Gaelic: Taigh-tasgaidh ùr gu bhith aig Uibhist?
Tha an làrach a’ dol air ais gu eadar 3200 agus 2200 roimh Chrìost agus bha e ’na laighe fon ghainneamh thar nan linntean.
Ann an Uibhist a-Tuath tha làrach den aon seòrsa ann an Grèinetobht. Faisg air gob Àird a’ Mhorrain tha baile, Udal, far an robh sluagh a’ còmhnaidh ann an togalaichean tro amannan neolithic, umha, iarainn, Lochlannach agus meadhan-aoiseach. Tha an làrach a’ dol air ais cho fada ri còrr agus 4,000 bliadhna.
Advertisement
Hide AdThòisich am Profeasair Ian Crawford air sgrùdadh a dheanamh air an àite ann an 1963. Gach samhradh bhiodh e a’ tighinn gu Solas le buidheann de na h-oileanaich aige á Oilthigh Chambridge. Tha iad air lethcheud togalach agus tobhta a lorg agus air 27,000 gnothach mar cnàmhan, buinn airgid, crèadaireachd agus rudan umha agus iarainn fhaighinn. ’S tha ceàrdach agus grunn taighean cuibhle air tighinn am follais.
B’e seo am baile bu mhotha san eilean aig aon àm, agus bha Sìol Ghoiridh a’ còmhnaidh ann. Chaidh iad fhèin agus buidheann eile de shliochd nan Dòmhnallach, Sìol Mhurchaidh, a-mach air a-chèile. Bha blàr eatarra far an do theab iad cur ás do chèile.
Tha lethcheud bliadhna bhon a thòisich am Prof. Crawford air rannsachadh. Am measg an fheadhainn a tha den bheachd gum bu chòir, a-nis, na gnothaichean a lorg e a bhith air am foillseachadh ann an Uibhist tha am BPA Alasdair Allan, an t-arc-eòlaiche Deborah Anderson ’s an Comhairliche Èirdsidh Caimbeul. Aig an àm seo tha mòran dhiubh air an tasgadh ann an Glaschu, ach tha iomairt air bhonn gus an gluasad dhachaigh. Agus tha tabhartas £85,000 air tighinn bho Chomann nan Taighean Tasgaidh gus sin a choileanadh.