Gaelic: Chì mi ’n tìr far ’n robh mi ’nam bhalach, ’m bàrr a’ chroinn ’s Leac an Lì ’nam shealladh . . .
Tha suas ri dà mhìle a’ còmhnaidh san eilean agus dhiubh sin tha 700 anns a’ cheann a-tuath agus 550 air an Tairbeart. Aig an toiseach chì sinn iad a’ lomadh nan caorach agus tha na bodaich den bheachd gur i an t-seann deibhis as fheàrr na cliopairean an dealain, a dh’fhàgas na caoraich cha mhòr dearg rùisgte.
Anns na bailtean mun cuairt tha an sluagh a’ crìonadh, ach a-mhàin ann an Rèinigeadal far a bheil fichead neach a’ còmhnaidh agus far a bheil an-diugh rathad mòr an rìgh seach frith-rathad. Ghluais teaghlach le dithis bheaga á Birmingham o chionn ghoirid.
Advertisement
Hide AdAir an Tairbeart tha bùth iongantach, Buth Ailig, far am faigh croitear agus bean taighe gach nì air a bheil feum. Tha pailteas de bhiadh ann agus a bharrachd gheibhear snàthadan, sìoltachain, uèir stobach, cuibhrigean agus cluasagan. Bidh na seann daoine a thig air astar a’ deanamh cèilidh agus gheibh iad cupa cofaidh.
Tha Somhairle MacLeòid a’ còmhnaidh ann an Aird Àsaig. Chuir e seachad bliadhnachan ann an Glaschu ach bha aire air na beanntan, na stuadhan, na lochan agus an iasgach, agus cha b’ fhada gus an do thill e dhachaigh. Chan eil miann idir aige a dhol air saor-làithean.
Ged a tha na seallaidhean àlainn agus Gàidhlig nan Tearach tlachdmhor, tha e duilich a chluinntinn gu bheil bodaich anns na bailtean, sgoiltean a’ dùnadh agus Bùth Ailig an impis a dhol á bith. Mar a chanas e fhèin, “Seann aois agus cus de red tape.”
Tha Mairead Rods ag aithris gu pongail.