Cuimhneachan connspaideach?
Bha iad a’ teicheadh ’nam mìltean. Lìon iad, an sluagh as bochda anns an Roinn Eòrpa, bailtean air feadh ceann a-deas Alba. Thuit cunntas-sluaigh Èirinn o ochd gu sia millean, leth dhiubh a’ bàsachadh agus a’ chuid eile a’ fàgail.
Tha a’ Ghort air aon de na tachartasan as connspaidiche ann an eachdraidh na h-Ìmpireachd. On tha Alba nas lugha na Sasainn, Ameireaga no gin de na dùthchannan eile san d’fhuair na h-Èireannaich cobhair, bu mhòr an lorg-coise a dh’fhàg iad oirre, ’s gu h-àraidh air Glaschu. B’e seo an t-atharrachadh sòisealta ’s cultarach as motha a thàinig air dàrna baile na h-Ìmpireachd bho linn an Ath-Leasachaidh.
Advertisement
Hide AdMòr ’s gu bheil e, tha Glaschu, eu-coltach ri Boston, Sidni no Liverpool, gun ìomhaigh chloiche no fiù plàc gus cuimhne a chumail air buaidh na Gorta Mòire air a’ bhaile. Tha atharrachadh air fàire, ge-tà. Tha Fearghal Ó Daltúin á Baile Átha Cliath, a tha ’na chomhairliche Nàiseantach ann an Glaschu, aig cridhe oidhirp gus cuimhneachan a thogail. “Is dòcha gum bi e nas cudromaiche do shliochd muinntir na Gorta ann an Glaschu na do mo leithid-sa aig a bheil sinnsirean a dh’fhuirich ann an Èirinn, ach nuair a thog mi an cuspair le co-obraichean sa phàrtaidh, thug iad taic gun dàil. Thuirt mòran gun robh e ’na iongnadh nach deach a dhèanamh roimhe. Thug na Làbaraich agus pàrtaidhean eile taic aon-ghuthach.”
Còmhla ris na h-Èireannaich, ge-tà, thàinig còmhstri mhaireannach. Thill an lus a chuir Rìgh Seumas VI ann an Ulaidh gu sràidean na Galldachd mar phuinnsean nas seasmhaiche na galar a’ bhuntàta. Togaidh dalm-bheachd a cheann, agus bidh aig na h-ùghdarrasan ri dèiligeadh ris an aineolas agus ris a’ mhì-thuigse a th’ air cùl iomadh beachd Albannaich air poileataigs agus eachdraidh na h-Èireann. ’S dòcha, ge-tà, gur e cothrom foghlaim a bhios ann.
Gu ìre mhòr, b’e clas-sòisealta ’s cha b’e creideamh am factar as cudromaiche ri linn na Gorta: dh’fhuiling Pròstanaich bhochda a-cheart cho mòr ri Caitligich, agus de na thàinig thar Sruth na Maoile, tha cuid a’ tuairmse gun robh eadar cairteal agus leth ’nam Pròstanaich. Ach tha feadhainn ann fhathast a tha creidsinn gun do chinn am buntàta slàn fallain air fearann Pròstanach ’s gun robh an galar ’na mhallachd o Dhia air na Pàpanaich. Tha cunnart ann cuideachd gun dean buidhnean Poblachdach feum den chuimhneachan mar naomh-chiste dhaib’ fhèin gus na h-amasan acasan a chur air adhart.
Tha e den phrìomh chudrom, ma-thà, gun dèan na h-ùghdarrasan soilleir, tro fhoghlam ’s tro in-ghabhaltachd aig gach ìre de leasachadh a’ phròiseict, gum b’ann air a h-uile ceàrn de dh’Èirinn a bhuail a’ Ghort, ’s gur ann do shliochd dà thaobh na beàrn phoileataigich agus chultaraich a tha an cuimhneachan. A dh’aindeoin nan cunnartan follaiseach, tha Fearghal Ó Daltúin, a tha a’ riochdachadh Partaig an-Iar far a bheil e a’ fuireach le a bhean ’s an triùir chloinne, daingeann ’na bheachd gu bheil a leithid de dhaoine ’s de bheachdan ’nam beag-chuid. “Chan eil ùidh agam sna gamhlasan aig eileamaidean fad ás de luchd taice ball-coise. Ged a dh’fheuchas iadsan ri droch fheum a dheanamh den chuimhneachan cha bhi buaidh aige sin air muinntir chumanta Ghlaschu neo air fìor luchd leantainn ball-coise.”
Se aon de na leasachaidhean as cudromaiche gu ruige seo gu bheil Seanadh Luchd-Taic Rangers, an Rangers Supporters’ Assembly, air an dà chuid taic oifigeil agus airgead a thoirt don phròiseact. Ged nach eil iad uile toilichte, tha seo ’na cheum mòr gus stad a chur air an t-seòrs’ aineolais ás an tàinig a’ Famine Song, agus ’s dòcha gum bi e ’na bhrosnachadh dhaibhsan aig a bheil ceanglaichean ri coimhearsnachd Dhìlseach Èirinn a-Tuath sùil na bu ghèire a thoirt air eachdraidh Ulaidh.
Tha planaichean ann cuideachd son buaidh galair a’ bhuntàta air Gaidhealtachd na h-Alba a chomharradh air a’ chuimhneachan. Ach on a bha an Riaghaltas, na h-eaglaisean ’s na buidhnean carthannais na bu deònaiche taic a thoirt don Ghaidhealtachd na do dh’Èirinn, sheachainn i, mar a sheachainn an Eòrpa air fad, a’ mhòrchuid de na h-uabhasan. Tha a’ Ghort Mhòr ’s na h-adhbharan a bh’ air a cùl fhathast ’nan lot domhainn a tha a’ ruith tro bheul-aithris theaghlaichean Èireannach air feadh an t-saoghail, rud nach eil fìor mu theaghlaichean Gaidhealach, a tha a’ glèidheadh àite sònraichte dhan chaora mhòir agus dhan chìobair Ghallda.
Advertisement
Hide AdTha e ceart buaidh nan Gaidheal air Glaschu a chuimhneachadh, ach cha b’ ionnan dualchas Ghaidheal Èirinn agus Alba sa bhaile mhòr no sna sgìrean ás an tàinig iad, gu dearbh chan eil coimeas idir air mar a bhuail a’ Ghort air na sgìrean seo – b’ann nas miosa buileach a bha cùisean an Èirinn. Ged nach eil Ó Daltúin ag aontachadh, dh’fhaodte gum bi iomradh air Albannaich air clach no clachan a thèid a thogail mar chuimhne air tachartas a tha gu sònraichte ceangailte ri Èirinn air fhaicinn ’na ghèilleadh do luchd a’ ghràin-chinnidh nach toireadh meas do dh’fhulang na h-Èireann no a sluaigh.
Tha planaichean aig ìre thràth an-dràsta, ach tha e coltach gun gabh an cuimhneachan cruth cuartain neo maze chloiche faisg air Lùchairt an t-Sluaigh. Ge b’e dè an coltas a bhios air, bidh e ’na cheum mòr air adhart ann an leasachadh a’ bhaile. Ged a bha còmhstri agus beachdan dùbhlanach on dà chuid cùbaidean agus pàipearan-naidheachd an aghaidh in-imrich feumar cuimhneachadh gun deach na mìltean a shàbhaladh le carthannas agus daonnachd muinntir Ghlaschu, ’s ás an aonais cha bhiodh iomadh neach a tha ’nar measg beò an-diugh. “Sann do na h-uile ann an Glaschu a bhios an cuimhneachan seo, ’s tha mi faireachdainn gu mòr mar fhear a mhuinntir Ghlaschu,” thuirt Ó Daltúin.
’S math gu bheil am baile fhathast a’ cur fàilt’ air a leithid.