Comhairle a’ bhàird — ‘na cuir air ais e’
Fhuair Aonghas MacNeacail, a tha a’ fuireach ann an Carlops anns na Crìochan, a-mach an-uiridh gun robh aillse caolain air as dèidh dha deuchainn a dhèanamh, ach mar a tha e fhèin a’ mìneachadh, bha fios aige mar-thà, ach chuir e dheth dad a dhèanamh mu dheidhinn. Thuirt e: “Fhuair mi fios mu bhliadhna ro làimh, agus chuir mi dheth e mar gum biodh. Cha robh càil air a bhith orm, ach gun robh beagan fala san faeces agam.”
“Tha thu ga chleith bhuat fhèin ann an dòigh. Mar sin leig mi seachad a’ chiad chothrom son a dhol air son an sgrùdadh ceart, ach an dàrna turas chaidh mi ann ’s chaidh innse dhomh gun robh e air a bhith fàs o chionn mu shia bliadhna agus gum feumainn fhaighinn air a sgrùdadh. Cha robh e uabhasach fada an uair sin eadar an deuchainn agus mi dol fon lannsa. Agus se keyhole surgery a rinn iad.”
Advertisement
Hide AdCha robh ann ach mìos eadar na sgrùdaidhean san ospadal agus an obair lannsa. “Se an aon chràdh a dh’fhairich mi, as dèidh dhomh a dhol fon lannsa, cha robh càil ann a thaobh a’ chaolain fhèin, ach chaidh an gearradh air a’ chraiceann air an taobh a-muigh septic. Ach sin an aon phian a dh’fhairich mi, agus aon uair gun robh iad air an lot sin fhosgladh gus am puinnsean a leigeil ás, cha robh trioblaid sam bith ann an uair sin. Tha mi a’ faighinn chemo an-dràsta agus mairidh sin sia mìosan uile gu lèir. Bidh e gam fhàgail sgìth agus cadal-deilgneach ’na mo chorragan, sin an dà bhuaidh a tha air a bhith aige orm.”
Tha mar nach robh Aonghas a’ faireachdainn dad ceàrr air a’ sealltainn cho cudromach ’s a bha an deuchainn a rinn e aig an taigh. Thuirt e: “Se a’ chomhairle a bheirinn do dhuine sam bith, ma tha thu a’ faighinn cothrom a dhol air son deuchainn gus dearbhadh gu bheil thu slàn no gu bheil a leithid ort, na cuir air ais e. Bidh daoine beagan air an nàrachadh, agus se faighinn thairis air sin. Tha dotairean ag obair leis fad na h-ùine ’s feumaidh sinn sin a chuimhneachadh. Chan urrainn dhomh moladh gu leòr a dhèanamh air a h-uile cobhair is cùram a tha mi air fhaighinn, aig an ìre ionadail agus anns an ospadal, tha e dìreach air leth.”
Se aillse caolain an treas aillse as cumanta ann an Alba, le mu 4,000 duine a’ faighinn fios gach bliadhna gu bheil i orra. Ach ma thèid an aillse a lorg tràth, tha naodhnar ás gach deichnear a’ tighinn beò. Bidh aillse caolain air aonan ás gach 19 daoine ann an Alba uaireigin ’nam beatha.
Bidh Emma NicAnndrais a’ bruidhinn ás leth Aillse Caolain na Rìoghachd Aonaichte (Bowel Cancer UK). Thuirt i: “Gabhaidh leigheas a dhèanamh air aillse caolain, gu h-àraidh ma gheibhear lorg oirre tràth. Sin as coireach gu bheil e cho cudromach gun cleachd daoine an acfhainn dheuchainn a gheibh iad. Tha cuid a dhaoine air an nàrachadh mu dheidhinn agus mu bhith dèanamh na deuchainn no mu bhith bruidhinn mu dheidhinn, ach bu chòir do charaidean agus càirdean nas urrainn dhaibh a dhèanamh gus daoine a bhrosnachadh a bhith dèanamh na deuchainn. Tha na deuchainnean seo air beatha iomadh duine a shàbhaladh.”
Tha prògram nan deuchainnean air son aillse caolain ag iarraidh air gach neach eadar 50 agus 74 bliadhna a dh’aois, a tha clàraichte le GP, deuchainn a dhèanamh gach dà bhliadhna. Gu math tric chan eil comharran eile ann gu bheil aillse caolain ort, agus mar sin tha e glè chudromach gun dèan daoine na deuchainnean seo. As dèidh 74 bliadhna a dh’aois, faodaidh daoine fhathast iad fhèin cur a dh’iarraidh acfhainn deuchainn.
Gheibh daoine an acfhainn sa phost agus aon uair ’s gu bheil iad air deuchainn a dhèanamh air a’ faeces aca, faodaidh iad sampall a thilleadh. Agus ma tha daoine a’ faireachdainn càil ás an àbhaist a thaobh an cuid shlàinte, bu chòir dhaibh a dhol dhan dotair, ged nach eil iad air deuchainn a dhèanamh, neo anns an dà bhliadhna eadar na deuchainnean.
Advertisement
Hide AdAir son tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn nan deuchainnean air son aillse caolain, agus air son comhairle a thaobh a bhith fallain agus a bhith gleidheadh ur slàinte, faodaidh sibh tadhal air www.bowelscreeningtest.org air no fònadh chun a’ Scottish Bowel Screening Helpline air 0800 0121 833. Mar a tha an iomairt ag ràdh, dèan an deuchainn agus na gabh teans. Thoradh tha na deuchainnean seo a’ sàbhaladh 150 neach gach bliadhna bho bhàs bho aillse caolain, ach fhathast chan eil cha mhòr leth de na daoine, a bu chòir a bhith dèanamh nan deuchainnean seo, gan dèanamh.