Rathaidean iarainn a’ dol Duidseach
Tha Abellio a’ tighinn air bòrd aig àm inntinneach son còmhdhail rèile ann an Alba agus atharrachaidhean mòra air fàire. Anns a’ chiad dol a-mach, bidh rathad-iarainn ùr nan Crìochan a’ fosgladh eadar Dùn Èideann agus Galashiels/Bruach Thuaidh san t-Sultain agus bidh aig Abellio ri seo a ruith. A rèir an riaghaltais, se seo an rathad iarainn as fhaide a chaidh a thogail (no ath-thogail) ann am Breatainn fad còrr is 100 bliadhna.
Tha pròiseact mòr a’ dol air adhart cuideachd gus na rathaidean iarainn as cudromaiche ann am meadhan na h-Alba a dhealanachadh gus an gabh trèanaichean dealain a chleachdadh, a tha nas luaithe ’s nas uaine na trèanaichean dìosail. Bidh seo a’ tòiseachadh le loidhne Ghlaschu–Dùn Èideann (taobh na h-Eaglais Brice) le planaichean seirbheisean dealanach a chur air dòigh gu Sruighlea, Alamhagh agus Dùn Bhlàthain agus air an loidhne eadar Glaschu ’s Dùn Èideann taobh Shotts cuideachd. Mar phàirt den phrògram seo thèid Stèisean Sràid na Banrighinn ann an Glaschu a leudachadh agus thèid stèisean ùr Gateway Dhùn Èideann a thogail a bhios mar cheangal rèile ri seirbheisean trama dhan Phort Adhair. Tha trèanaichean ùra gu bhith ann cuideachd airson nan loidhnichean dealanach agus tha 70 trèanaichean ùra gu bhith gan togail airson 2017.
Advertisement
Hide AdTha fios gun cùm seo uile Abellio trang gu leòr ach a bharrachd air, tha iad air aontachadh ri grunn leasachaidhean eile anns a’ chead-ruith ùr. Thèid trèanaichean nas ùire ’s nas cofhurtaile a chur air loidhne na Gàidhealtachd an Iar, loidhne a’ Chaoil agus loidhne a’ Chinn a Tuath bho 2017 a bhios nas freagarraiche son tursan rèile tha cho bòidheach ’s cho cliùiteach.
Bidh Abellio cuideachd a’ dol air ais dhan àm ri teachd ’s iad a’ cur trèanaichean a tha còrr is 30 bliadhna dh’aois air dòigh eadar meadhan na h-Alba agus Obar Dheathain is Inbhir Nis, ach ged a tha na trèanaichean seo – na Intercity 125s no HSTs, aosta a-nis, tha iad nas motha ’s nas cofhurtaile na an fheadhainn a th’ ann aig an àm seo agus cha bhi an luchd-siubhail a-mach à Inbhir Nis is Obar Dheathain mar sgadan ann am baraille tuilleadh.
Tha teicneòlas ùr cudromach do dh’Abellio. Tha iad an dùil gum bi cairtean-tapaidh no smartcards a’ sìor fhàs nas cudromaiche ’s gum bi a’ mhòrchuid de na tursan rèile an Alba a’ cleachdadh cairtean seach tiocaidean pàipeir ro 2020. Thèid Wi-Fi a sgaoileadh dhan a h-uile trèana cuideachd.
Mar chompanaidh Dhuidseach, chan eil e na iongnadh gu bheil Abellio a’ cur cuideim air baidhseagalan. Tha iad airson ’s gun tèid barrachd don stèisean air baidhsagal seach ann an càraichean – tha àiteachan stòraidh gu bhith ann airson baidhgean ann an 39 stèiseanan, agus goireasan nas motha ’s nas fheàrr anns na h-ochd stèiseanan as motha ann an Alba.
Ach ged a tha cuideam air rudan gu math ùr-nodha mar chòmhdhail cheangailte agus cairtean-tapaidh, tha e coltach gun till trèanaichean smùide cuideachd. Tha trèanaichean do luchd-turais gu bhith ann air na loidhnichean as àille, ’s tha iad a’ beachdachadh air trèanaichean smùide a ruith air a’ Ghàidhealtachd agus gus an t-Sròn Reamhar mar phàirt dheth seo.
Thèid seirbheisean nan trèanaichean-cadail eadar Alba agus Lunnainn – an Caledonian Sleeper – a leasachadh cuideachd ach tha Riaghaltas na h-Alba air cead-ruith air leth a chruthachadh air a shon agus thèid a ruith le Serco. Thathar air 4 trèanaichean ùra òrdachadh airson nan seirbheisean oidhche eadar Glaschu, Dùn Èideann, Obar Dheathain, Inbhir Nis, An Gearastan agus Lunnainn, agus tòisichidh iad seo ann an seirbheis ann an 2018. Bidh biadh nas fheàrr, barrachd sheòmraichean singilte agus seòmraichean en suite ann.
Advertisement
Hide AdTha na ceadan-ruith ùra seo cudromach, chan ann a-mhàin airson Abellio is Serco ach cuideachd airson Riaghaltas na h-Alba. Seo a’ chiad turas a chaidh cead-ruith airson rathaidean iarainn na h-Alba a thoirt seachad bho fhuair Ministearan na h-Alba barrachd chumhachdan a thaobh seirbheisean rèile fo Achd nan Rathaidean-Iarainn 2005. Dh’fhaodte gum bi atharrachaidhean reachdail eile air fàire cuideachd, leis gun deach moladh ann an aithisg Comisean Mhic a’ Ghobhainn gum bu chòir tagraidhean bhon roinn phoblaich a bhith ceadaichte airson ceadan-rèile.
Ge b’e dè thachras, ge-tà, tha a h-uile coltas gun lean am fàs ann an àireamhan luchd-cleachdaidh nan trèanaichean.