Cò bhàth Art MacCormaig?
Is toigh leam a’ bhàrdachd agus na fuinn, ach tha corra rud nach eil a’ tighinn ri m’ chàil.
Saoilidh mi nach eil seinneadair ann aig a bheil guth cho soilleir tlachdmhor ri Art MacCormaig, a choisinn am bonn òir ann an Tobar na Màthar ann an 1963 ’s gun e ach ochd bliadhn’ deug. Gu mì-fhortanach tha a ghuth air a mhùchadh leis na tha de chluicheadairean a’ cur taic ris. Tha barrachd air “inneal ciùil nan teuda deich agus an saltair” air a chùlaibh. Tha còig neo sia ionnsramaidean a’ deanamh an dìchill gus a chur fodha. Tha mi smaoineachadh gun do lorg mi bogsa, duiseal, meur-chlàr, ionnsramaid bualaidh (percussion) agus beus dùbailte, agus gach neach a’ cluich le faram. Fòghnaidh na dh’fhòghnas! Chanainn gum biodh aonan gu leòr.
Advertisement
Hide AdRud eile, saoilidh mi gu bheil e ciallach òran mar A Pheigi a Ghràidh a bhith air a sheinn le fireannach. Mar an ceudna cha toigh leam An Eala Bhàn aig Dòmhnall Ruadh air a sheinn le boireannach.
A dh’aindeoin sin, tha na prògraman inntinneach, le seinneadairean cliùiteach mar Ruairidh Caimbeul, Anna Mhàrtainn, Mairead Stiùbhart agus Murdigan Dòmhnallach ri’n cluinntinn. Se ath-aithris a tha annta, ach is math as fhiach iad èisteachd riutha a-rithist.
Chòrd Òran na Cloiche le Bàrd Phàislig, air a sheinn le Kathleen NicAonghais, rium gu mòr.