Tha feum aig grunnd Linne Chluaidh air dìon
Tha dàibhearan, iasgairean slaite agus luchd glèidhteachais am beachd gur e bliadhnaichean de thràladh trom, ’s gu h-àraidh sgrìobadh a’ chreachainn, as coireach. Ach le Riaghaltas na h-Alba fo dhleastanas Eòrpach 16 roinnean dìonta mara (RDM) a stèidheachadh ro 2016, is dòcha gu bheil atharrachadh air fàire.
Ann an 1995, stèidhich dithis Arainneach UMCA (Ùghdarras Mara Coimhearsnachd Arainn). ’S iad a’ cleachdadh rannsachaidhean bho Oilthigh Eabhraic agus roinnean dìonta mara thall thairis, thog iad fianais a nochd buannachdan nan sgìrean sònraichte seo do shlàinte na mara. Ann an 2008 chaidh mìle cheàrnagach eadar Eilean Mo-Laise agus Arainn ainmeachadh mar roinn ghlèidhteachais mara – a’ chiad roinn dhìonta san dùthaich – ás nach fhaodar beathach mara sam bith a thoirt. A rèir Anndra Binnie, an t-Oifigear Pròiseact Mara, thàinig piseach mar-thà. “Thathar a’ faicinn meudachadh air an dà chuid àireamh agus meud nan creachannan am broinn na roinne, agus tha coltas ann cuideachd gu bheil bith-iomadachd nas àirde ’na broinn na air an taobh a-muigh.”
Advertisement
Hide AdTha an fhianais bho roinnean dìonta mara eile làidir gu dearbh, a’ sealltainn nach eil iad a’ dìon agus ag ùrachadh beathaichean mara am broinn na roinne dìonta fhèin, ach a’ cur am meud bith-iomadachd agus bith-thomad na mara timcheall orra.
Ann an 1994, dhùineadh trì roinnean 17,000 cm2 ann am meud air Bruach Sheòrais far oirthir Rubha nan Trosg sna Stàitean Aonaichte, an dèidh crìonadh mòr an àireamhan an èisg. Thòisich luchd-saidheans bho Ionad Saidheans Iasgach an Ear-Thuath a’ clàradh gnè agus meud an èisg, beathaichean a bh’ air an glacadh gu tubaisteach, agus acainn nan tràlairean. Le roinnean iasgaich gu minig air an dùnadh chan ann a rèir crìoch-ghlacaidh na gnè-amais ach a rèir crìoch-ghlacaidh gnè dhàrnach air am faod an t-iasgach bualadh, tha bith-iomadachd na mara dìonta air fad. Tha bith-thomad a’ chreachainn, agus roinnean a bh’ air an dùnadh nuair a ghlacte meud sònraichte de lèabagan earbaill-bhuidhe, air fàs deich uiread bhon ìre as ìsle ann an 1993, cha mhòr aig an ìre aig an robh i ron chrìonadh mhòr.
Ann an Canada tha bàtaichean-sgrìobaidh a’ chreachainn a-nis a’ glacadh trì uiread ann an 25,000 uairean a thìde na ghlac iad ann an 125,000 uair mus tàinig atharrachaidhean a-steach ann an 1986, ’s ann an Tìr na Bànrigh, Astràilia, tha an ìre ghlacaidh a-nis air tilleadh chun na h-ìre aig an robh i sna 60an an dèidh còig ás a’ cheud de na roinnean iasgaich a bhith air an dùnadh ann an 2002. Tha an Fhraing, Eilean Mhanainn agus Seallainn Nuadh uile air buannachdan fhaighinn, an dà chuid ionmhasail agus air an àrainneachd, as dèidh dhaibh roinnean dìonta mara a stèidheachadh.
Follaiseach agus gu bheil na buannachdan do riaghaltasan ’s do dh’iasgairean cèine, tha e coltach nach eil Riaghaltas na h-Alba gan aithneachadh, ’s iad a’ diùltadh an tagraidh aig UMCA air son RDM a chuartaicheadh Arainn air fad. “Cha do leig Richard Lochhead còir le Comann Iasgairean Cluaidh roinn dìonta mara a chur air dòigh a dh’obraicheadh ’na roinn ‘bufair’ don roinn ghlèidhteachais. Ged a bha an sluagh den bheachd gum bu chòir dhi bhith ann, ’s gun robh fianais shaidheansail ga moladh, chuir an Comann Iasgairean ’na h-aghaidh ’s cha tàinig i gu bith.”
Le roinnean dìonta mara dùinte do bhàtaichean-sgrìobaidh ’s tràlairean ach fosgailte do bhàtaichean chliabh ghiomach, do dh’iasgairean slaite agus do dhàibhearan, tha iad a’ brosnachadh iasgach aig ìre sheasmhach, agus aig an aon àm a’ toirt cothrom don mhuir tilleadh gu slàinte. Tha Dàibhidh Hodge,, a tha ’na sgiobair air bàta chliabh ghiomach ann an Àird Rosain agus ’na chathraiche air Comann Acainn Shuidhichte Shiorrachd Àir agus Cluaidh, a’ cur fàilte air roinnean dìonta mara. “Se rud math a bhiodh annta. Chan eil mi air son tràlairean a stad, oir feumaidh sinn uile cosnadh a dhèanamh, ach feumar smachd a chur air acainn; tha lìonadh-dùbailte a’ dèanamh dà uiread sgrios air grunnd na mara. Tha rudan cho dona ’s nach eil tràlairean an tòir air glas-iasg tuilleadh, oir chan eil iad ann. Tha sgrìobadh a’ chreachainn borb – tha iad a’ creachadh na h-uile.”
B’e fosgladh na crìche trì mìle, roinn dìonta a chuairtich oirthir na dùthcha air fad gu ruige 1984, a mharbh Linne Chluaidh uile gu lèir, ach on bha a’ chreach fo luasgadh nan tonn, tha a’ mhòrchuid aineolach. Deich bliadhna as a dhèidh, thàinig crìoch air an Each Gheal, an fharpais iasgach-mara as motha ann an Alba, nuair a dh’fhàillig 1,180 iasgair trosg a ghlacadh eatarra air oirthir Shiorrachd Àir. Chuireadh ás cuideachd, còmhla ri iomadh farpais eile, do dh’Fhèis Loch an Eilein aig an aon àm, agus cuideam-glacaidh air tuiteam bho cha mhòr ochd tunna èisg ann 1967 gu neoni. Chan eil ach aon bàta charter air fhàgail an coimeas ri 51 ann an 1981.
Advertisement
Hide AdCha tig buain bho achadh seasgach, ge brith dè cho tric ’s a threabhar e. Ma tha iasgach gu bhith ann an Cluaidh idir, agus ann an Alba gu lèir, feumaidh an Riaghaltas an fhìrinn innse do ghnìomhachas an iasgaich mu na tha riatanach gus stocan èisg ùrachadh. Feumaidh e buannachdan roinnean dìonta mara a dhèanamh shoilleir.
Le aon de na roinnean dìonta air a bheil an Riaghaltas a-nis a’ beachdachadh gu bhith a’ dol timcheall ceann a-deas Arainn, is dòcha gum faigh Mgr Binnie ’s na mìltean de dhaoine eile a fhuair tlachd agus cosnadh bhon stòras nàdarra iongantach seo cothrom Cluaidh fhaicinn mar a bhà. Dh’fhaodadh dìleab roinn ghlèidhteachais Eilean Mo-Laise a bhith a-cheart cho cudromach ri iomadh duine iomraiteach a dh’fhag ainm air Arainn agus Cluaidh.