Gaelic: Bracaist ann an Cìopras
An taca ris a’ bhracaist thradiseanta fheòlmhor a dh’ith mi an latha roimhe, fo sgòthan glasa Ghlaschu, cha b’ urrainnear bracaist nas diofraichte, nas grianaiche a lorg. Ach ann an Cìopras, eilean beag blàth dathail a tha sìnte sa Mhuir Mheadhanach an-Ear, se seo bracaist thradiseanta. Thug i sunnd an t-samhraidh orm anns an spot, gach latha a ghabh mi i.
Cha lorgar àite nas fheàrr gus turas a thòiseachadh na prìomh bhaile an eilein, Nicosia. Ach gur e prìomh bhaile a th’ ann do dhà dhùthaich seach gun deach an dùthaich a sgaradh nuair thàinig Arm nan Turcach a dhìon Cìoprasaich Thurcach an eilein. An-diugh, ged a tha cùisean làitheil gu ìre mhath sìtheil, tha crìoch chonnspaideach a’ ruith tro theis-meadhan Nicosia. As dèidh tuiteam Balla Bherlin, seo am baile mu dheireadh san t-saoghal a th’ air a sgaradh mar seo.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdGu deas, se Poblachd Chìoprais a th’ ann. ’Na pàirt den Aonadh Eòrpach, seo an taobh as leasaichte agus as beartaiche, an taobh as motha a thàirrneas de luchd-turais. Tha Poblachd Thurcach Chìoprais a-Tuath fada nas bochda na nàbaidh ’s i a’ strì gus luchd-turais a thàladh.
Seach nach eil e comasach càraichean màil a thoirt thar na crìche, gu mì-fhortanach cha robh e comasach dhuinn cus ùine a chosg air taobh nan Turcach. Bha a’ chrìoch dubh-dhùinte fad 30 bliadhna as dèidh a’ chogaidh, ach o chionn naoi bliadhna chaidh a fosgladh, agus ghabh sinn an cothrom lòn Turcach a ghabhail. ’S i crìoch cho neònach ’s a chunna mi riamh. Tha taobh nan Turcach ann, agus taobh Poblachd Chìoprais, ach anns a’ mheadhan tha mu cheud meatair a dh’fhaid de thoglaichean falamh, uile air am fàgail dìreach mar a bha iad an latha a thàinig Arm nan Turcach. Thathar ag ràdh gu bheil càraichean-spòrs cosgail fhathast ann am bùth air choreigin anns an sgìre mharbh chumhang seo, uile air an còmhdachadh le dust 35 bliadhna, ’s a’ feitheamh ri luchd-ceannachd.
Chan e rud ùr a th’ ann an aimhreit do na Cìopraich ge-tà. Thug diofar ìompaireachdan cèin cumhachdail buaidh mhaireannach air an eilean thairis air an iomadh linn a dh’fhalbh – an fheadhainn Ròmanach, Bheiniseach, Otomanach agus Breatannach ’nam measg. Mar a shùilicheadh tu ann an àite le eachdraidh cho domhainn, chithear buaidh fhisigeach nam ìompaireachdan seo anns na seann toglaichean –air neo tobhtaichean – a tha sgaoilte air feadh an eilein.
Gus deagh eisimpleirean de dhìleab bhrèagha na seann ìompaireachd Bhisantaich fhaicinn, rachainn suas do sgìre bheanntach Troodos ann an teis meadhan na dùthcha. Fo sgàth mòr Beinn Olympus, seo far am faicear naoi seann eaglaisean eireachdail, meadhanach beag ’nan coltas, a chaidh a thogail eadar an 11mh agus an 14mh linn. As dèidh dhomh feadhainn dhiubh fhaicinn, ’s na frescothan adhraidh beòthail a tha ’nam broinn, chan e iongnadh sam bith a bh’ ann dhòmhsa gun deach an ainmeachadh leis na Nàiseanan Aonaichte air son cho prìseil ’s cho sònraichte ’s a tha iad do chultar an t-saoghail.
Tha sgìre Troodos tha seo, air son dùthaich cho beag co-dhiù, gu ìre mhath iomallach agus, leis a-sin, fada gu leòr air falbh gus faochadh fhaighinn bhon luchd-turais a bhios sìnte air tràighean tarraingeach a’ chosta. Gheibhear blasad air beatha àbhaisteach nan Cìoprach shuas an seo, is dòcha mar a bha i ann an linn eile. Chòrd e rinn stad anns na caféan ionadail beagan air falbh bhon rathad agus gu sònraichte fear dhiubh a bha làn de bhodaich na sgìre, ’s iad uile cho farpaiseach a’ cluich cairtean agus a’ smòcadh toiteagan gun sgur.
Agus sinn air ar smòcadh, rinn sinn ar slighe sìos na beanntan a’ dèanamh air taobh siar an eilein. Chaidh sinn seachad air àite breith miotasach na bandia ainmeil Aphrodite, bho sheann mhiotas-eòlas nan Greugach, nach eil cho fada sin bho bhaile Phaphos. Agus abair gur e àite freagarrach do bhandia sam bith th’ anns an sgìre seo, leis cho soilleir ’s cho blàth ’s a bha a’ Mhuir Mheadhanach an sin.
Ach an uair a ràinig sinn Paphos fhèin, am prìomh bhaile air taobh siar an eilein, feumaidh mi aideachadh gur e beagan de bhristeadh dùil a bh’ ann dhòmhsa. Chaidh cus leasachaidh a dhèanamh ri pàirtean dheth ’nam bheachd-sa, ach tha sgìre shnog ann ri taobh na mara, far am faighear tòrr de na taighean-bìdh as fheàrr anns a’ bhaile. Ach chaidh cliù Phaphos a shàbhaladh air an oidhche mu dheireadh den turas againn leis a’ mhousakka as mìorbhailiche a dh’fheuch mi riamh, ’s e air a lìonadh le sabhs geal uachdarach a bha blasta blasta. Agus còmhla ris, sailead tradiseanta “air an taigh”. Dearcan-ola. Càise halloumi. Cularain. Tomatoan. Air son dìnnear. Seadh, Seadh.