgan de dh’fhireannaich. Tha an té a dh’fhulaing ri uchd bàis anns an ospadal fhathast.
■ Ghabh taigh uachdrach Pàrlamaid na Ruis ris a’ chasg air uchd-mhacachd leanabhan Ruiseanach le Ameireaganaich. Tha mu mhìle leanabh air an uchd-mhacachadh gach bliadhna le Ameireaganaich.
■ tha sinn a’ guidhe Bliadhna Mhath Ùr do ar luchd-leughaidh air fad an uair a thig i.