O chionn 80 bliadhna:12 Màrt 1932
Eadhoin ’san Taobh Deas tha tuillidh Eaglaisean na tha iomchuidh, ach, uidh air n-uidh, tha iad a’ dol cuideachd agus tha seann aobhair-cònspaid air an leigeadh air dì-chuimhn. C’uine chreideas sinn uile anns na h-aon chuspairean agus a sguireas sinn buileach de bhi dìteadh ’sa càineadh a chéile mu cheistean nach tuig sinn agus mu chùisean air nach eil sinn eolach? Is fearr dhuinn aire thoirt do nithean a bhuineas dhuinn agus a ni feum dhuinn féin agus do ar co-chreutairean. M’a ni sinn gu math chan olc dhuinn, agus m’a ni sinn gu h-olc cha mhath dhuinn – is e so suim agus brìgh ar dleasnas air an talamh. Tha na h-Eaglaisean ri obair bheannaichte, ach chan fheairrd iad dad a bhi brosnuchadh a chéile gu mi-thlachd.
Tha ceithir-fichead bliadhna ’sa naoi air dol seachad o’n Dealachadh ach tha na h-uisgeachan a chaidh an sin a chur air ghluasad fo bhuaireas fhathasd. Gidheadh, tha mùthadh mór air barailean dhaoine a thaobh creidimh agus cràbhadh.