Gaelic: An teaghlach ’s an t-àite: Caimbeulaich a’ Ghnìoba
Se iuchair na cùise am facal a tha a dhìth air an tiotal: teaghlach. Tha Fonn car far a bheil The Story of the Trapp Family Singers le Maria von Trapp a’ coinneachadh ri album teaghlaich, ri Hebridean Song-Maker: Iain MacNeacail of the Isle of Skye le Thomas McKean no ri Songs Remembered in Exile le Fear Chanaigh, ’s ann an dòigh cuideachd ri nobhailean math “teaghlaich” mar Clann Iseabail, An Oidhche mus do Sheòl Sinn, Samhraidhean Dìomhair, Cuid a’ Chorra-Ghrithich. Oir tha e a’ toirt iomradh, chan ann air aon seinneadair Sgitheanach ach air làn teaghlach dhiubh. Tha e a’ cur thairis le na cuimhneachain ’s na naidheachdan aca. Tha e an dà chuid tarraingeach agus luachmhor. Chan eil ainm ùghdair air an duilleig-thiotail idir. Tha e loma-làn dhealbhan camara ’s ghearraidhean á pàipearan-naidheachd. Tha còrr agus an dara leth air a thoirt seachad dha na h-òrain aca – 118 dhiubh, ann an staff notation, còmhla ri na facail an Gàidhlig ’s am Beurla. Tha CD ann de 30 dhiubh. ’S aig an toiseach tha freumhan agus dùthchas nan Caimbeulach seo (an Gnìob, Ròag, Dùthaich ’c Leòid) air an cur an céill le buill shònraichte dhen teaghlach fo chinn leithid “An Sgìre”, “Eachdraidh”, fiùs “Seanfhacail”.
Feumar dà rud eile ainmeachadh. Gur ann le ball dhen teaghlach, Màiri Anna nighean Ceana, a tha an ro-ràdh ’s na notaichean ris na h-òrain, ’s gur ann le Iain MacAonghuis a tha an ro-ràdh ris an leabhar fhéin – uile air leth inntinneach. Oh, agus thug mi ’n aire do dhà ghuth eile nach buin dhan teaghlach a’ nochdadh am measg nan cuimhneachan, Mórag NicLeòid ás na Hearadh agus Mina Nic a’ Ghobhainn á Leódhas.
Advertisement
Hide AdTha e uil’ air a dhèanamh gu bòidheach san dà chànain, le tòrr cholbhan dùbailte, Gàidhlig an dara taobh, Beurla an taobh eile. Tha siud ga fhàgail gu math tomadach, amallach, ged a tha e air a dheilbh gu brèagha le Mairead Anna NicLeòid. Se an aon eagal a th’ ormsa gun can teaghlaichean eile: “Tha ’n t-uabhas stuth againne cuideachd ach cha ruig sinn gu bràth air nì cho grinn ri Fonn a chur ri chéile. Bhiodh e ro chruaidh.”
Riuthasan chanainn-sa: “Chan eil aig a h-uile facal ri bhith san dà chànain. Nì e ’n gnothach sa Ghàidhlig a-mhàin. Neo cuid am Beurla, cuid an Gàidhlig, a-cheart mar a thig e. Chan eil feum air gach nì eadar-theangachadh. Mar sin bidh an leabhar agaibhse nas aotruime ’s nas saoire!”
Ann an gnothaichean Gàidhlig an-diugh cha chluinn sinn am facal “teaghlach” uiread ’s a chluinneas sinn “coimhearsnachd”. Tha Fonn a’ cur sin ceart. Cha robh dad againn riamh a bha buileach coltach ris. Mar sin tha mi an dòchas nach cuir e eagal air teaghlaichean eile, ’s gun toir e genre ùr gu bith.
Crìochnaichidh mi le quote iomchaidh. Sann bho Wilma nighean Ceana a tha e, ach tha amharas agam gun seas e son duine sam bith de na Caimbeulaich. “Cha robh mi riamh air mo phutadh gu seinn. ’S e dìreach rud cho nàdarra a bh’ ann ri bhith a’ tarraing anail, ’s e rud a bh’ ann a bha thu airson a dhèanamh. Cha robh thu a’ saoilsinn gur e rud sònraichte a bh’ ann; bha T-Mary, ’s T-Ann ’s Uncail Seumas ’s a h-uile duine a’ seinn – ’s e dìreach rud a bha sinn uile a’ dèanamh.”
Fuaim a’ chiùil an da-rìribh.
An aon dealbh anns a bheil an t-seachnar de Chaimbeulaich a’ Ghnìoba a choisinn buinn òir air son seinn ri’m faicinn còmhla. Chaidh a thogail aig pòsadh Wilma ann an 1997. Bho chlì gu deas, leis na bliadhnachan a fhuair iad na buinn, tha Seumas (1971, 1974), Anna (piuthair Sheumais agus Ceana, 1973), Màiri Anna (nighean Ceana, 1987 agus 1988), Wilma (nighean Ceana, 1991 agus 2011), Ceana (piuthair Sheumais agus Anna, 1959), Seonag (piuthair athar Sheumais, Anna agus Ceana, 1957), agus Magaidh (nighean Anna, 1993)